Search form

Ecsodus 30

1Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i:

2Làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (ceithir-cheàrnach bidh i), agus dà làmh-choille a h‑àirde; bidh a h‑adhaircean den nì cheudna.

3Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean: agus nì thu dhi coron òir mun cuairt.

4Agus dà fhailbheig òir nì thu dhi fo a coron: aig a dà oisinn nì thu iad, air a dà thaobh: agus bidh iad airson àiteachan do na bataichean a‑chum a giùlan leo.

5Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr.

6Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu.

7Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn: nuair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre.

8Agus nuair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhithbhuan an làthair an Tighearna, air feadh ur ginealaichean.

9Cha loisg sibh tùis choimheach sam bith oirre, no ìobairt-loisgte, no tabhartas-bìdh; cha mhò a dhòirteas sibh tabhartas-dibhe oirre.

10Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna.

11Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

12Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.

13Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna.

14Bheir gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, tabhartas don Tighearna.

15Cha toir an saoibhir tuilleadh, agus cha toir am bochd nas lugha na leth seceil, nuair a bheir iad tabhartas don Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.

16Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.

17Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

18Nì thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.

19Agus ionnlaididh Aaron agus a mhic an làmhan agus an casan as.

20Nuair a thèid iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail ionnlaididh iad iad fhèin le uisge, a‑chum is nach faigh iad bàs; no nuair a thig iad am fagas don altair a fhrithealadh, a losgadh tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna.

21Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith-bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean.

22Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

23Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel.

24Agus de chasia còig ceud secel, a rèir secel an ionaid naoimh, agus hin de ola a’ chroinn-ola.

25Agus nì thu dheth ola-ungaidh naomh, ola-ungaidh co‑measgte a rèir ealdhain an lèigh; bidh i na h‑ola-ungaidh naoimh.

26Agus ungaidh tu pàillean a’ choitheanail leatha, agus àirc na Fianais,

27Agus am bòrd agus a shoithichean uile, agus an coinnleir agus a shoithichean, agus altair na tùise,

28Agus altair na h‑ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas.

29Agus naomhaichidh tu iad, a‑chum is gum bi iad ro‑naomh: ge bè nì a bheanas riu, bidh e naomh.

30Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

31Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil ag ràdh, Bidh i seo na h‑ola-ungaidh naoimh dhòmhsa, air feadh ur ginealaichean.

32Air feòil duine cha dòirtear i, cha mhò a nì sibh a leithid, a rèir a measgaidh: tha i naomh, agus naomh bidh i dhuibh.

33Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e.

34Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas.

35Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh.

36Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.

37Agus am boltrachan a nì thu, cha dèan sibh a leithid dhuibh fhèin, a rèir a mheasgaidh: bidh e dhutsa naomh don Tighearna.

38Ge bè neach a nì a choslas, a ghabhail fàile uaithe, gearrar as o a shluagh e.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index