Search form

Genesis 21

1Agus dh’amhairc an Tighearna air Sàrah mar a thubhairt e, agus rinn an Tighearna do Shàrah mar a labhair e.

2Oir dh’fhàs Sàrah torrach, agus rug i mac do Abrahàm na sheann aois, anns an àm shuidhichte mun do labhair Dia ris.

3Agus thug Abrahàm Isaac mar ainm air a mhac a rugadh dha, a rug Sàrah dha.

4Agus thimcheall-gheàrr Abrahàm Isaac a mhac, nuair a bha e ochd làithean a dh’aois, mar a dh’àithn Dia dha.

5Agus bha Abrahàm ceud bliadhna a dh’aois, nuair a rugadh a mhac Isaac dha.

6Agus thubhairt Sàrah, Thug Dia orm gàire a dhèanamh: agus gach neach a chluinneas, nì e gàire maille rium.

7Agus thubhairt i, Cò a theireadh ri Abrahàm gun tugadh Sàrah cìoch do chloinn? Oir rug mi mac dha na sheann aois.

8Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìche e: agus rinn Abrahàm cuirm mhòr anns an là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche.

9Agus chunnaic Sàrah mac Hàgair a’ bhan-Eiphiteach, a rug i do Abrahàm, ri fanaid.

10Uime sin thubhairt i ri Abrahàm, Tilg a‑mach a’ bhan-tràill seo, agus a mac: oir cha bhi mac na ban-tràille seo na oighre maille rim mhac-sa, eadhon ri Isaac.

11Agus bha an nì ro‑dhoilgheasach ann an sùilean Abrahàim airson a mhic.

12Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Na biodh e doilgheasach ad shùilean airson an òganaich, agus airson do bhan-tràille; a‑thaobh gach nì a thubhairt Sàrah riut, èisd ra guth; oir is ann an Isaac a dh’ainmichear dhutsa sliochd.

13Agus mar an ceudna de mhac na ban-tràille nì mise cinneach, do bhrìgh gur e do shliochd-sa e.

14Agus dh’èirich Abrahàm suas gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e aran agus searrag uisge, agus thug e sin do Hàgar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh, agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seachran ann am fàsach Bheer-sèba.

15Agus chaitheadh an t‑uisge on t‑searraig, agus thilg i an leanabh fo aon de na preasan.

16Agus dh’fhalbh i, agus shuidh i sìos fa chomhair, urchair saighde: oir thubhairt i, Na faiceam bàs an leinibh. Agus shuidh i fa chomhair, agus thog i suas a guth, agus ghuil i.

17Agus chuala Dia guth an òganaich; agus ghairm aingeal Dhè air Hàgar o nèamh agus thubhairt e rithe, Ciod a tha a’ teachd riut, a Hàgar? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far a bheil e.

18Eirich, tog suas an t‑òganach, agus gabh greim ad làimh dheth; oir nì mise na chinneach mòr e.

19Agus dh’fhosgail Dia a sùilean, agus chunnaic i tobar uisge; agus chaidh i, agus lìon i an t‑searrag le uisge, agus thug i deoch don òganach.

20Agus bha Dia leis an òganach; agus dh’fhàs e suas, agus ghabh e còmhnaidh anns an fhàsach, agus bha e na fhear-bogha.

21Agus ghabh e còmhnaidh ann am fàsach Phàrain: agus ghabh a mhàthair bean dha à tìr na h‑Eiphit.

22Agus anns an àm sin fhèin labhair Abimelech, agus Phicol, àrd-cheannard a shluaigh, ri Abrahàm, ag ràdh, Tha Dia leat anns gach nì a tha thu a’ dèanamh.

23A‑nis uime sin mionnaich dhòmhsa air Dia nach buin thu gu fealltach riumsa, no rim mhac, no ri mac mo mhic: ach a rèir a’ choibhneis a rinn mi riut, nì thusa riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air chuairt.

24Agus thubhairt Abrahàm, Bheir mi mo mhionnan.

25Agus thug Abrahàm achmhasan do Abimelech airson tobar uisge, a thug seirbhisich Abimeleich a‑mach le ainneart.

26Agus thubhairt Abimelech, Cha b’fhiosrach mise cò a rinn an gnìomh seo: cha d’innis thu fhèin dhomh, agus cha mhò a chuala mi a’ bheag ma thimcheall gus an‑diugh.

27Agus ghabh Abrahàm caoraich agus crodh, agus thug e iad do Abimelech; agus rinn iad le chèile coicheangal.

28Agus chuir Abrahàm seachd uain bhoireann den treud air leth leo fhèin.

29Agus thubhairt Abimelech ri Abrahàm, Ciod iad na seachd uain bhoireann sin a chuir thu air leth leo fhèin?

30Agus thubhairt e, Oir gabhaidh tu na seachd uain bhoireann sin om làimh, a‑chum gum bi iad nam fianais dhòmhsa gun do chladhaich mi an tobar seo.

31Uime sin, thug e Beer-sèba mar ainm air an àite sin; do bhrìgh an sin gun tug iad am mionnan le chèile.

32Mar seo rinn iad coicheangal aig Beer-sèba: an sin dh’èirich Abimelech suas, agus Phicol, àrd-cheannard a shluaigh, agus thill iad do thìr nam Philisteach.

33Agus shuidhich Abrahàm doire chraobh aig Beer-sèba, agus ghairm e an sin air ainm an Tighearna, an Dia sìorraidh.

34Agus bha Abrahàm air chuairt ann an tìr nam Philisteach mòran de làithean.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index