Search form

Ecsodus 15

1An sin chan Maois agus clann Israeil an laoidh seo don Tighearna, agus labhair iad ag ràdh, Canaidh mise don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.

2Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.

3Is fear-cogaidh an Tighearna; is e an Tighearna as ainm dha.

4Carbadan Phàraoh agus a armailt thilg e anns an fhairge; agus tha rogha a cheannardan air am bàthadh anns an fhairge ruaidh.

5Dh’fhalaich na doimhneachdan iad; chaidh iad sìos don aigeann mar chloich.

6Rinneadh do dheaslàmh, O Thighearna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris do dheaslàmh, O Thighearna, an nàmhaid na bhloighdean.

7Agus ann am meud d’òirdheirceis chlaoidh thu iadsan a dh’èirich suas ad aghaidh; chuir thu d’fhearg a‑mach, loisg i suas iad mar asbhuain.

8Agus le anail do shròine chruinnicheadh na h‑uisgeachan; sheas na tuiltean suas mar thòrr, chruadhaich na doimhneachdan ann am meadhon na fairge.

9Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.

10Shèid thu led ghaoith, chòmhdaich an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh anns na h‑uisgeachan làidir.

11Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

12Shìn thu a‑mach do dheaslàmh; shluig an talamh suas iad.

13Threòraich thu ann ad thròcair an sluagh seo a shaor thu; thug thu iad ann ad neart a‑chum àite-còmhnaidh do naomhachd.

14Nuair a chluinneas na cinnich bidh eagal orra; thig doilgheas air luchd-àiteachaidh Phailistìna.

15An sin bidh uamhann air cinn-fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air daoine treuna Mhòaib; leaghaidh air falbh luchd-àiteachaidh Chanàain uile.

16Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.

17Bheir thu a‑steach iad, agus suidhichidh tu iad ann an sliabh d’oighreachd, anns an àit a rinn thu dhut fhèin, a Thighearna, a‑chum còmhnaidh a ghabhail ann, anns an ionad naomh, a Thighearna, a dhaingnich do làmhan-sa.

18Rìghichidh an Tighearna gu saoghal nan saoghal.

19Oir chaidh eich Phàraoh a‑steach le a charbadan agus le a mharc-shluagh anns an fhairge, agus thug an Tighearna uisgeachan na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge.

20Agus ghlac Miriam a’ bhan-fhàidh, piuthar Aaroin, tiompan na làimh; agus chaidh na mnathan uile a‑mach na dèidh le tiompanan agus le dannsa.

21Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.

22Mar sin thug Maois Israel on mhuir ruaidh, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad trì làithean anns an fhàsach, agus cha d’fhuair iad uisge.

23Agus nuair a thàinig iad gu Màrah, cha b’urrainn iad uisgeachan Mhàrah òl, oir bha iad searbh; uime sin thugadh Màrah mar ainm air.

24Agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, ag ràdh, Ciod a dh’òlas sinn?

25Agus dh’èigh esan ris an Tighearna, agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus thilg e anns na h‑uisgeachan e, agus rinneadh na h‑uisgeachan milis: ann an sin rinn e lagh agus òrdagh dhaibh, agus ann an sin dhearbh e iad;

26Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

27Agus thàinig iad gu Elim far an robh dà‑thobar-dheug uisge, agus deich agus trì-fichead crann pailme; agus champaich iad an sin làimh ris na h‑uisgeachan.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index