Search form

Genesis 22

1Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo.

2Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

3Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.

4A‑nis air an treas là thog Abrahàm suas a shùilean, agus chunnaic e an t‑àite fada uaithe.

5Agus thubhairt Abrahàm ra òganaich, Fanaibh-se an seo maille ris an asal; agus thèid mise agus an gille gu ruige siud, agus nì sinn adhradh, agus thig sinn a‑rìs dur n‑ionnsaigh.

6Agus ghabh Abrahàm fiodh an tabhartais-loisgte, agus chuir e e air muin a mhic Isaac; agus ghabh e na làimh an teine, agus an sgian; agus dh’imich iad le chèile cuideachd.

7Agus labhair Isaac ra athair Abrahàm, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo, a mhic. Agus thubhairt e, Feuch an teine agus am fiodh: ach càit a bheil an t‑uan airson tabhartais-loisgte?

8Agus thubhairt Abrahàm, Gheibh Dia, a mhic, uan dha fhèin airson tabhartais-loisgte. Mar sin dh’imich iad cuideachd le chèile.

9Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha.

10Agus shìn Abrahàm a‑mach a làmh, agus ghabh e an sgian a mharbhadh a mhic.

11Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.

12Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

13Agus thog Abrahàm suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, reithe air a chùlaibh an sàs ann am preas air a adhaircean: agus chaidh Abrahàm, agus ghabh e an reithe, agus thug e suas e mar thabhartas-loisgte an àit a mhic.

14Agus thug Abrahàm Iehòbhah-Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e.

15Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ri Abrahàm an dara uair o nèamh,

16Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;

17Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

18Agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth.

19Mar sin thill Abrahàm a dh’ionnsaigh a òganach: agus dh’èirich iad suas, agus chaidh iad cuideachd gu Beer-sèba: agus ghabh Abrahàm còmhnaidh aig Beer-sèba.

20Agus an dèidh nan nithean sin dh’innseadh do Abrahàm, ag ràdh, Feuch, rug Milcah mar an ceudna mic dod bhràthair Nàhor:

21Has a chiad-ghin, agus Buds a bhràthair, agus Cemuel athair Araim,

22Agus Chesed, agus Hadso, agus Pildas, agus Idlaph, agus Betuel.

23Agus ghin Betuel Rebecah: an ochdnar sin rug Milcah do Nàhor, bràthair Abrahàim.

24Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index