Search form

Ecsodus 6

1An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad.

2Agus labhair Dia ri Maois, agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna.

3Agus dh’fhoillsich mi mi fhèin do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, le ainm an Dè Uile-chumhachdaich, ach lem ainm Iehòbhah cha robh mi aithnichte dhaibh.

4Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich.

5Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a tha na h‑Eiphitich a’ cumail ann an daorsa; agus chuimhnich mi mo choicheangal.

6Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

7Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

8Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna.

9Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.

10Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

11Imich a‑steach, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a‑mach as a dhùthaich.

12Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo-thimcheall-gheàrrte?

13Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, agus thug e dhaibh àithne a‑chum chloinn Israeil, agus a‑chum Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, clann Israeil a thoirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

14Is iad seo ceannardan taighean an athraichean: mic Reubein ciad-ghin Israeil: Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi: is iad sin teaghlaichean Reubein.

15Agus mic Shimeoin: Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac ban-Chanàanaich: is iad sin teaghlaichean Shimeoin.

16Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.

17Mic Ghersoin: Libni, agus Simi, a rèir an teaghlaichean.

18Agus mic Chohait: Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnachan beatha Chohait ceud agus trì-bliadhna-deug ar fhichead.

19Agus mic Mherari: Mahali agus Musi: is iad sin teaghlaichean Lèbhi, a rèir an ginealaichean.

20Agus ghabh Amram Iochebed, piuthar a athar, dha fhèin na mnaoi, agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnachan beatha Amraim ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.

21Agus mic Idshair: Corah, agus Nepheg, agus Sichri.

22Agus mic Udsieil: Misael, agus Elsaphan, agus Sitri.

23Agus ghabh Aaron Elisèba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

24Agus mic Chorah: Asir, agus Elcanah, agus Abiasaph; is iad sin teaghlaichean nan Corhach.

25Agus ghabh Eleàsar mac Aaroin aon de nigheanan Phutieil dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: is iad sin ceannardan athraichean nan Lèbhitheach, a rèir an teaghlaichean.

26Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

27Is iad seo iadsan a labhair ri Phàraoh, rìgh na h‑Eiphit, a‑chum clann Israeil a thoirt a‑mach as an Eiphit: is iad seo am Maois agus an t‑Aaron ud.

28Agus thàrladh, anns an là air an do labhair an Tighearna ri Maois ann an tìr na h‑Eiphit,

29Gun do labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna: labhair thusa ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit gach nì a their mise riut.

30Agus thubhairt Maois an làthair an Tighearna, Feuch, tha mise neo-thimcheall-gheàrrte am bhilean, agus cionnas a dh’èisdeas Phàraoh rium?

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index