Search form

Ecsodus 27

1Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud; bidh an altair ceithir-cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan-coille.

2Agus nì thu a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bidh a h‑adhaircean den nì cheudna; agus còmhdaichidh tu thairis i le umha.

3Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.

4Agus nì thu dhi cliath de lìon-obair umha: agus nì thu air an lìon ceithir failbheagan umha air a cheithir oisnean.

5Agus cuiridh tu e fo chuairt na h‑altarach gu h‑ìosal, agus bidh an lìon gu ruig meadhon na h‑altarach.

6Agus nì thu bataichean don altair, bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le umha.

7Agus cuirear na bataichean anns na failbheagan, agus bidh na bataichean air dà thaobh na h‑altarach ga giùlan.

8Fàs le bùird nì thu i; mar a nochdadh dhut anns an t‑sliabh, mar sin nìthear i.

9Agus nì thu cùirt a’ phàillein air an taobh deas, ri deas: bidh cùirteanan airson na cùirte de anart grinn toinnte; ceud làmh-choille am fad, air aon taobh.

10Agus bidh a fichead post, agus am fichead bonn, de umha: bidh cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead.

11Agus mar an ceudna air an taobh tuath air fad, bidh cùirteanan ceud làmh-choille air fad, agus a fichead post, agus am fichead bonn de umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead.

12Agus air leud na cùirte air an taobh an iar, bidh cùirteanan de lethcheud làmh-choille: am puist deich, agus am buinn deich.

13Agus bidh leud na cùirte air an taobh an ear, ris an àird an ear, lethcheud làmh-choille.

14Agus bidh na cùirteanan air aon taobh còig làmhan-coille deug: am puist trì, agus am buinn trì.

15Agus air an taobh eile bidh a cùirteanan còig làmhan-coille deug: am puist trì, agus am buinn trì.

16Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.

17Bidh na puist uile timcheall na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead: bidh an cromagan de airgead, agus am buinn de umha.

18Fad na cùirte ceud làmh-choille, agus a leud lethcheud làmh-choille anns gach àite, agus a h‑àirde còig làmhan-coille, de anart grinn toinnte; agus am buinn de umha.

19Bidh uile shoithichean a’ phàillein, na sheirbhis uile, agus a phinneachan uile, agus pinneachan na cùirte uile, de umha.

20Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.

21Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index