Search form

Ecsodus 8

1Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

2Agus ma dhiùltas tu an leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannan:

3Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar-leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair-fhuinidh.

4Agus thèid na losgannan suas ort fhèin, agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich uile.

5Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do làmh led shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannan dol suas air talamh na h‑Eiphit.

6Agus shìn Aaron a‑mach a làmh os cionn uisgeachan na h‑Eiphit; agus chaidh na losgannan suas, agus chòmhdaich iad talamh na h‑Eiphit.

7Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan, agus thug iad suas losgannan air talamh na h‑Eiphit.

8An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

9Agus thubhairt Maois ri Phàraoh, Dèan uaill tharam: cuin a ghuidheas mi air do shon, agus airson do sheirbhiseach, agus airson do shluaigh, gun cuirear as do na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, air chor is gum mair iad a‑mhàin anns an abhainn?

10Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia.

11Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad.

12Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh.

13Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois: agus bhàsaich na losgannan as na taighean, as na bailtean, agus as na machraichean.

14Agus chruinnich iad ri chèile nan dùin iad; agus lobh an tìr.

15Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

16Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do shlat, agus buail duslach na talmhainn, a‑chum gum fàs e na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

17Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a‑mach a làmh le a shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e na mhialan air duine agus air ainmhidh: rinneadh uile dhuslach na talmhainn na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

18Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan a thoirt a‑mach mhial, ach cha b’urrainn iad; agus bha mialan air duine agus air ainmhidh.

19An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

20Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh (feuch, tha e a’ teachd a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge) agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

21Ach mura leig thu lem shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag ort fhèin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann ad thaighean: agus lìonar taighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna an talamh air a bheil iad.

22Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn.

23Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bidh an comharradh seo.

24Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Eiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag.

25Agus ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh dur Dia anns an tìr.

26Agus thubhairt Maois, Chan eil e iomchaidh sinn a dhèanamh mar sin; oir ìobraidh sinn gràinealachd nan Eiphiteach don Tighearna ar Dia. Feuch, an ìobair sinne gràinealachd nan Eiphiteach fa chomhair an sùl, agus nach clach iad sinn?

27Thèid sinn astar trì làithean don fhàsach, agus ìobraidh sinn don Tighearna ar Dia, mar a dh’àithneas e dhuinn.

28Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.

29Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid mise a‑mach uat, agus guidhidh mi air an Tighearna gum falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh, a‑màireach: ach na buineadh Phàraoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh don t‑sluagh dol a dh’ìobradh don Tighearna.

30Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.

31Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois; agus chuir e air falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh: cha d’fhan a h‑aon.

32Agus chruadhaich Phàraoh a chridhe air an àm seo mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t‑sluagh imeachd.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index