Search form

Ecsodus 19

1Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài.

2Oir dh’imich iad o Rephidim, agus thàinig iad gu fàsach Shinài, agus champaich iad anns an fhàsach; agus champaich Israel ann an sin fa chomhair an t‑slèibh.

3Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil:

4Chunnaic sibh na rinn mi ris na h‑Eiphitich, agus cionnas a ghiùlain mi sibhse mar air sgiathan iolairean, agus a thug mi am ionnsaigh fhèin sibh.

5A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile.

6Agus bidh sibh dhòmhsa nur rìoghachd shagart, agus nur cinneach naomh. Is iad sin na briathran a labhras tu ri cloinn Israeil.

7Agus thàinig Maois agus ghairm e air seanairean an t‑sluaigh, agus chuir e romhpa na briathran sin uile a dh’àithn an Tighearna dha:

8Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.

9Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna.

10Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.

11Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài.

12Agus suidhichidh tu crìochan don t‑sluagh mun cuairt, ag ràdh, Thugaibh an aire dhuibh fhèin, nach tèid sibh suas don t‑sliabh, agus nach bean sibh ra iomall: gach neach a bheanas ris an t‑sliabh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

13Cha bhean làmh ris; oir gu deimhinn clachar e, no sàthar sleagh troimhe: mas ainmhidh no duine e, cha mhair e beò. Nuair a shèideas an trompaid rè ùine fhada, thig iadsan a‑nìos don t‑sliabh.

14Agus chaidh Maois sìos on t‑sliabh a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich e an sluagh, agus nigh iad an aodach.

15Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Bithibh deas air cheann an treas là: na tigibh am fagas dur mnathan.

16Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.

17Agus thug Maois an sluagh a‑mach as a’ champ an coinneamh Dhè, agus sheas iad aig ìochdar an t‑slèibh.

18Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.

19Agus nuair a bha fuaim na trompaid a’ dol a‑mach, agus a’ fàs ro‑làidir, an sin labhair Maois, agus fhreagair Dia e le guth.

20Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas.

21Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh.

22Agus mar an ceudna, na sagartan a thig am fagas don Tighearna, naomhaicheadh iad iad fhèin, air eagal gum bris an Tighearna a‑mach orra.

23Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Chan eil e an comas don t‑sluagh teachd a‑nìos do shliabh Shinài; oir thug thu àithne dhuinn, ag ràdh, Cuir crìochan mun t‑sliabh, agus naomhaich e.

24Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich romhad, falbh sìos, agus thig a‑nìos thu fhèin, agus Aaron maille riut; ach na briseadh na sagartan agus an sluagh a‑steach, gu teachd a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, air eagal gum bris e a‑mach orra.

25Agus chaidh Maois sìos a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus labhair e riu.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index