Search form

Ecsodus 23

1Cha tog thu tuairisgeul brèige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhith ad fhianais air an eucoir.

2Cha lean thu a’ mhòr-chuideachd a dh’ionnsaigh an uilc, agus cha labhair thu ann an cùis, gu claonadh an dèidh a’ mhòrain, a‑chum breith fhiaradh.

3Agus ri duine bochd cha bhi thu bàidheil na chùis.

4Ma thachras tu air damh do nàmhaid, no a asal, a’ dol air seachran, bheir thu gu cinnteach air ais e da ionnsaigh.

5Ma chì thu asal duine aig a bheil fuath dhut a’ laighe fo a h‑eallaich, agus gun smaoinich thu air fantainn o chòmhnadh a dhèanamh rithe, nì thu gu cinnteach còmhnadh rithe.

6Cha chlaon thu breith do bhochd na chùis.

7O chùis bhrèige cùm thu fhèin am fad, agus an neochiontach agus an t‑ionraic na marbh: oir chan fhìreanaich mise an t‑aingidh.

8Agus tìodhlac cha ghabh thu; oir dallaidh tìodhlac na daoine glice, agus claonaidh e briathran nan daoine ionraic.

9Agus air coigreach na dèan fòirneart: oir is aithne dhuibh inntinn coigrich, do bhrìgh gu robh sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit.

10Agus sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh.

11Ach air an t‑seachdamh fàgaidh tu a‑muigh e, agus leigidh tu leis laighe na thàmh, a‑chum gun ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gun ith beathaichean na machrach e. Air a’ mhodh cheudna nì thu rid fhìonlios, agus rid lios-ola.

12Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.

13Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e.

14Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna.

15Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Eiphit: agus cha tig neach air bith am làthair-sa falamh:

16Agus fèill an fhogharaidh, ciad-thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann.

17Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar gach fireann agad an làthair an Tighearna Dia.

18Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt-sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn.

19Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.

20Feuch, cuiridh mise aingeal romhad, gud choimhead anns an t‑slighe, agus gud thabhairt a‑steach don àit a dh’ullaich mi.

21Bi faiceallach na làthair, agus èisd ra ghuth; na cuir na aghaidh: oir cha lagh e ur cionta; oir tha m’ainm annsan.

22Ach ma dh’èisdeas tu da‑rìribh ri a ghuth, agus ma nì thu gach nì a labhras mise, an sin bidh mi am nàmhaid dod nàmhaid-sa, agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu:

23Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad.

24Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.

25Agus nì sibh seirbhis don Tighearna ur Dia, agus beannaichidh esan d’aran, agus d’uisge, agus cuiridh mi easlaint air falbh o ur measg.

26Cha tilg nì sam bith a àl, cha mhò a bhios e seasg ad thìr: àireamh do làithean coileanaidh mise.

27Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut.

28Agus cuiridh mise ceàrnabhain romhad, agus fògraidh iad a‑mach an t‑Hibheach, an Canàanach, agus an t‑Hiteach, as do làthair.

29Cha tilg mi a‑mach iad as do làthair ann an aon bhliadhna, air eagal gum bi am fearann air fhàsachadh, agus gum fàs fiadh-bheathaichean na machrach lìonmhor ad aghaidh.

30A lìon beag is beag tilgidh mi a‑mach iad as do làthair, gus an sìolaich thu agus an sealbhaich thu am fearann.

31Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.

32Cha dèan thu riùsan, no rin diathan, coicheangal sam bith.

33Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh-sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index