Search form

Ecsodus 16

1Agus dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coitheanal chloinn Israeil uile gu fàsach Shin a tha eadar Elim agus Sinài, air a’ chòigeamh-là‑deug den dara mìos an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

2Agus rinn coitheanal chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus Aaroin anns an fhàsach.

3Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras.

4An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais.

5Agus air an t‑siathamh là ullaichidh iad an nì sin a bheir iad a‑steach, agus bidh e a dhà uimhir agus a chruinnicheas iad gach là eile.

6Agus thubhairt Maois agus Aaron ri cloinn Israeil uile, Mu fheasgar, an sin bidh fhios agaibh gun tug an Tighearna a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit.

7Agus anns a’ mhadainn, an sin chì sibh glòir an Tighearna; do bhrìgh gu bheil e a’ cluinntinn ur gearain an aghaidh an Tighearna: agus ciod sinne, gu bheil sibh a’ dèanamh gearain nar n‑aghaidh?

8Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.

9Agus thubhairt Maois ri Aaron, Abair ri coitheanal chloinn Israeil uile, Thigibh am fagas an làthair an Tighearna, oir chuala e ur gearan.

10Agus nuair a labhair Aaron ri coitheanal chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich, agus, feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann an neul.

11Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

12Chuala mi gearan chloinn Israeil; labhair riu, ag ràdh, Mu fheasgar ithidh sibh feòil, agus anns a’ mhadainn sàsaichear sibh le aran: agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

13Agus nuair a bha am feasgar ann, an sin thàinig na gearra-goirt a‑nìos, agus chòmhdaich iad an camp; agus anns a’ mhadainn bha an drùchd na laighe mu thimcheall a’ champa.

14Agus nuair a dh’èirich an drùchd, a bha na laighe, suas, feuch, bha air aghaidh an fhàsaich nì beag cruinn, beag mar an liath-reothadh air an talamh.

15Agus nuair a chunnaic clann Israeil e, thubhairt iad gach aon ri chèile, Mana: oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubhairt Maois riu, Seo an t‑aran a thug an Tighearna dhuibh ra ithe.

16Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, Cruinnichibh dheth gach duine a rèir a itheannaich, omer do gach neach a rèir àireamh ur n‑anaman; gabhadh gach duine agaibh air an son-san a tha na bhùth.

17Agus rinn clann Israeil mar sin, agus chruinnich iad, cuid na bu mhò, agus cuid na bu lugha.

18Agus nuair a thomhais iad e le omer, cha robh a’ bheag thairis aigesan a chruinnich na bu mhò, agus air-san a chruinnich na bu lugha, cha robh uireasbhaidh: chruinnich gach duine a rèir a itheannaich.

19Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh duine sam bith dheth gu madainn.

20Gidheadh cha d’èisd iad ri Maois, ach dh’fhàg cuid dhiubh dheth gu madainn, agus ghin e cnuimhean, agus lobh e: agus bha corraich air Maois riu.

21Agus chruinnich iad e air gach madainn, gach duine a rèir a itheannaich; agus nuair a dh’fhàs a’ ghrian teth, leaghadh e.

22Agus air an t‑siathamh là chruinnich iad a dhà uiread arain, dà omer airson gach aoin: agus thàinig uachdarain a’ choitheanail uile, agus dh’innis iad sin do Mhaois.

23Agus thubhairt e riu, Seo an nì a labhair an Tighearna, Bidh fois na sàbaid naoimh don Tighearna a‑màireach: a mheud is a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh an‑diugh, agus a mheud is a tha sibh gu bhruithe, bruithibh; agus gach nì a bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fhèin gu madainn.

24Agus thaisg iad suas e gu madainn, mar a dh’àithn Maois; agus cha do lobh e, cha mhò a bha cnuimh sam bith ann.

25Agus thubhairt Maois, Ithibh sin an‑diugh, oir tha sàbaid ann an‑diugh don Tighearna; an‑diugh chan fhaigh sibh e anns a’ mhachair.

26Sia làithean cruinnichidh sibh e, ach air an t‑seachdamh là bidh an t‑sàbaid; cha bhi e ann air an là sin.

27Agus thàrladh air an t‑seachdamh là gun deachaidh cuid den t‑sluagh a‑mach ga chruinneachadh, agus cha d’fhuair iad a’ bheag.

28Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhada a dhiùltas sibh m’àitheantan-sa a choimhead, agus mo reachdan?

29Faicibh, do bhrìgh gun tug an Tighearna dhuibh an t‑sàbaid, air an adhbhar sin tha e a’ tabhairt dhuibh air an t‑siathamh là aran dà là: fanaibh, gach duine na àite fhèin; na rachadh duine sam bith a‑mach as a àit air an t‑seachdamh là.

30Mar sin ghabh an sluagh fois air an t‑seachdamh là.

31Agus thug taigh Israeil Mana mar ainm air; agus bha e mar fhrois coriandeir, geal, agus a bhlas mar abhlain air an dèanamh le mil.

32Agus thubhairt Maois, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, Lìon omer dheth gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean, a‑chum gum faic iad an t‑aran leis an do bheathaich mi sibh anns an fhàsach, nuair a thug mi a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit.

33Agus thubhairt Maois ri Aaron, Gabh soitheach, agus cuir ann làn omeir de Mhana, agus taisg e an làthair an Tighearna, gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean.

34Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an làthair na Fianais, gu bhith air a ghleidheadh.

35Agus dh’ith clann Israeil am Mana dà‑fhichead bliadhna, gus an tàinig iad gu tìr àitichte: dh’ith iad am Mana, gus an tàinig iad gu crìch tìr Chanàain.

36A‑nis is e omer an deicheamh cuid de ephah.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index