Search form

Ecsodus 24

1Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh.

2Agus thig Maois na aonar am fagas don Tighearna; ach cha tig iadsan am fagas, cha mhò a thèid an sluagh suas maille ris.

3Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.

4Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.

5Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean-sìthe de dhaimh don Tighearna.

6Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair.

7Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.

8Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile.

9Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil.

10Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fo a chasan bha mar gum biodh obair de chloich shaphir, agus mar na nèamhan fhèin ann an soillse.

11Agus air maithean chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad.

12Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg.

13Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.

14Agus thubhairt e ris na seanairean, Fanaibh-se rinn an seo, gus an till sinn dur n‑ionnsaigh. Agus, feuch, tha Aaron agus Hur maille ribh: esan aig am bi cùis sam bith, thigeadh e dan ionnsaigh-san.

15Agus chaidh Maois suas don t‑sliabh, agus chòmhdaich neul an sliabh.

16Agus chòmhnaich glòir an Tighearna air sliabh Shinài, agus chòmhdaich an neul e sia làithean: agus dh’èigh e ri Maois air an t‑seachdamh là à meadhon an neòil.

17Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian-loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil.

18Agus chaidh Maois a‑steach ann am meadhon an neòil, agus chaidh e suas don t‑sliabh: agus bha Maois anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index