Search form

Ecsodus 5

1Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.

2Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn-sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd.

3Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhraidheach e fhèin dhuinne: leig leinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia, air eagal gum buail e sinn le plàigh, no leis a’ chlaidheamh.

4Agus thubhairt rìgh na h‑Eiphit riu, Carson a tha sibhse, a Mhaois agus Aaroin, a’ toirt air an t‑sluagh sgur on obraichean? Rachaibh a‑chum ur n‑eallaichean.

5Agus thubhairt Phàraoh, Feuch, tha sluagh na tìre a‑nis lìonmhor, agus tha sibhse a’ toirt orra a bhith nan tàmh on eallaichean.

6Agus dh’àithn Phàraoh air an là sin fhèin do mhaighistirean-obrach an t‑sluaigh, agus dan luchd-riaghlaidh, ag ràdh,

7Cha toir sibh connlach tuilleadh don t‑sluagh a dhèanamh chlachan-creadha mar roimhe seo: rachadh iad agus cruinnicheadh iad connlach dhaibh fhèin.

8Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.

9Cuirear an obair nas truime air na daoine, a‑chum is gun saothraich iad innte: agus na earbadh iad à briathran dìomhain.

10Agus chaidh maighistirean-obrach an t‑sluaigh a‑mach, agus an luchd-riaghlaidh, agus labhair iad ris an t‑sluagh, ag ràdh, Mar seo tha Phàraoh ag ràdh, Cha toir mi dhuibh connlach.

11Rachaibh, gabhaibh dhuibh fhèin connlach far am faod sibh a faotainn: gidheadh cha leigear sìos a’ bheag de ur n‑obair.

12Uime sin sgaoileadh an sluagh air feadh tìr na h‑Eiphit uile, a chruinneachadh asbhuain an àite connlaich.

13Agus chuir na maighistirean-obrach thuige iad, ag ràdh, Coileanaibh ur n‑obraichean cumte làitheil, mar nuair a thugadh connlach dhuibh.

14Agus bhuaileadh luchd-riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighistirean-obrach Phàraoh os an cionn, agus dh’fhiosraicheadh dhiubh, Carson nach do choilean sibh ur n‑obair chumte ann an dèanamh chlachan-creadha, araon an‑dè agus an‑diugh, mar a rinn sibh roimhe?

15An sin thàinig luchd-riaghlaidh chloinn Israeil, agus ghlaodh iad ri Phàraoh, ag ràdh, Carson a bhuineas tu air an dòigh seo rid sheirbhisich?

16Chan eil connlach air a toirt dod sheirbhisich, agus is e a their iad rinn, Dèanaibh clachan-creadha: agus, feuch, tha do sheirbhisich air am bualadh; ach is ann aig do shluagh fhèin a tha a’ choire.

17Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomhanach, tha sibh dìomhanach: uime sin their sibh, Rachamaid agus ìobramaid don Tighearna.

18Uime sin imichibh a‑nis, dèanaibh obair; oir cha toirear connlach dhuibh, agus bheir sibh uaibh làn àireamh nan clachan-creadha.

19Agus chunnaic luchd-riaghlaidh chloinn Israeil gum bu chruaidh an càs anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, Cha bheagaich sibh dad de ur clachan-creadha, den obair dhligheach làitheil.

20Agus choinnich iad Maois agus Aaron, a sheas air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach o Phàraoh.

21Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.

22Agus thill Maois a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna, carson a bhuin thu cho olc ris an t‑sluagh seo? Carson a chuir thu uat mi?

23Oir on àm a thàinig mi gu Phàraoh a labhairt ann ad ainm, rinn e olc don t‑sluagh seo; agus cha do shaor thu idir do shluagh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index