Search form

Ecsodus 34

1Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu.

2Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh.

3Agus na tigeadh duine sam bith a‑nìos maille riut, agus na faicear duine anns an t‑sliabh uile, agus na ionaltradh na treudan no am buar fa chomhair an t‑slèibh sin.

4Agus shnaidh e dà chlàr chloiche, cosmhail ris na ciad chlàir; agus dh’èirich Maois suas gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e suas do shliabh Shinài, mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus thug e leis na làimh an dà chlàr chloiche.

5Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus sheas e maille ris an sin; agus ghairm e air ainm an Tighearna.

6Agus chaidh an Tighearna seachad fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann an coibhneas agus ann am fìrinn,

7A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.

8Agus rinn Maois deifir, agus chrom e a cheann ri làr, agus rinn e adhradh.

9Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.

10Agus thubhairt e, Feuch, nì mise coicheangal; ann an làthair do shluaigh uile nì mi nithean iongantach, nithean nach do rinneadh an leithid air an talamh uile, no ann an aon chinneach: agus chì an sluagh uile, am measg a bheil thu, obair an Tighearna; oir is nì uamhasach a nì mise riut.

11Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach.

12Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

13Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.

14Oir cha dèan thu adhradh do dhia sam bith eile; oir an Tighearna, don ainm Eudmhor, is Dia eudmhor e:

15Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt;

16Agus gun gabh thu den nigheanan dod mhic, agus gun tèid an nigheanan le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad air do mhic dol le strìopachas an dèidh an diathan.

17Cha dèan thu dhut fhèin diathan leaghte.

18Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Eiphit.

19Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù is leamsa e, agus gach ciad-ghin am measg do sprèidhe, mas ann den bhuar no de na caoraich e, a bhios fireann.

20Ach ciad-ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach. Uile chiad-ghin do mhac fuasglaidh tu; agus cha nochdar a h‑aon am làthair-sa falamh.

21Sia làithean nì thu obair, ach air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois: ann an àm an treabhaidh agus anns an fhoghar gabhaidh tu fois.

22Agus cumaidh tu fèill nan seachdain, a’ chiad toraidh de fhoghar a’ chruithneachd, agus fèill a’ chròdhaidh ann an deireadh na bliadhna.

23Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar do mhic uile an làthair an Tighearna Iehòbhah, Dia Israeil:

24Oir tilgidh mi a‑mach na cinnich romhad agus nì mi do chrìochan nas fharsainge; agus cha mhiannaich duine sam bith d’fhearann, nuair a thèid thu suas gud nochdadh fhèin ann am fianais an Tighearna do Dhia, trì uairean anns a’ bhliadhna.

25Chan ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.

26Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.

27Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh thusa na facail seo: oir a rèir brìgh nam facal seo rinn mise coicheangal riut fhèin agus ri Israel.

28Agus bha e an sin maille ris an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith e aran, cha mhò a dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir facail a’ choicheangail, na deich àitheantan.

29Agus nuair a thàinig Maois a‑nuas o shliabh Shinài, (le dà chlàr na Fianais ann an làimh Mhaois, nuair a thàinig e a‑nuas on t‑sliabh), cha robh fhios aig Maois gun do dhealraich craiceann a aghaidh, am feadh is a bha e a’ còmhradh ris.

30Agus dh’amhairc Aaron agus clann Israeil uile air Maois; agus, feuch, dhealraich craiceann a aghaidh, agus bha eagal orra teachd am fagas dha.

31Agus ghairm Maois orra; agus thill Aaron agus uachdarain a’ choitheanail uile da ionnsaigh; agus rinn Maois còmhradh riu.

32Agus na dhèidh sin thàinig clann Israeil uile am fagas dha; agus dh’àithn e dhaibh na h‑uile nithean a labhair an Tighearna ris ann an sliabh Shinài.

33Agus sguir Maois de labhairt riu; agus chuir e gnùis-bhrat air a aghaidh.

34Ach nuair a chaidh Maois a‑steach an làthair an Tighearna a labhairt ris, thug e an gnùis-bhrat dheth, gus an tàinig e a‑mach. Agus thàinig e a‑mach, agus labhair e ri cloinn Israeil an nì sin a dh’àithneadh dha.

35Agus chunnaic clann Israeil aghaidh Mhaois, gun do dhealraich craiceann aghaidh Mhaois: agus chuir Maois an gnùis-bhrat air a aghaidh a‑rìs, gus an deachaidh e a‑steach a labhairt ris.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index