Search form

Ecsodus 21

1A‑nis is iad seo na breitheanais a chuireas tu romhpa.

2Ma cheannaicheas tu òglach Eabhraidheach, sia bliadhna nì e seirbhis; agus anns an t‑seachdamh thèid e a‑mach saor, an asgaidh.

3Mas ann a‑mhàin leis fhèin a thàinig e a‑steach, leis fhèin thèid e a‑mach; ma bha bean aige, thèid mar an ceudna a bhean a‑mach maille ris.

4Ma thug a mhaighistir bean dha, agus gun do rug i dha mic no nigheanan, bidh a’ bhean agus a clann aig a maighistir, agus thèid esan a‑mach leis fhèin.

5Ach ma their an t‑òglach gu cinnteach, Is toigh leam mo mhaighistir, mo bhean, agus mo chlann, cha tèid mi a‑mach saor:

6An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth.

7Agus ma reiceas duine a nighean gu bhith na banoglaich, cha tèid i a‑mach mar a thèid na h‑òglaich.

8Mura taitinn i ra maighistir, a rinn ceangal-pòsaidh rithe, an sin bheir e fa‑near gum fuasglar i: ri cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach rithe.

9Agus ma cheangail e ra mhac i, a rèir modh nan nighean nì e rithe.

10Ma ghabhas e bean eile dha fhèin, a biadh, a h‑aodach, agus a dlighe-pòsaidh, cha lùghdaich e.

11Agus mura dèan e na trì nithean sin rithe, an sin thèid i a‑mach saor gun airgead.

12Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

13Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e.

14Ach ma thig duine gu dàn air a choimhearsnach, ga mharbhadh le ceilg, om altair bheir thu e, a‑chum gum bàsaich e.

15Agus esan a bhuaileas a athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

16Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

17Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

18Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail duine a choimhearsnach le cloich, no le a dhòrn, agus nach faigh e bàs, ach gun gabh e a leabaidh:

19Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan.

20Agus ma bhuaileas duine a òglach no a bhanoglach le slait, agus gum bàsaich e fo a làimh, dìolar air gu deimhinn:

21Ach ma mhaireas e beò là, no dà là, cha dìolar air; oir is e a airgead e.

22Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail iad bean thorrach, agus gun dealaich i ra cloinn, ach nach faigh i bàs; cuirear gu cinnteach ùnlagh air, a rèir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’òrdaicheas na britheamhan.

23Ach ma gheibh i bàs, an sin bheir thu anam airson anama,

24Sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise,

25Losgadh airson losgaidh, lot airson lotaidh, buille airson buille.

26Agus ma bhuaileas duine sùil a òglaich, no sùil a bhanoglaich, agus gum mill e i, leigidh e as saor e airson a shùla.

27Agus ma chuireas e fiacail as a òglach, no fiacail as a bhanoglaich, leigidh e as saor e airson a fhiacla.

28Agus ma reubas damh duine no bean le a adhairc, agus gum faigh e bàs, gu cinnteach clachar an damh, agus chan ithear a fheòil; ach bidh sealbhadair an daimh neochiontach.

29Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus gun do dhearbhadh sin da shealbhadair, agus nach do ghlèidh e a‑staigh e, agus gun do mharbh e duine no bean, clachar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs.

30Ma chuirear airgead-rèitich air, an sin bheir e mar èirig a anama ge bè nì a chuirear air.

31Mas mac a reub e le a adhairc, no mas nighean a reub e, a rèir a’ bhreitheanais seo nìthear ris.

32Ma reubas an damh òglach no banoglach, bheir e deich-secel-ar‑fhichead airgid dam maighistir, agus clachar an damh.

33Agus ma dh’fhosglas duine sloc, no ma chladhaicheas duine sloc, agus nach còmhdaich e e, agus gun tuit damh no asal ann:

34Nì esan dom buin an sloc suas an calldachd, bheir e airgead dan sealbhadair, agus is leis fhèin am beathach marbh.

35Agus ma reubas damh neach air bith damh neach eile, agus gum faigh e bàs, an sin reicidh iad an damh beò, agus roinnidh iad an t‑airgead a fhuaireadh air a shon, agus roinnidh iad mar an ceudna an damh marbh.

36No ma bha fhios gun do ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbhadair a‑staigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh airson daimh, agus is leis fhèin am marbh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index