Search form

Ecsodus 36

1Agus dh’obraich Besalil agus Aholiab, agus gach duine glic-chridheach don tug an Tighearna gliocas agus tùr a thuigsinn cionnas a dhèanadh iad gach gnè obrach airson seirbhis an ionaid naoimh, a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna.

2Agus ghairm Maois air Besalil, agus Aholiab, agus air gach duine glic-chridheach, don tug an Tighearna gliocas na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a‑chum na h‑obrach gu a dèanamh.

3Agus ghabh iad o Mhaois na tabhartasan uile a thug clann Israeil leo a‑chum obair seirbhis an ionaid naoimh, gu a dèanamh. Agus thug iad fhathast da ionnsaigh saor-thabhartasan gach aon mhadainn.

4Agus thàinig na daoine glice uile, a rinn uile obair an ionaid naoimh, gach duine aca o a obair fhèin a bha iad a’ dèanamh;

5Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, Tha an sluagh a’ toirt leo tuilleadh gu mòr na nas leòr, a‑chum seirbhis na h‑obrach a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.

6Agus dh’àithn Maois, agus thugadh gairm air feadh a’ champa, ag ràdh, Na dèanadh fear no bean sam bith tuilleadh obrach airson tabhartas an ionaid naoimh. Mar sin thoirmisgeadh don t‑sluagh nì sam bith a thoirt leo.

7Oir bu leòr an t‑uidheam a bha aca airson na h‑obrach uile, gu a dèanamh, agus bu tuilleadh is na bu leòr e.

8Agus rinn gach duine glic-chridheach nam measg-san a dh’obraich obair a’ phàillein, deich cùirteanan de anart grinn toinnte agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid; le ceruban de obair ealanta rinn e iad:

9Fad aon chùirtein ochd làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan-coille: na cùirteanan uile de aon tomhas.

10Agus cheangail e còig cùirteanan gach aon ri chèile: agus na còig cùirteanan eile cheangail e gach aon ri chèile.

11Agus rinn e lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal; air a’ mhodh cheudna rinn e ann an oir a’ chùirtein eile as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin.

12Lethcheud lùb rinn e ann an aon chùirtean, agus lethcheud lùb rinn e ann an iomall a’ chùirtein a bha ann an coicheangal an dara aoin; cheangail na lùban aon chùirtean ri cùirtean eile.

13Agus rinn e lethcheud cromag òir, agus choicheangail e na cùirteanan aon ri aon leis na cromagan. Mar sin rinneadh e na aon phàillean.

14Agus rinn e cùirteanan de fhionnadh ghobhar, airson a’ bhùtha os cionn a’ phàillein; aon-chùirtean-deug rinn e dhiubh:

15B’e fad aon chùirtein deich làmhan-coille ar fhichead, agus ceithir làmhan-coille leud aon chùirtein; bha an t‑aon-chùirtean-deug de aon tomhas.

16Agus choicheangail e còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin.

17Agus rinn e lethcheud lùb air an oir a b’fhaide a‑mach den chùirtean anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb rinn e air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.

18Agus rinn e lethcheud cromag de umha a cheangal a’ bhùtha ri chèile, a‑chum is gum biodh e na aon.

19Agus rinn e còmhdach don bhùth, de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus còmhdach de chraicnean bhroc os a chionn.

20Agus rinn e bùird don phàillean de fhiodh sitim, nan seasamh:

21Deich làmhan-coille fad bùird, agus làmh-choille gu leth leud aon bhùird.

22Bha dà làimh aig aon bhòrd, air an cur an òrdagh, aon fa chomhair aoin: mar seo rinn e ri bùird a’ phàillein uile.

23Agus rinn e bùird don phàillean: fichead bòrd airson an taoibh dheis, ris an àird a deas.

24Agus dà‑fhichead cas airgid rinn e fon fhichead bòrd: dà chois fo aon bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois fo bhòrd eile a rèir a dhà làimh.

25Agus airson taobh eile a’ phàillein a tha ris an àird a tuath, rinn e fichead bòrd.

26Agus an dà‑fhichead cas de airgead: dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile.

27Agus airson taobhan a’ phàillein ris an àird an iar, rinn e sia bùird.

28Agus rinn e dà bhòrd airson oisnean a’ phàillein anns an dà thaobh.

29Agus bha iad air an ceangal ri chèile fodha, agus mar an ceudna bha iad air an coicheangal aig a’ cheann ri aon fhailbheig: mar seo rinn e riu le chèile anns an dà oisinn.

30Agus bha ochd bùird ann, agus an casan de airgead, eadhon sia casan-deug: dà chois fo gach bòrd.

31Agus rinn e croinn de fhiodh sitim, còig airson bùird aon taoibh den phàillean,

32Agus còig croinn airson bùird an taoibh eile den phàillean, agus còig croinn airson bùird a’ phàillein a‑chum nan taobh a tha ris an àird an iar.

33Agus thug e air a’ chrann mheadhonach dol tro na bùird o cheann gu ceann.

34Agus chòmhdaich e thairis na bùird le òr, agus rinn e am failbheagan de òr gu bhith nan àitean do na croinn, agus chòmhdaich e thairis na croinn le òr.

35Agus rinn e roinn-bhrat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta rinn e e, le ceruban.

36Agus rinn e dha ceithir puist de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr: bha an cromagan de òr, agus thilg e dhaibh ceithir buinn airgid.

37Agus rinn e airson doras a’ bhùtha brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, de obair snàthaid:

38Agus a chòig puist len cromagan: agus chòmhdaich e thairis an cinn agus an cuairteagan le òr: ach bha an còig buinn de umha.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index