Search form

Ecsodus 17

1Agus dh’imich coitheanal chloinn Israeil uile o fhàsach Shin a rèir an turasan, mar a dh’àithn an Tighearna, agus champaich iad ann an Rephidim; agus cha robh uisge ann don t‑sluagh ri òl.

2Uime sin rinn an sluagh connsachadh ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn uisge a‑chum is gun òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, Carson a tha sibh a’ connsachadh riumsa? Carson a bhrosnaicheas sibh an Tighearna?

3Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Eiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?

4Agus dh’èigh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Ciod a nì mi ris an t‑sluagh seo? Is beag nach eil iad gam chlachadh.

5Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich ron t‑sluagh, agus thoir leat cuid de sheanairean Israeil; agus do shlat leis an do bhuail thu an abhainn gabh ad làimh, agus bi ag imeachd:

6Feuch, seasaidh mise romhad an sin, air a’ charraig ann an Hòreb, agus buailidh tusa a’ charraig, agus thig uisge a‑mach aisde, a‑chum gun òl an sluagh. Agus rinn Maois mar sin ann an sealladh seanairean Israeil.

7Agus thug e mar ainm air an àite Masah agus Meribah, airson connsachadh chloinn Israeil, agus do bhrìgh gun do bhrosnaich iad an Tighearna, ag ràdh, A bheil an Tighearna nar measg, no nach eil?

8An sin thàinig Amalec, agus chog e ri Israel ann an Rephidim.

9Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.

10Agus rinn Iosua mar a thubhairt Maois ris, agus chog e ri Amalec. Agus chaidh Maois, Aaron, agus Hur, suas gu mullach an t‑slèibh.

11Agus nuair a thog Maois suas a làmh, an sin bhuadhaich Israel, agus nuair a leag e sìos a làmh, bhuadhaich Amalec.

12Ach bha làmhan Mhaois trom, agus ghabh iad clach, agus chuir iad foidhe i, agus shuidh e oirre: agus chùm Aaron agus Hur suas a làmhan, fear dhiubh air aon taobh, agus fear air an taobh eile: agus bha a làmhan seasmhach gu laighe na grèine.

13Agus chlaoidh Iosua Amalec agus a dhaoine le faobhar a’ chlaidheimh.

14Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasan Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh.

15Agus thog Maois altair, agus thug e Iehòbhah-Nisi mar ainm oirre;

16Oir thubhairt e, Do bhrìgh gun do mhionnaich an Tighearna gum bi cogadh aig an Tighearna ri Amalec o linn gu linn.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index