Search form

Genesis 25

1An sin ghabh Abrahàm bean a‑rìs, dom b’ainm Cetùrah.

2Agus rug i dha Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah.

3Agus ghin Iocsan Sèba, agus Dedan. Agus b’iad mic Dhedain Asurim, agus Letusim, agus Leumim.

4Agus mic Mhidiain; Ephah, agus Epher, agus Hanoch, agus Abidah, agus Eldaah. B’iad sin uile mic Chetùrah.

5Agus thug Abrahàm gach nì a bha aige do Isaac.

6Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear.

7Agus is iad seo làithean bliadhnachan beatha Abrahàim a bha e beò; ceud agus trì-fichead, agus còig-bliadhna-deug.

8An sin thug Abrahàm suas an deò, agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, na sheann duine, agus làn de bhliadhnachan; agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.

9Agus dh’adhlaic a mhic Isaac agus Ismael e ann an uaimh Mhachpelah, ann an achadh Ephroin mhic Shòair an t‑Hiteach, a tha fa chomhair Mhamre;

10An t‑achadh a cheannaich Abrahàm o mhic Het: ann an sin dh’adhlaiceadh Abrahàm, agus Sàrah a bhean.

11Agus an dèidh bàs Abrahàim, bheannaich Dia Isaac a mhac; agus ghabh Isaac còmhnaidh làimh ri tobar Lahai-roi.

12A‑nis is iad sin ginealaichean Ismaeil mhic Abrahàim a rug Hàgar a’ bhan-Eiphiteach, banoglach Shàrah, do Abrahàm:

13Agus is iad sin ainmean mic Ismaeil, nan ainmean a rèir an ginealaichean: ciad-ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam,

14Agus Misma, agus Dumah, agus Masa,

15Hadar, agus Tema, Ietur, Naphis, agus Cedemah.

16Is iad sin mic Ismaeil, agus is iad sin an ainmean nam bailtean, agus nan daingnichean; dà‑cheannard-dheug a rèir am fineachan.

17Agus is iad sin bliadhnachan beatha Ismaeil, ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead: agus thug e suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.

18Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs.

19Agus is iad seo ginealaichean Isaaic mhic Abrahàim: Ghin Abrahàm Isaac.

20Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan-àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.

21Agus ghuidh Isaac an Tighearna airson a mhnà, a chionn gu robh i neo-thorrach: agus dh’èisd an Tighearna ris, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach.

22Agus bha a’ chlann a’ strì ri chèile an taobh a‑staigh dhith: agus thubhairt ise, Ma tha a’ chùis mar sin, carson a tha mi mar seo? Agus chaidh i a dh’fhiosrachadh den Tighearna.

23Agus thubhairt an Tighearna rithe, Tha dà chinneach ad bholg, agus bidh dà shluagh air an sgaradh od innibh: agus bidh aon sluagh dhiubh seo nas treasa na an sluagh eile; agus nì esan as sine seirbhis dhàsan as òige.

24Agus nuair a choileanadh a làithean gu bhith air a h‑asaid, feuch, bha leth-aona na bolg.

25Agus thàinig an ciad-ghin a‑mach dearg, agus e uile mar fhallaing mholaich: agus thug iad Esau mar ainm air.

26Agus na dhèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, agus greim aig a làimh air sàil Esau; agus thugadh Iàcob mar ainm air: agus bha Isaac trì-fichead bliadhna a dh’aois nuair a rugadh iad.

27Agus dh’fhàs na gillean; agus bha Esau na shealgair seòlta, na fhear machrach; agus bha Iàcob na dhuine coileanta, a’ gabhail còmhnaidh ann am bùthan.

28Agus ghràdhaich Isaac Esau, a chionn gun d’ith e de a shidhinn; ach ghràdhaich Rebecah Iàcob.

29Agus bhruith Iàcob brochan; agus thàinig Esau on mhachair, agus e fann.

30Agus thubhairt Esau ri Iàcob, Leig dhomh ithe, guidheam ort, den bhrochan dhearg sin fhèin; oir tha mi fann: uime sin thugadh Edom mar ainm air.

31Agus thubhairt Iàcob, Reic rium an‑diugh do chòir-bhreithe.

32Agus thubhairt Esau, Feuch, tha mi dlùth don bhàs; agus ciod an tairbhe a tha anns a’ chòir-bhreithe seo dhòmhsa?

33Agus thubhairt Iàcob, Mionnaich dhòmhsa an‑diugh; agus mhionnaich e dha: agus reic e a chòir-bhreithe ri Iàcob.

34An sin thug Iàcob do Esau aran, agus brochan de ghall-pheasair; agus dh’ith e, agus dh’òl e, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e roimhe: mar seo rinn Esau dìmeas air a chòir-bhreithe.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index