Search form

Ecsodus 20

1Agus labhair Dia na briathran seo uile, ag ràdh,

2Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

3Na biodh diathan sam bith eile agad am làthair-sa.

4Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

5Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

6Agus a’ nochdadh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimheadas m’àitheantan.

7Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.

8Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.

9Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile.

10Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là sin na dèan obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan:

11Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.

12Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.

13Na dèan mortadh.

14Na dèan adhaltranas.

15Na dèan gadachd.

16Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

17Na sanntaich taigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no aon nì as led choimhearsnach.

18Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.

19Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.

20Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.

21Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.

22Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chunnaic sibh gun do labhair mi ribh o nèamh.

23Cha dèan sibh maille riumsa diathan airgid, agus diathan òir cha dèan sibh dhuibh fhèin.

24Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

25Agus ma nì thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal-snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i.

26Cha mhò a thèid thu suas air ceuman a dh’ionnsaigh m’altarach, a‑chum nach leigear ris do lomnochdaidh oirre.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index