Search form

Ecsodus 7

1Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, rinn mi thu ad dhia do Phàraoh: agus bidh do bhràthair Aaron na fhàidh agad.

2Labhraidh tusa gach nì a dh’àithneas mise dhut: agus labhraidh Aaron do bhràthair ri Phàraoh, esan a chur cloinn Israeil a‑mach as a thìr.

3Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus nì mi mo chomharraidhean agus m’iongantasan lìonmhor ann an tìr na h‑Eiphit.

4Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

5Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

6Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh, mar sin rinn iad.

7Agus bha Maois ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, agus Aaron ceithir-fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a labhair iad ri Phàraoh.

8Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,

9Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.

10Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair.

11An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:

12Oir thilg iad sìos gach duine a shlat, agus rinneadh iad nan nathraichean: ach shluig slat Aaroin suas an slatan-san.

13Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.

14Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, tha e a’ diùltadh leigeadh leis an t‑sluagh falbh.

15Imich-sa a dh’ionnsaigh Phàraoh anns a’ mhadainn; feuch, tha e a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge, agus seasaidh tu na choinneamh air bruach na h‑aibhne; agus an t‑slat a thionndaidheadh na nathair, gabhaidh tu ad làimh.

16Agus their thu ris, Chuir an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhòmhsa anns an fhàsach: agus, feuch, gus a seo cha b’àill leat èisdeachd.

17Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil.

18Agus gheibh an t‑iasg a tha anns an abhainn bàs, agus lobhaidh an abhainn; agus bidh gràin air na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn.

19Agus labhair an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a‑mach do làmh air uisgeachan na h‑Eiphit, air an aibhnichean, air an sruthan, agus air an lochan, agus air uile cho-chruinneachadh an uisgeachan, a‑chum is gum fàs iad nam fuil: agus bidh fuil air feadh tìr na h‑Eiphit uile, araon ann an soithichean fiodha, agus ann an soithichean cloiche.

20Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil.

21Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Eiphit uile.

22Agus rinn draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

23Agus thill Phàraoh, agus chaidh e da thaigh: agus cha do shocraich e a chridhe air seo cuideachd.

24Agus chladhaich na h‑Eiphitich uile timcheall na h‑aibhne airson uisge ra òl: oir cha b’urrainn iad òl de uisge na h‑aibhne.

25Agus choileanadh seachd làithean an dèidh don Tighearna an abhainn a bhualadh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index