Search form

Deuteronomi 3

1An sin thill sinn, agus chaidh sinn suas air an t‑slighe gu Basan; agus thàinig Og rìgh Bhasain a‑mach nar n‑aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei.

2Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Na biodh eagal ort roimhe; oir dod làimh-sa bheir mise thairis e fhèin, agus a shluagh uile, agus a fhearann; agus nì thu ris mar a rinn thu ri Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh aig Hesbon.

3Mar sin thug an Tighearna ar Dia thairis dar làimh-ne mar an ceudna Og rìgh Bhasain, agus a shluagh uile: agus bhuail sinn e, gus nach d’fhàgadh a h‑aon beò aige.

4Agus ghlac sinn a bhailtean uile anns an àm sin; cha robh baile nach tug sinn uapa, trì-fichead baile, dùthaich Argoib uile, rìoghachd Og ann am Basan.

5Bha na bailtean sin uile air an daingneachadh le balla àrd, le geatachan agus le crainn, a thuilleadh air bailtean gun bhalla, ro‑mhòran.

6Agus sgrios sinn gu tur iad, mar a rinn sinn air Sihon rìgh Hesboin, a’ lèirsgrios fir, mnathan agus clann gach baile.

7Ach ghabh sinn an sprèidh uile, agus creach nam bailtean mar chobhartach dhuinn fhèin.

8Agus thug sinn anns an àm sin à làimh dà rìgh nan Amorach am fearann a tha air an taobh seo de Iòrdan, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin:

9(Thug na Sìdonaich Sirion mar ainm air Hermon: agus thug na h‑Amoraich Senir mar ainm air:)

10Bailtean a’ chòmhnaird uile, agus Gilead uile, agus Basan uile, gu Salcha agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan:

11Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.

12Agus am fearann seo, a shealbhaich sinn anns an àm sin, o Aroer, a tha làimh ri sruth Arnoin, agus leth sliabh Ghilead, agus a bhailtean, thug mi do na Reubenich, agus do na Gadaich.

13Agus a’ chuid eile de Ghilead, agus Basan uile, eadhon rìoghachd Og, thug mi do leth-threubh Mhanaseh; dùthaich Argoib uile, maille ri Basan uile, don ainm fearann nam famhairean.

14Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan-habhot-iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh.

15Agus thug mi Gilead do Mhachir.

16Agus do na Reubenich, agus do na Gadaich, thug mi o Ghilead eadhon gu sruth Arnoin, leth a’ ghlinne, agus an t‑iomall, eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin:

17An còmhnard mar an ceudna, agus Iòrdan, agus a chrìochan, o Chineret, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shalainn fo Asdot-pisgah a làimh na h‑àird an ear.

18Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia dhuibh am fearann seo ra shealbhachadh: thèid sibh a‑null fo ur n‑airm ro ur bràithrean clann Israeil, gach neach a tha foghainteach a‑chum cogaidh.

19Ach fanaidh ur mnathan, agus ur clann bheag, agus ur sprèidh (oir is aithne dhomh gu bheil mòran sprèidhe agaibh) nur bailtean a thug mi dhuibh;

20Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, cho math is dhuibhse, agus gus an sealbhaich iadsan mar an ceudna am fearann a thug an Tighearna ur Dia dhaibh an taobh thall de Iòrdan: agus an sin tillidh gach duine agaibh ga sheilbh, a thug mi dhuibh.

21Agus dh’àithn mi do Iosua anns an àm sin, ag ràdh, Chunnaic do shùilean na h‑uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia ris an dà rìgh sin: mar sin nì an Tighearna ris na rìoghachdan uile gus a bheil thu a’ dol.

22Cha bhi eagal oirbh romhpa: oir cogaidh an Tighearna ur Dia e fhèin air ur son.

23Agus ghuidh mi air an Tighearna anns an àm sin, ag ràdh,

24O Thighearna Dhè, thòisich thu air do mhòrachd agus do làmh chumhachdach a nochdadh dod òglach: oir cò an dia air nèamh no air talamh as urrainn a dhèanamh a rèir d’obrach-sa, agus a rèir do chumhachd-sa?

25Guidheam ort, leig dhomh dol thairis, agus am fearann math sin fhaicinn a tha an taobh thall de Iòrdan, an sliabh math sin, agus Lebanon.

26Ach bha fearg air an Tighearna rium air ur son-se, agus cha d’èisd e rium: agus thubhairt an Tighearna rium, Guma leòr leat e; na labhair nas mò rium mun chùis seo.

27Falbh suas gu mullach Phisgah, agus tog suas do shùilean ris an àird an iar, agus ris an àird a tuath, agus ris an àird a deas, agus ris an àird an ear, agus amhairc led shùilean; oir cha tèid thu thar Iòrdan seo.

28Ach thoir àithne do Iosua, agus thoir misneach dha, agus neartaich e: oir thèid esan thairis ron t‑sluagh seo, agus bheir e orra am fearann sin a chì thusa a shealbhachadh mar oighreachd.

29Mar sin ghabh sinn còmhnaidh anns a’ ghleann thall fa chomhair Bhet-peoir.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index