Search form

Deuteronomi 2

1An sin thill sinn, agus ghabh sinn ar turas don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe, mar a labhair an Tighearna riumsa; agus chuartaich sinn sliabh Sheir mòran làithean.

2Agus labhair an Tighearna rium, ag ràdh,

3Chuartaich sibh an sliabh seo fada gu leòr; tillibh ri tuath.

4Agus àithn thusa don t‑sluagh, ag ràdh, Tha sibh gu dol tro chrìch ur bràithrean, clann Esau, a tha a chòmhnaidh ann an Seir, agus bidh eagal orra romhaibh: ach thugaibh aire mhath dhuibh fhèin.

5Na beanaibh riu; oir cha toir mi a’ bheag dem fearann dhuibh, cha toir uiread is leud troighe; a chionn gun tug mi sliabh Sheir do Esau mar sheilbh.

6Ceannaichidh sibh biadh uapa le airgead, a‑chum gun ith sibh; agus mar an ceudna, ceannaichidh sibh uisge uapa le airgead, a‑chum gun òl sibh.

7Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe: is aithne dha do thriall tron fhàsach mhòr seo; rè an dà‑fhichead bliadhna seo bha an Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhaidh nì sam bith ort.

8Agus nuair a chaidh sinn seachad o ar bràithrean, clann Esau, a bha a chòmhnaidh ann an Seir, trìd slighe a’ chòmhnaird o Elat, agus o Esion-gaber, thill sinn, agus chaidh sinn seachad air slighe fàsach Mhòaib.

9Agus thubhairt an Tighearna rium, Na buin gu naimhdeil ris na Mòabaich, agus na dèan strì riu ann an cath: oir cha toir mi dhut a’ bheag dem fearann mar sheilbh, a chionn gun tug mi Ar do chloinn Lot mar sheilbh.

10Bha na h‑Emich roimhe a chòmhnaidh ann, sluagh mòr, agus lìonmhor, agus àrd mar na h‑Anacaich;

11A mheasadh mar an ceudna nam famhairean mar na h‑Anacaich, ach thug na Mòabaich Emich mar ainm orra.

12Bha mar an ceudna na Horaich a chòmhnaidh roimhe sin ann an Seir; ach thàinig clann Esau nan dèidh, agus chuir iad as dhaibh as an sealladh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite, mar a rinn Israel ri fearann a sheilbh-san, a thug an Tighearna dhaibh.

13A‑nis èiribh suas, thubhairt mise, agus rachaibh thar sruth Shereid; agus chaidh sinn thar sruth Shereid.

14Agus b’i an ùine anns an tàinig sinn o Chadeis-barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth Shereid, ochd-bliadhna-deug ar fhichead; gus an robh ginealach an t‑sluaigh-chogaidh uile air an caitheamh a‑mach o mheasg an t‑slòigh, mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh.

15Oir da‑rìribh bha làmh an Tighearna nan aghaidh, gu an sgrios o mheasg an t‑sluaigh, gus an do chlaoidheadh iad.

16Agus thàrladh, nuair a bha na fir-chogaidh uile air an claoidh, agus air bàsachadh o mheasg an t‑sluaigh,

17Gun do labhair an Tighearna rium, ag ràdh,

18Tha thu gu dol thairis an‑diugh tro Ar, crìoch Mhòaib.

19Agus nuair a thig thu am fagas thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, cha mhò a bheanas tu riu: oir cha toir mi dhut sealbh sam bith de fhearann chloinn Amoin, a chionn gun tug mi e do chloinn Lot mar sheilbh.

20Mheasadh sin mar an ceudna na fhearann fhamhairean; ghabh famhairean còmhnaidh ann anns an t‑seann aimsir, agus thug na h‑Amonaich Samsumaich mar ainm orra;

21Sluagh mòr agus lìonmhor, agus àrd mar na h‑Anacaich; ach sgrios an Tighearna iad romhpa, agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite:

22Mar a rinn e ri cloinn Esau a bha a chòmhnaidh ann an Seir, nuair a sgrios e na Horaich romhpa; agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite, eadhon gus an là‑an‑diugh:

23Agus na h‑Abhaich a bha a chòmhnaidh ann an Haserim, eadhon gu Gadsa, sgrios na Caphtoraich a thàinig a‑mach à Caphtor iad, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite.

24Eiribh suas, gabhaibh ur turas, agus rachaibh thar sruth Arnoin: feuch, thug mi dod làimh Sihon an t‑Amorach, rìgh Hesboin, agus a fhearann: tòisich air a shealbhachadh, agus dèan strì ris ann an cath.

25Air an là‑an‑diugh tòisichidh mi air d’uamhann-sa agus d’eagal a chur air na cinnich a tha fo nèamh uile, a chluinneas iomradh ort: agus criothnaichidh iad, agus bidh cràdh orra ad làthair.

26Agus chuir mi teachdairean à fàsach Chedemoit gu Sihon rìgh Hesboin, le briathran sìthe, ag ràdh,

27Leig dhomh gabhail tro d’fhearann: imichidh mi romham air an rathad mhòr, cha tionndaidh mi aon chuid a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.

28Biadh airson airgid reicidh tu rium, a‑chum is gun ith mi, agus uisge airson airgid bheir thu dhomh, a‑chum is gun òl mi; a‑mhàin imichidh mi romham dem chois,

29(Mar a rinn clann Esau rium, a tha a chòmhnaidh ann an Seir, agus na Mòabaich a tha a chòmhnaidh ann an Ar,) gus an tèid mi thar Iòrdan, don fhearann a tha an Tighearna ar Dia a’ toirt dhuinn.

30Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh.

31Agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, thòisich mi air Sihon agus a fhearann a thoirt thairis ad fhianais: gabh sealbh, a‑chum is gum bi a fhearann agad mar oighreachd.

32An sin thàinig Sihon a‑mach nar n‑aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, a chogadh aig Iahas.

33Agus thug an Tighearna ar Dia thairis e romhainn, agus bhuail sinn e fhèin, agus a mhic, agus a shluagh uile.

34Agus ghlac sinn a bhailtean uile anns an àm sin, agus sgrios sinn gu tur fir, agus mnathan, agus clann bheag gach baile; cha d’fhàg sinn a h‑aon a làthair:

35A‑mhàin ghabh sinn dhuinn fhèin an sprèidh mar chobhartach, agus creach nam bailtean a ghlac sinn.

36O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus on bhaile a tha làimh ris an t‑sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon bhaile tuilleadh is làidir air ar son; thug an Tighearna ar Dia iad uile thairis dhuinn.

37A‑mhàin gu fearann chloinn Amoin cha tàinig thu, no gu àite sam bith am fagas do shruth Iaboic, no gus na bailtean am measg nam beann, no gu àite sam bith a thoirmisg an Tighearna ar Dia dhuinn.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index