Search form

Ecsodus 35

1Agus chruinnich Maois coitheanal chloinn Israeil uile ri chèile, agus thubhairt e riu, Sin na nithean a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh iad.

2Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e.

3Chan fhadaidh sibh teine sam bith air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh air là na sàbaid.

4Agus labhair Maois ri coitheanal chloinn Israeil uile, ag ràdh, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh,

5Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha,

6Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

7Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim,

8Agus ola airson solais, agus spìosraidh airson ola-ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

9Agus clachan onics, agus clachan a‑chum an ceangal, airson na h‑èphoid, agus airson an uchd-èididh.

10Agus thigeadh gach duine glic-chridheach nur measg, agus dèanadh e gach nì a dh’àithn an Tighearna;

11Am pàillean, a bhùth, agus a chòmhdach, a chromagan, agus a bhùird, a chroinn, a phuist, agus a bhuinn;

12An àirc agus a bataichean, a’ chathair-thròcair agus roinn-bhrat a’ chòmhdaich;

13Am bòrd agus a bhataichean, agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta;

14Agus an coinnleir a‑chum an t‑solais, agus a uidheam, agus a lòchrain, maille ri ola a‑chum an t‑solais;

15Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtean airson doras a’ phàillein;

16Altair na h‑ìobairt-loisgte agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas;

17Cùirteanan na cùirte, a puist agus a buinn, agus cùirtean airson doras na cùirte.

18Pinneachan a’ phàillein, agus pinneachan na cùirte, agus an cùird;

19Eideadh an fhrithealaidh, a fhrithealadh anns an ionad naomh; an t‑èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh airson a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

20Agus dh’fhalbh coitheanal chloinn Israeil uile à làthair Mhaois.

21Agus thàinig iad, gach duine a dhùisg a chridhe suas, agus gach duine a rinn a chridhe toileach, agus thug iad leo tabhartas an Tighearna airson obair pàillean a’ choitheanail, agus airson a sheirbhis uile, agus airson an èididh naoimh.

22Agus thàinig iad, araon fir agus mnathan, a mheud is aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràisdean agus cluas-fhailean, agus fàinneachan, agus criosan-muineil, gach uidheam òir: agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir don Tighearna.

23Agus gach fear aig an d’fhuaireadh gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, agus craicnean dearga reitheachan, agus craicnean bhroc, thug iad leo iad.

24Gach duine a thug seachad tabhartas airgid agus umha, thug e leis tabhartas an Tighearna: agus gach duine aig an d’fhuaireadh fiodh sitim a‑chum obrach sam bith den t‑seirbhis, thug e leis e.

25Agus shnìomh na mnathan uile a bha glic-chridheach len làmhan, agus thug iad leo an nì a shnìomh iad, an gorm, agus an corcar, an sgàrlaid, agus an t‑anart grinn.

26Agus na mnathan uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas, shnìomh iad fionnadh ghobhar.

27Agus thug na h‑uachdarain leo clachan onics, agus clachan chum an ceangal, airson na h‑èphoid, agus airson an uchd-èididh;

28Agus spìosraidh, agus ola airson an t‑solais, agus airson na h‑ola ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

29Thug clann Israeil tabhartas toileach a dh’ionnsaigh an Tighearna, gach fear agus bean a rinn an cridhe toileach a thoirt a‑chum gach gnè obrach, a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh le làimh Mhaois.

30Agus thubhart Maois ri cloinn Israeil, Faicibh, ghairm an Tighearna air ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah:

31Agus lìon e e le spiorad Dhè, ann an gliocas, ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach gnè obrach;

32Agus a dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha,

33Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an snaidheadh fiodha, a dhèanamh gnè sam bith de obair ealanta.

34Agus chuir e na chridhe gun teagaisgeadh e, e fhèin agus Aholiab mac Ahisamaich de threubh Dhain.

35Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’obrachadh gach gnè obrach, obraichean a’ ghearradair, agus an obraiche ealanta, agus an obraiche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcar, ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a nì obair sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index