Search form

Genesis 11

1Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h‑aon fhacail aig gach neach.

2Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.

3Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan-creadha, agus làn-loisgeamaid iad. Agus bha a’ chlach-chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.

4Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

5Agus thàinig an Tighearna a‑nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.

6Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a‑nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.

7Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile.

8Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad de thogail a’ bhaile.

9Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.

10Is iad seo ginealaichean Sheim: Bha Sem ceud bliadhna a dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna an dèidh na dìle:

11Agus bha Sem beò, an dèidh dha Arphacsad a ghintinn, còig ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.

12Agus bha Arphacsad beò còig-bliadhna-deug ar fhichead, agus ghin e Salah:

13Agus bha Arphacsad beò, an dèidh dha Salah a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.

14Agus bha Salah beò deich-bliadhna-fichead, agus ghin e Eber.

15Agus bha Salah beò, an dèidh dha Eber a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.

16Agus bha Eber beò ceithir-bliadhna-deug ar fhichead, agus ghin e Peleg:

17Agus bha Eber beò, an dèidh dha Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich-bliadhna-fichead, agus ghin e mic agus nigheanan.

18Agus bha Peleg beò deich-bliadhna-fichead, agus ghin e Reu:

19Agus bha Peleg beò, an dèidh dha Reu a ghintinn, dà cheud agus naoi bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.

20Agus bha Reu beò dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead, agus ghin e Serug:

21Agus bha Reu beò, an dèidh dha Serug a ghintinn, dà cheud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.

22Agus bha Serug beò deich-bliadhna-fichead, agus ghin e Nàhor:

23Agus bha Serug beò, an dèidh dha Nàhor a ghintinn, dà cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.

24Agus bha Nàhor beò naoi-bliadhna-fichead, agus ghin e Tèrah:

25Agus bha Nàhor beò an dèidh dha Tèrah a ghintinn, ceud agus naoi-bliadhna-deug, agus ghin e mic agus nigheanan.

26Agus bha Tèrah beò deich agus trì-fichead bliadhna, agus ghin e Abram, Nàhor, agus Hàran.

27A‑nis is iad seo ginealaichean Thèrah: ghin Tèrah Abram, Nàhor, agus Hàran; agus ghin Hàran Lot.

28Agus fhuair Hàran bàs ro Thèrah a athair, anns an tìr anns an do rugadh e, ann an Ur nan Caldèach.

29Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai; agus ainm bean Nahoir Milcah, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah.

30Ach bha Sàrai neo-thorrach; cha robh duine cloinne aice.

31Agus ghabh Tèrah Abram a mhac, agus Lot mac Hàrain, mac a mhic, agus Sàrai a bhan-chliamhainn, bean Abraim a mhac; agus chaidh iad a‑mach maille riu à Ur nan Caldèach, gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad gu Hàran, agus ghabh iad còmhnaidh an sin.

32Agus b’iad làithean Thèrah dà cheud agus còig bliadhna: agus fhuair Tèrah bàs ann an Hàran.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index