Search form

Ecsodus 22

1Ma ghoideas duine damh no caora, agus gum marbh e e, no gun reic e e, dìolaidh e còig daimh airson an daimh, agus ceithir caoraich airson na caorach.

2Ma gheibhear gadaiche a’ briseadh a‑steach, agus gum buailear e, agus gum faigh e bàs, cha dòirtear fuil air a shon:

3Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd.

4Ma gheibhear gu cinnteach a’ mhèirle na làimh beò, mas damh e, no asal, no caora, dìolaidh e dùbailte e.

5Ma bheir duine fa‑near gun ithear suas fearann no fìonlios, agus gun cuir e a ainmhidh ann, agus gum biadhar e ann am fearann duine eile; den chuid as fheàrr de a fhearann fhèin, agus den chuid as fheàrr de a fhìonlios fhèin, nì e dìoladh.

6Ma bhriseas teine a‑mach, agus gun tachair e air droighinn, agus gun loisgear na cruachan arbhair, no an t‑arbhar na sheasamh, no an t‑achadh, nì esan a rinn an losgadh gu cinnteach dìoladh.

7Ma bheir duine da choimhearsnach airgead, no àirneis, ga ghleidheadh, agus gun goidear à taigh an duine e; ma gheibhear an gadaiche, dìolaidh e dùbailte e.

8Mura faighear an gadaiche, an sin thèid maighistir an taighe a dh’ionnsaigh nam britheamh, a dh’fheuchainn co aca a shìn e a‑mach a làmh gu cuid a choimhearsnaich.

9Airson gach gnè choire, airson daimh, airson asail, airson caorach, airson aodaich, airson gach nì a chaidh a chall, a their neach eile gur leis fhèin, an làthair nam britheamh thig cùis gach aoin dhiubh: esan a dhìteas na britheamhan, dìolaidh e dùbailte da choimhearsnach.

10Ma bheir duine da choimhearsnach asal, no damh, no caora, no ainmhidh sam bith ga ghleidheadh, agus gum faigh e bàs, no gun ciùrrar e, no gun iomainear air falbh e, gun neach air bith ga fhaicinn;

11An sin bidh mionnan an Tighearna eatorra le chèile, nach do shìn e a làmh gu cuid a choimhearsnaich: agus gabhaidh a shealbhadair sin uaithe, agus cha dèan esan dìoladh.

12Agus ma ghoideadh uaithe e, dìolaidh e da shealbhadair.

13Ma reubadh as a chèile e, thugadh e leis mar fhianais e; airson an nì sin a chaidh a reubadh, cha dìol e.

14Agus ma dh’iarras duine nì an coingheall o a choimhearsnach, agus gun ciùrrar e, no gum faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhith maille ris; gu cinnteach dìolaidh e.

15Ach ma bhios a shealbhadair maille ris, cha dìol e: mas nì airson tuarasdail e, thàinig e airson a thuarasdail.

16Agus ma mheallas duine maighdeann nach eil fo cheangal-pòsaidh, agus gun laigh e leatha, gu cinnteach gabhaidh e i dha fhèin na mnaoi.

17Ma dhiùltas a h‑athair gu tur a tabhairt dha, dìolaidh e airgead a rèir tochradh nam maighdeann.

18Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò.

19Ge bè neach a laigheas le ainmhidh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

20Esan a dh’ìobras do dhiathan sam bith, ach don Tighearna a‑mhàin, gearrar as e.

21Air coigreach cha chuir thu doilgheas, cha mhò a nì thu fòirneart air; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr an h‑Eiphit.

22Ri bantraich sam bith, no dìlleachdan, cha bhuin sibh gu cruaidh.

23Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh;

24Agus lasaidh mo chorraich suas, agus marbhaidh mi sibh leis a’ chlaidheamh; agus bidh ur mnathan nam bantraichean, agus ur clann nan dìlleachdain.

25Ma bheir thu airgead an coingheall do neach air bith dem shluagh-sa a tha bochd làimh riut, cha bhi thu dha mar neach a chuireas airgead air riadh; cha chuir thu riadh air.

26Ma ghabhas tu idir aodach do choimhearsnaich ann an geall, mu dhol fodha na grèine bheir thu air ais dha e:

27Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach.

28Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu.

29Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

30Mar sin nì thu rid chrodh, agus rid chaoraich: seachd làithean bidh e maille ri a mhàthair, air an ochdamh là bheir thu dhòmhsa e.

31Agus bidh sibh nur daoine naomha dhòmhsa, agus feòil sam bith a reubadh le fiadh-bheathaichean anns a’ mhachair, chan ith sibh: a‑chum nan con tilgidh sibh i.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index