Search form

Genesis 20

1Agus dh’imich Abrahàm as a sin don tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnaidh eadar Cadeis agus Sur, agus bha e air chuairt ann an Gèrar.

2Agus thubhairt Abrahàm mu Shàrah a bhean, Is i mo phiuthar i: agus chuir Abimelech righ Ghèrair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sàrah.

3Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.

4Ach cha tàinig Abimelech am fagas dhi: agus thubhairt e, A Thighearna, am marbh thu mar an ceudna cinneach ionraic?

5Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo.

6Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, Seadh, tha fhios agam gur ann an treibhdhireas do chridhe a rinn thu seo, agus chùm mise mar an ceudna thu o pheacachadh am aghaidh: uime sin cha do leig mi leat beantainn rithe.

7A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat.

8Uime sin dh’èirich Abimelech moch anns a’ mhadainn, agus ghairm e a sheirbhisich uile, agus dh’aithris e na nithean sin uile nan èisdeachd: agus bha eagal mòr air na daoine.

9An sin ghairm Abimelech air Abrahàm, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus ciod an eucoir a rinn mise ort, gun tug thu ormsa agus air mo rìoghachd peacadh mòr? Rinn thu gnìomharan ormsa nach bu chòir a dhèanamh.

10Agus thubhairt Abimelech ri Abrahàm, Ciod a chunnaic thu, gun do rinn thu an nì seo?

11Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.

12Agus gidheadh is i gu deimhinn mo phiuthar, nighean m’athar, i, ach chan i nighean mo mhàthar; agus bha i agam mar mhnaoi.

13Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.

14Agus ghabh Abimelech caoraich agus buar agus òglaich agus banoglaich, agus thug e iad do Abrahàm, agus thug e air a h‑ais dha Sàrah a bhean.

15Agus thubhairt Abimelech, Feuch, tha m’ fhearann fad chomhair: gabh còmhnaidh far an taitneach leat.

16Agus ri Sàrah thubhairt e, Feuch, thug mi mìle bonn airgid dod bhràthair: feuch, tha e dhutsa na chòmhdachadh sùl do gach uile a tha maille riut, agus maille ris gach uile: mar seo fhuair i achmhasan.

17Agus rinn Abrahàm ùrnaigh ri Dia: agus leighis Dia Abimelech agus a bhean agus a bhanoglaich; agus rug iad clann.

18Oir dhruid an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, airson Shàrah bean Abrahàim.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index