Search form

Ecsodus 39

1Agus den ghorm, agus den chorcar, agus den sgàrlaid, rinn iad èideadh frithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, agus rinn iad èideadh naomh do Aaron; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

2Agus rinn e an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

3Agus bhuail iad a‑mach an t‑òr na leacan tana, agus gheàrr iad e na shnàithnean, a‑chum a obrachadh am measg a’ ghuirm, agus am measg a’ chorcair, agus am measg na sgàrlaid, agus am measg an anairt ghrinn le obair ealanta.

4Rinn iad mìrean-guaille dhi, ceangailte ri chèile air a dà oir: mar sin chuireadh ri chèile i.

5Agus bha crios rìomhach na h‑èphoid a bha air a h‑uachdar, den nì cheudna, a rèir a h‑obrach fhèin; eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

6Agus dh’obraich iad clachan onics ceangailte ann am failean òir, air an gearradh le gearradh seula, le ainmean chloinn Israeil orra.

7Agus chuir e iad air guaillean na h‑èphoid, gu bhith nan clachan cuimhneachain do chloinn Israeil; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

8Agus rinn e an t‑uchd-èideadh le obair ealanta a rèir obair na h‑èphoid, de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

9Bha e ceithir-cheàrnach; rinn iad an t‑uchd-èideadh dà‑fhillte: rèis a fhad, agus rèis a leud; bha e dà‑fhillte.

10Agus chuir iad ann ceithir sreathan chlach: a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal: seo a’ chiad sreath.

11Agus an dara sreath, emerald, saphir, agus daoimean.

12Agus an treas sreath, ligur, agat, agus ametist.

13Agus an ceathramh sreath, beril, onics, agus iasper: bha iad air an ceangal ann am failean òir nan suidheachadh.

14Agus bha na clachan a rèir ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug a rèir an ainmean le gearradh seula, gach aon aca le a h‑ainm fhèin, a rèir an dà‑threubh-dheug.

15Agus rinn iad air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn, de obair shnìomhte de òr fìorghlan.

16Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà fhàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.

17Agus chuir iad an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhàinne air cinn an uchd-èididh.

18Agus dhaingnich iad dà cheann an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhail, agus chuir iad iad air mìrean-guaille na h‑èphoid, air a beulaibh.

19Agus rinn iad dà fhàinne òir, agus chuir iad iad air dà cheann an uchd-èididh, air an iomall dheth, a bha air taobh na h‑èphoid a‑staigh.

20Agus rinn iad dà fhàinne òir eile, agus chuir iad iad air dà thaobh na h‑èphoid gu h‑ìosal, leth ris a’ chuid bheòil dhith, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid.

21Agus cheangail iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum gum biodh e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach biodh an t‑uchd-èideadh air a fhuasgladh on èphoid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

22Agus rinn e fallaing na h‑èphoid de obair fhighte, uile de ghorm.

23Agus bha toll ann am meadhon na fallainge, mar tholl lùirich-mhàillich, agus oir timcheall a tuill, a‑chum nach reubte i.

24Agus rinn iad air iomallan na fallainge pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart toinnte.

25Agus rinn iad cluig de òr fìorghlan, agus chuir iad na cluig eadar na pomgranatan, air iomall na fallainge mun cuairt eadar na pomgranatan:

26Clag agus pomgranat, clag agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt, a fhrithealadh innte; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

27Agus rinn iad còtaichean de anart grinn, de obair fhighte, airson Aaroin agus a chuid mhac,

28Agus crùn-sagairt de anart grinn, agus bonaidean sgiamhach de anart grinn, agus briogais anairt de anart grinn toinnte,

29Agus crios de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, de obair shnàthaid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

30Agus rinn iad leac a’ chrùin naoimh de òr fìorghlan, agus sgrìobh iad oirre sgrìobhadh, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

31Agus cheangail iad rithe iall de ghorm, gu a daingneachadh air a’ chrùn gu h‑àrd; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

32Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.

33Agus thug iad am pàillean gu Maois, am bùth, agus a àirneis uile, a chromagan, a bhùird, a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn;

34Agus an còmhdach de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, agus brat a’ chòmhdaich;

35Airc na Fianais, agus a bataichean, agus a’ chathair-thròcair;

36Am bòrd agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta;

37An coinnleir fìorghlan agus a lòchrain, eadhon a lòchrain gu bhith air an cur ann an òrdagh, agus a shoithichean uile, agus an ola a‑chum solais;

38Agus an altair òir, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus am brat airson doras a’ phàillein;

39An altair umha, agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas;

40Cùirteanan na cùirte, a puist, agus a buinn, agus am brat airson geata na cùirte, a cùird, agus a pinneachan, agus uile shoithichean seirbhis a’ phàillein, airson bùth a’ choitheanail;

41Aodach an fhrithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, an t‑aodach naomh airson Aaroin an sagart, agus aodach a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

42A rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil an obair uile.

43Agus dh’amhairc Maois air an obair uile, agus, feuch, rinn iad i mar a dh’àithn an Tighearna, eadhon mar sin rinn iad i: agus bheannaich Maois iad.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index