Search form

Ecsodus 37

1Agus rinn Besalil an àirc de fhiodh sitim; dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h‑àirde:

2Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.

3Agus thilg e dhi ceithir failbheagan òir, gu bhith air a ceithir oisnean: eadhon dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith.

4Agus rinn e bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr.

5Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan.

6Agus rinn e cathair-thròcair de òr fìorghlan: dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud.

7Agus rinn e dà cherub de òr, buailte a‑mach à aon mhìr rinn e iad, aig dà cheann na cathair-thròcair;

8Aon cherub aig a’ cheann air an taobh seo, agus cerub eile aig a’ cheann air an taobh ud: a‑mach as a’ chathair-thròcair rinn e na ceruban aig a dà cheann.

9Agus bha na ceruban a’ sgaoileadh an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh len sgiathan os cionn na cathair-thròcair, agus an aghaidhean ri chèile; ris a’ chathair-thròcair bha aghaidhean nan cerub.

10Agus rinn e am bòrd de fhiodh sitim: dà làimh-choille a fhad, agus làmh-choille a leud, agus làmh-choille gu leth a àirde.

11Agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus rinn e dha coron òir mun cuairt.

12Mar an ceudna rinn e dha iomall de leud boise mun cuairt; agus rinn e coron òir da iomall mun cuairt.

13Agus thilg e dha ceithir failbheagan òir, agus chuir e na failbheagan air na ceithir oisnean a bha aig a cheithir chasan.

14Thall fa chomhair an iomaill bha na failbheagan, na h‑àiteachan do na bataichean gus am bòrd a ghiùlan.

15Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr, gus am bòrd a ghiùlan.

16Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chupain, agus a chuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe, de òr fìorghlan.

17Agus rinn e an coinnleir de òr fìorghlan; de obair bhuailte rinn e an coinnleir: bha a chas, agus a mheur, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den nì cheudna.

18Agus sia meòir a’ dol a‑mach as a thaobhan: trì meòir a’ choinnleir à aon taobh dheth, agus trì meòir a’ choinnleir as an taobh eile dheth.

19Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann am meur eile, maille ri cnap agus blàth: mar sin anns na sia meòir a’ dol a‑mach as a’ choinnleir.

20Agus anns a’ choinnleir bha ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille ri a chnapan agus a bhlàthan.

21Agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, a rèir nan sia meur a’ dol a‑mach as.

22Bha an cnapan agus am meòir den nì cheudna: b’aon obair bhuailte de òr fìorghlan an t‑iomlan dheth.

23Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl-shoithichean, de òr fìorghlan.

24De thàlann òir fhìorghlain rinn e e, agus a shoithichean uile.

25Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus dà làimh-choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna.

26Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.

27Agus rinn e dà fhailbheig òir dhi fo a coron, aig a dà oisinn, air a dà thaobh, gu bhith nan àitean do na bataichean a‑chum a giùlan leo.

28Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr.

29Agus rinn e an ola-ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index