Search form

Genesis 18

1Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha ann an còmhnard Mhamre, agus e na shuidhe an doras a’ bhùtha ann an teas an là;

2Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.

3Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach;

4Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh;

5Agus bheir mise an seo greim arain, agus neartaichibh ur cridhe: an dèidh sin imichidh sibh romhaibh: oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsaigh ur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dèan eadhon mar a thubhairt thu.

6Agus ghreas Abrahàm don bhùth a dh’ionnsaigh Shàrah, agus thubhairt e, Dèan cabhag, taoisinn trì miosaran de mhin fhlùir, agus dèan breacagan air lic an teintein.

7Agus ruith Abrahàm a dh’ionnsaigh a’ chruidh, agus ghabh e laogh maoth agus math, agus thug e do òganach e; agus rinn e deifir ga dheasachadh.

8Agus ghabh e ìm, agus bainne, agus an laogh a dheasaich e, agus chuir e air am beulaibh iad; agus sheas e làimh riu fon chraoibh, agus dh’ith iad.

9Agus thubhairt iad ris, Càit a bheil Sàrah do bhean? Agus thubhairt esan, Feuch, anns a’ bhùth.

10Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl.

11A‑nis bha Abrahàm agus Sàrah sean, agus air dol air an aghaidh gu math ann an aois; agus sguir Sàrah de bhith a rèir dòigh nam ban.

12Uime sin rinn Sàrah gàire innte fhèin, ag ràdh, An dèidh dhòmhsa fàs aosda, am bi subhachas agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna?

13Agus thubhairt an Tighearna ri Abrahàm, Carson a rinn Sàrah gàire, ag ràdh, An e gum beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhor?

14A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

15An sin dh’àich Sàrah, ag ràdh, Cha do rinn mi gàire; oir bha eagal oirre. Agus thubhairt esan, Chan eadh, oir rinn thu gàire.

16Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe.

17Agus thubhairt an Tighearna, An ceil mi air Abrahàm an nì sin a tha mi gus a dhèanamh;

18Agus gum fàs Abrahàm gu cinnteach na chinneach mòr agus cumhachdach, agus gum beannaichear annsan uile chinnich na talmhainn?

19Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.

20Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil glaodh Shòdoim agus Ghomorrah mòr, agus do bhrìgh gu bheil am peacadh air antromachadh gu h‑anabarrach;

21Thèid mi sìos a‑nis, agus chì mi ma rinn iad gu lèir a rèir a’ ghlaoidh, a thàinig am ionnsaigh; agus mura do rinn, bidh fhios agam.

22Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna.

23Agus thàinig Abrahàm am fagas, agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t‑ionracan maille ris an aingidh?

24Mas e is gu bheil lethcheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sgrios thu mar an ceudna agus nach caomhain thu an t‑àit airson an leth-cheud ionracan a tha ann?

25Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

26Agus thubhairt an Tighearna, Ma gheibh mi ann an Sòdom lethcheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sin caomhnaidh mi an t‑àit uile air an sgàth-san.

27Agus fhreagair Abrahàm agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna, agus gun annam ach duslach agus luaithre:

28Mas e is gum bi còignear a dh’uireasbhaidh air an lethcheud ionracan, an sgrios thu am baile uile airson easbhaidh chòignear? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e ma gheibh mi an sin còig agus dà‑fhichead.

29Agus labhair e ris a‑rìs, agus thubhairt e, Mas e is gum faighear an sin dà‑fhichead? Agus thubhairt e, Cha dèan mi e air sgàth dà‑fhichead.

30Agus thubhairt e ris, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi: Mas e is gum faighear an sin deich-ar‑fhichead? Agus thubhart e, Cha dèan mi e, ma gheibh mi an sin deich-ar‑fhichead.

31Agus thubhairt e, Feuch a‑nis ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna: Mas e is gum faighear fichead an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e airson fichead.

32Agus thubhairt e, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: Mas e is gum faighear deichnear an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth deichnear.

33Agus dh’imich an Tighearna roimhe, nuair a sguir e de labhairt ri Abrahàm: agus thill Abrahàm ga àite fhèin.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index