Ecsodus 31
1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2Feuch, ghairm mi air a ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah;
3Agus lìon mi e le spiorad Dhè, ann an gliocas, agus ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach uile ghnè obrach,
4A dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha,
5Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an gearradh fiodha, a dh’obrachadh anns gach uile ghnè obrach.
6Agus mise, feuch, thug mi seachad maille ris Aholiab mac Ahisamaich, de threubh Dhain; agus ann an cridhe gach neach a tha glic-chridheach chuir mi gliocas, agus nì iad gach nì a dh’àithn mi dhut;
7Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair-thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein,
8Agus am bòrd agus a uidheam, agus an coinnleir fìorghlan le a uidheam uile, agus altair na tùise,
9Agus altair na h‑ìobairt-loisgte le a h‑uidheam uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas,
10Agus èideadh na seirbhis, agus èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt,
11Agus an ola-ungaidh, agus tùis chùbhraidh airson an ionaid naoimh; a rèir nan uile nithean a dh’àithn mi dhut, nì iad.
12Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
13Labhair thusa mar an ceudna ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn coimheadaidh sibh mo shàbaidean: oir is comharradh sin eadar mise agus sibhse, air feadh ur ginealaichean; a‑chum is gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna a naomhaicheas sibh.
14Coimheadaidh sibh uime sin an t‑sàbaid; oir tha i naomh dhuibh. Esan a thruailleas i, cuirear gu cinnteach gu bàs e; oir gach neach a nì obair oirre, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh.
15Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e.
16Uime sin coimheadaidh clann Israeil an t‑sàbaid, a ghleidheadh na sàbaid air feadh an ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh.
17Eadar mise agus clann Israeil is comharradh i a‑chaoidh; oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, agus air an t‑seachdamh là sguir e, agus ghabh e fois.
18Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.