Search form

Ecsodus 40

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.

3Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn-bhrat.

4Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

5Agus suidhichidh tu an altair òir a tha a‑chum na tùise fa chomhair àirc na Fianais, agus cuiridh tu brat an dorais ris a’ phàillean.

6Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail.

7Agus suidhichidh tu an soitheach-ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.

8Agus cuiridh tu suas a’ chùirt mun cuairt, agus crochaidh tu suas am brat aig geata na cùirte.

9Agus gabhaidh tu an ola-ungaidh, agus ungaidh tu am pàillean, agus gach nì a tha ann, agus naomhaichidh tu e, agus a shoithichean uile: agus bidh e naomh.

10Agus ungaidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte, agus a soithichean uile: agus bidh an altair ro‑naomh.

11Agus ungaidh tu an soitheach-ionnlaid agus a chas, agus naomhaichidh tu e.

12Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras bùth a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

13Agus cuiridh tu air Aaron an t‑aodach naomh, agus ungaidh tu e, agus naomhaichidh tu e; agus frithealaidh e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

14Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra,

15Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.

16Agus rinn Maois a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha: mar sin rinn e.

17Agus b’ann anns a’ chiad mhìos, anns an dara bliadhna, air a’ chiad là den mhìos, a chuireadh suas am pàillean.

18Agus chuir Maois suas am pàillean agus dhaingnich e a bhuinn, agus chuir e suas a bhùird, agus chuir e a‑steach a chroinn, agus thog e suas a phuist.

19Agus sgaoil e a‑mach am bùth os cionn a phàillein, agus chuir e còmhdach a’ bhùtha air os a chionn; mar a’ dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

20Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair-thròcair air an àirc os a cionn.

21Agus thug e an àirc a‑steach don phàillean, agus chuir e suas brat a’ chòmhdaich, agus chòmhdaich e àirc na Fianais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

22Agus chuir e am bòrd ann am bùth a’ choitheanail air taobh a’ phàillein mu thuath, an taobh a‑muigh den roinn-bhrat.

23Agus chuir e an t‑aran ann an òrdagh air, ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

24Agus chuir e an coinnleir ann am bùth a’ choitheanail, thall fa chomhair a’ bhùird, air taobh a’ phàillein ris an àird a deas.

25Agus las e na lòchrain ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

26Agus chuir e an altair òir ann am bùth a’ choitheanail, air beulaibh an roinn-bhrait,

27Agus loisg e tùis chùbhraidh oirre, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

28Agus chuir e suas am brat aig doras a’ phàillein.

29Agus chuir e altair na h‑ìobairt-loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt-loisgte, agus an tabhartas-bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

30Agus chuir e an soitheach-ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus chuir e uisge ann, a dh’ionnlad leis.

31Agus dh’ionnlaid Maois, agus Aaron, agus a mhic, an làmhan agus an casan aige.

32Nuair a bha iad gu dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, agus gu teachd am fagas don altair, dh’ionnlaid iad iad fhèin, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

33Agus chuir e suas a’ chùirt timcheall a’ phàillein agus na h‑altarach, agus chuir e suas brat geata na cùirte: mar sin chrìochnaich Maois an obair.

34An sin chòmhdaich neul bùth a’ choitheanail, agus lìon glòir an Tighearna am pàillean.

35Agus cha b’urrainn Maois dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, a chionn gun do ghabh an neul còmhnaidh air, agus gun do lìon glòir an Tighearna am pàillean.

36Agus nuair a dh’èirich an neul suas o mhullach a’ phàillein, chaidh clann Israeil air an aghaidh nan uile thurasan:

37Ach mura d’èirich an neul suas, an sin cha do thriall iad gus an là anns an d’èirich e suas.

38Oir bha neul an Tighearna air a’ phàillean anns an là, agus bha teine air anns an oidhche, ann an sealladh taigh Israeil uile, air feadh an uile thurasan.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index