Search form

Ecsodus 25

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Labhair ri cloinn Israeil, gun toir iad am ionnsaigh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le a chridhe gabhaidh sibh mo thabhartas.

3Agus is e seo an tabhartas a ghabhas sibh uapa; òr, agus airgead, agus umha,

4Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

5Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim,

6Ola a‑chum solais, spìosraidh a‑chum ola-ungaidh, agus a‑chum tùise deagh-bholaidh,

7Clachan onics, agus clachan rin cur anns an èphoid, agus anns an uchd-èideadh.

8Agus nì iad dhomh ionad naomh, agus gabhaidh mise còmhnaidh nam measg.

9A rèir gach nì a leigeas mise dhut fhaicinn, a rèir samhladh a’ phàillein, agus samhladh a àirneis uile, eadhon mar sin nì sibh.

10Agus nì iad àirc de fhiodh sitim: dà làmh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h‑àirde.

11Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh còmhdaichidh tu thairis i; agus nì thu oirre coron òir mun cuairt.

12Agus nì thu air a son ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu iad air a ceithir oisnean; agus bidh dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith.

13Agus nì thu bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr.

14Agus cuiridh tu na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan leo.

15Ann am failbheagan na h‑àirce bidh na bataichean: cha ghluaisear uaipe iad.

16Agus cuiridh tu anns an àirc an Fhianais a bheir mise dhut.

17Agus nì thu cathair-thròcair de òr fìorghlan; dà làmh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud.

18Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

19Agus nì thu aon cherub aig aon cheann, agus cerub eile aig a’ cheann eile den chathair-thròcair: nì sibh na ceruban aig a dà cheann.

20Agus bidh na ceruban a’ sìneadh a‑mach an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh na cathair-thròcair len sgiathan, agus an aghaidhean ri chèile: ris a’ chathair-thròcair bidh aghaidhean nan cerub.

21Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair suas air an àirc, agus anns an àirc cuiridh tu an Fhianais a bheir mise dhut.

22Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil.

23Agus nì thu bòrd de fhiodh sitim; dà làmh-choille a fhad, agus làmh-choille a leud, agus làmh-choille gu leth a àirde.

24Agus còmhdaichidh tu thairis e le òr fìorghlan, agus nì thu dha coron òir mun cuairt.

25Agus nì thu dha iomall de leud boise mun cuairt, agus nì thu coron òir da iomall mun cuairt.

26Agus nì thu dha ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu na failbheagan air na ceithir oisnean a tha aig a cheithir chasan.

27Fa chomhair an iomaill bidh na failbheagan, a‑chum àitean do na bataichean, gus am bòrd a ghiùlan.

28Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr; giùlainear am bòrd leo.

29Agus nì thu a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chuachan, agus a chupain, leis an toirear seachad ìobairt-dibhe; de òr fìorghlan nì thu iad.

30Agus cuiridh tu air a’ bhòrd aran taisbeanta romhamsa an còmhnaidh.

31Agus nì thu coinnleir de òr fìorghlan, de obair bhuailte nìthear an coinnleir. Bidh a chas, agus a mheòir, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den obair cheudna.

32Agus thig sia meòir a‑mach as a thaobhan; trì meòir a’ choinnleir à aon taobh dheth, agus trì meòir a’ choinnleir as an taobh eile dheth.

33Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean anns a’ mheur eile, maille ri cnap agus blàth; mar sin anns na sia meòir a thig a‑mach as a’ choinnleir.

34Agus anns a’ choinnleir bidh ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille rin cnapan agus am blàthan.

35Agus bidh cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth; mar sin do na sia meòir a thig a‑mach as a’ choinnleir.

36Bidh na cnapan agus am meòir den obair cheudna: bidh e uile na aon obair bhuailte de òr fìorghlan.

37Agus nì thu dha seachd lòchrain: agus cuirear suas a lòchrain, a‑chum gun toir iad solas thall fa chomhair.

38Agus bidh a chlobhachan agus a smàl-shoithichean de òr fìorghlan.

39De thàlann de òr fìorghlan nìthear e, maille ris na soithichean sin uile.

40Agus feuch gun dèan thu iad a rèir an t‑samhlaidh a chaidh a leigeadh fhaicinn dhut anns an t‑sliabh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index