Search form

Deuteronomi 4

1A‑nis uime sin, èisd, O Israeil, ris na reachdan, agus ris na breitheanais, a tha mise a’ teagasg dhuibh a dhèanamh, a‑chum is gum bi sibh beò, agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann a bheir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh.

2Cha chuir sibh a’ bheag ris an fhacal a tha mise ag àithneadh dhuibh, cha mhò a bheir sibh nì sam bith uaithe, a‑chum is gun glèidh sibh àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mise ag àithneadh dhuibh.

3Chunnaic ur sùilean ciod a rinn an Tighearna a‑thaobh Bhàal-peoir: oir na daoine sin uile a lean Bàal-peor, sgrios an Tighearna ur Dia iad as ur measg.

4Ach tha sibhse, a lean ris an Tighearna ur Dia, beò gach aon agaibh air an là‑an‑diugh.

5Feuch, theagaisg mi dhuibh reachdan agus breitheanais, eadhon mar a dh’àithn an Tighearna mo Dhia dhomh, a‑chum is gun dèanadh sibhse mar sin anns an fhearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh.

6Uime sin gleidhibh agus dèanaibh iad; oir is e seo ur gliocas agus ur tuigse ann an sealladh nan cinneach, a chluinneas na reachdan sin uile, agus a their, Gu cinnteach is sluagh glic agus tuigseach an cinneach mòr seo.

7Oir cia e an cinneach cho mòr, aig a bheil Dia am fagas dhaibh, mar a tha an Tighearna ar Dia-ne anns na h‑uile nithean airson a bheil sinne a’ gairm air?

8Agus cia an cinneach cho mòr, aig a bheil reachdan agus breitheanais cho ceart ris an lagh seo uile, a tha mise a’ cur romhaibh air an là‑an‑diugh?

9A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:

10Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.

11Agus thàinig sibh an fagas, agus sheas sibh fon t‑sliabh; agus bha an sliabh a’ losgadh le teine gu meadhon nèimh, maille ri duibhre, neòil, agus dubh-dhorchadas.

12Agus labhair an Tighearna ribh à meadhon an teine: chuala sibh guth nam briathran, ach coslas sam bith chan fhaca sibh; a‑mhàin chuala sibh guth.

13Agus chuir e an cèill dhuibh a choicheangal, a dh’àithn e dhuibh a choileanadh, eadhon deich àitheantan; agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche.

14Agus dh’àithn an Tighearna dhòmhsa anns an àm sin reachdan agus breitheanais a theagasg dhuibh, a‑chum gun dèanadh sibh iad anns an fhearann a thèid sibh a‑null ga shealbhachadh.

15Thugaibh uime sin an aire mhath dhuibh fhèin (oir chan fhaca sibh gnè coslais sam bith anns an là air an do labhair an Tighearna ribh ann an Hòreb, à meadhon an teine),

16Air eagal gun truaill sibh sibh fhèin, agus gun dèan sibh dhuibh fhèin dealbh snaidhte, coslas riochd air bith, coslas fir no mnà,

17Coslas ainmhidh sam bith a tha air an talamh, coslas eòin sgiathaich air bith a dh’itealaicheas anns an adhar,

18Coslas nì sam bith a shnàigeas air an làr, coslas èisg air bith a tha anns na h‑uisgeachan fon talamh;

19Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.

20Ach ghabh an Tighearna sibhse, agus thug e a‑mach sibh as an àmhainn iarainn, as an Eiphit, gu bhith nur sluagh airson oighreachd dha fhèin, mar air an là‑an‑diugh.

21Agus bha fearg aig an Tighearna riumsa air ur son-se, agus mhionnaich e nach rachainn thar Iòrdan, agus nach rachainn a‑steach don fhearann mhath sin a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut mar oighreachd.

22Ach is èiginn dhomh bàs fhaotainn anns an fhearann seo, cha tèid mi thar Iòrdan; ach thèid sibhse a‑null, agus sealbhaichidh sibh am fearann math sin.

23Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gun dìochuimhnich sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a rinn e ribh, agus gun dèan sibh dhuibh fhèin dealbh snaidhte, coslas nì air bith a thoirmisg an Tighearna do Dhia dhut:

24Oir is teine dian-loisgeach an Tighearna do Dhia; is Dia eudmhor e.

25Nuair a ghineas tu clann, agus clann cloinne, agus a dh’fhanas sibh fada anns an fhearann, agus a thruailleas sibh sibh fhèin, agus a nì sibh dealbh snaidhte, coslas nì sam bith, agus a nì sibh olc ann an sealladh an Tighearna do Dhia, agus a bhrosnaicheas sibh e gu feirg;

26Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.

27Agus sgapaidh an Tighearna sibh am measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc an àireamh am measg nan cinneach, far an toir an Tighearna sibh.

28Agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan, obair làmhan dhaoine, fiodh agus clach, nach faic, agus nach cluinn, agus nach ith, agus nach fairich fàile.

29Ach ma dh’iarras tu an Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e led uile chridhe, agus led uile anam.

30Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth:

31(Oir is Dia tròcaireach an Tighearna do Dhia-sa) cha trèig e thu, cha mhò a sgriosas e thu, no a dhìochuimhnicheas e coicheangal d’athraichean, a mhionnaich e dhaibh.

32Oir fiosraich a‑nis de na làithean a chaidh seachad, a bha romhad, on là air an do chruthaich Dia an duine air an talamh, agus fiosraich o aon iomall de nèamh gus an t‑iomall eile, an robh riamh nì sam bith ann mar an nì mòr seo, no an cualas nì cosmhail ris?

33An cuala sluagh sam bith guth Dhè a’ labhairt à meadhon an teine, mar a chuala tusa, agus an do mhair iad beò?

34No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?

35Dhutsa nochdadh e, a‑chum gum biodh fios agad gur e an Tighearna as Dia ann; chan eil ann ach e.

36A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a‑chum gun teagaisgeadh e thu; agus air talamh nochd e dhut a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran à meadhon an teine.

37Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit;

38A dh’fhuadachadh a‑mach chinneach romhad, as mò agus as cumhachdaiche na thusa, gud thoirt-sa a‑steach a thoirt dhut am fearainn na oighreachd, mar air an là‑an‑diugh.

39Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

40Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, agus a‑chum gum buanaich thu do làithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut gu bràth.

41An sin chuir Maois air leth trì bailtean air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine;

42A‑chum is gun teicheadh am marbhaiche an sin, a mharbh a choimhearsnach gun fhios dha, agus gun fhuath aige dha anns an aimsir a chaidh seachad: agus gun teicheadh e gu aon de na bailtean sin, agus gum maireadh e beò:

43Eadhon Beser anns an fhàsach, ann an dùthaich a’ chòmhnaird, de na Reubenich; agus Ramot ann an Gilead, de na Gadaich; agus Golan ann am Basan, de na Manasaich.

44Agus is e seo an lagh a chuir Maois ro chloinn Israeil.

45Is iad seo na teisteis, agus na reachdan, agus na breitheanais, a labhair Maois ri cloinn Israeil, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit.

46Air an taobh seo de Iòrdan anns a’ ghleann thall fa chomhair Bhet-peoir, ann am fearann Shihoin rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, a bhuail Maois agus clann Israeil, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit:

47Agus shealbhaich iad a fhearann, agus fearann Og rìgh Bhasain, dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine;

48O Aroer, a tha làimh ri bruaich sruth Arnoin, eadhon gu sliabh Shihoin, as e Hermon;

49Agus an còmhnard uile air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, fo thobraichean Phisgah.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index