Search form

Ecsodus 13

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Naomhaich dhòmhsa gach ciad-ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e.

3Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

4Air an là‑an‑diugh thàinig sibh a‑mach, ann am mìos Abib.

5Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e dod athraichean gun tugadh e dhut, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, an sin coimheadaidh tu an t‑seirbhis seo anns a’ mhìos seo.

6Seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, agus air an t‑seachdamh là bidh fèill don Tighearna.

7Ithear aran neo-ghortaichte seachd làithean; agus chan fhaicear aran gortaichte agad, agus cha mhò a chìthear taois ghoirt agad ann ad chrìochan uile.

8Agus innsidh tu dod mhac anns an là sin, ag ràdh, Nìthear seo air sgàth an nì sin a rinn an Tighearna dhòmhsa, nuair a thàinig mi a‑mach as an Eiphit.

9Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

10Air an adhbhar sin coimheadaidh tu an t‑òrdagh seo na thràth fhèin o bhliadhna gu bliadhna.

11Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach mar a mhionnaich e dhutsa agus dod athraichean, agus a bheir e dhut e,

12An sin cuiridh tu air leth don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, agus gach ciad-ghin a thig o ainmhidh as leatsa; buinidh iadsan a tha fireann nam measg don Tighearna.

13Agus gach ciad-ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach: agus gach ciad-ghin duine am measg do chloinne fuasglaidh tu.

14Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

15Agus nuair a chruadhaich Phàraoh e fhèin, agus nach b’àill leis ar leigeadh air falbh, an sin mharbh an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon ciad-ghin duine, agus ciad-ghin ainmhidh; air an adhbhar sin, ìobraidh mi don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, mas fireann iad, ach uile chiad-ghin mo chloinne fuasglaidh mi.

16Agus bidh e mar chomharradh air do làimh, agus mar aodannan eadar do shùilean; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit.

17Agus eadhon nuair a leig Phàraoh don t‑sluagh imeachd, cha do threòraich Dia iad air slighe tìr nam Philisteach, ged bha sin aithghearr; oir thubhairt Dia, Air eagal gum bi aithreachas air an t‑sluagh nuair a chì iad cogadh, agus gun till iad don Eiphit.

18Ach threòraich Dia an sluagh mun cuairt, air slighe fàsach na mara ruaidhe: agus chaidh clann Israeil suas ann an òrdagh catha à tìr na h‑Eiphit.

19Agus thug Maois cnàmhan Iòseiph leis: oir ghabh e mionnan teann de chloinn Israeil, ag ràdh, Gu cinnteach amhaircidh Dia oirbhse, agus bheir sibh suas mo chnàmhan leibh as a seo.

20Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, ann an iomall an fhàsaich.

21Agus chaidh an Tighearna romhpa anns an là ann am meall neòil, a‑chum an treòrachadh air an t‑slighe, agus anns an oidhche ann am meall teine a thoirt solais dhaibh, gu imeachd a là agus a dh’oidhche.

22Cha tug e air falbh am meall neòil anns an là, no am meall teine anns an oidhche, à làthair an t‑sluaigh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index