Search form

Genesis 36

1Agus is iad sin ginealaichean Esau, eadhon Edom.

2Ghabh Esau a mhnathan de nigheanan Chanàain; Adah nighean Eloin an t‑Hiteach, agus Aholibamah nighean Anah, nighean Shibeoin an t‑Hibheach;

3Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaioit.

4Agus rug Adah do Esau Eliphads; agus rug Basemat Reuel;

5Agus rug Aholibamah Ieus, agus Iaalam, agus Corah: is iad sin mic Esau, a rugadh dha ann an tìr Chanàain.

6Agus ghabh Esau a mhnathan, agus a mhic, agus a nigheanan, agus uile mhuinntir a thaighe, agus a sprèidh, agus a ainmhidhean uile, agus a mhaoin uile, a fhuair e ann an tìr Chanàain, agus chaidh e do thìr eile o ghnùis a bhràthar Iàcob.

7Oir bha an saoibhreas na bu mhò na gum faodadh iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd; agus cha b’urrainn an tìr anns an robh iad nan coigrich an giùlan airson an sprèidhe.

8Mar seo ghabh Esau còmhnaidh ann an sliabh Sheir: is e Esau Edom.

9Agus is iad sin ginealaichean Esau, athair nan Edomach, ann an sliabh Sheir:

10Is iad sin ainmean mic Esau: Eliphads mac Adah bean Esau, Reuel mac Bhasemait bean Esau.

11Agus b’iad mic Eliphaids Teman, Omar, Sepho, agus Gatam, agus Cenads.

12Agus bha Timna na coileabach aig Eliphads, mac Esau; agus rug i do Eliphads Amalec: b’iad sin mic Adah, bean Esau.

13Agus is iad sin mic Reueil: Nahat, agus Serah, Samah, agus Midsah: b’iad sin mic Bhasemait, bean Esau.

14Agus b’iad sin mic Aholibamah, nighean Anah nighinn Shibeoin, bean Esau: agus rug i do Esau Ieus, agus Iaalam, agus Corah.

15B’iad sin cinn-fheadhna mic Esau: mic Eliphaids, ciad-ghin Esau; ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Omar, ceann-feadhna Sepho, ceann-feadhna Cenads,

16Ceann-feadhna Corah, ceann-feadhna Gatam, agus ceann-feadhna Amalec: is iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Eliphads, ann an tìr Edoim: b’iad sin mic Adah.

17Agus is iad sin mic Reueil mhic Esau; ceann-feadhna Nahat, ceann-feadhna Serah, ceann-feadhna Samah, ceann-feadhna Midsah. Is iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Reuel, ann an tìr Edoim: is iad sin mic Bhasemait, bean Esau.

18Agus is iad sin mic Aholibamah, bean Esau: ceann-feadhna Ieus, ceann-feadhna Iaalam, ceann-feadhna Corah; b’iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Aholibamah nighean Anah, bean Esau.

19Is iad sin mic Esau, eadhon Edom; agus is iad sin an cinn-fheadhna.

20Is iad sin mic Sheir an t‑Horach, luchd-àiteachaidh na tìre: Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah.

21Agus Dison, agus Edsere, agus Disan; is iad sin cinn-fheadhna nan Horach, clann Sheir, ann an tìr Edoim.

22Agus b’iad clann Lotain Hori agus Heman: agus b’i Timna piuthar Lotain.

23Agus b’iad sin clann Shobail: Albhan, agus Manahat, agus Ebal, Sepho, agus Onam.

24Agus b’iad sin clann Shibeoin: araon Aiah agus Anah: b’e seo an t‑Anah a fhuair a‑mach na muileidean anns an fhàsach, nuair a bha e ag ionaltradh asail Shibeoin a athair.

25Agus b’iad sin clann Anah: Dison agus Aholibamah nighean Anah.

26Agus b’iad sin clann Dhisoin: Hemdan, agus Esban, agus Itran, agus Cheran.

27B’iad sin clann Edseir: Bilhan, agus Saabhan, agus Achan.

28B’iad sin clann Dhisain: Uds agus Aran.

29B’iad sin cinn-fheadhna nan Horach: ceann-feadhna Lotan, ceann-feadhna Sobal, ceann-feadhna Sibeon, ceann-feadhna Anah,

30Ceann-feadhna Dison, ceann-feadhna Edser, ceann-feadhna Disan: is iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Hori, am measg an ceann-feadhna-san ann an tìr Sheir.

31Agus is iad sin na rìghrean a rìghich ann an tìr Edoim, mun do rìghich rìgh sam bith air cloinn Israeil.

32Agus rìghich ann an Edom Belah mac Bheoir; agus b’e ainm a bhaile Dinhabah.

33Agus dh’eug Belah, agus rìghich Iobab mac Sherah o Bhosrah na àite.

34Agus dh’eug Iobab, agus rìghich Husam o thìr Themani na àite.

35Agus dh’eug Husam, agus rìghich Hadad mac Bhedaid, a bhuail Midian ann am fearann Mhòaib, na àite: agus b’e ainm a bhaile Abhit.

36Agus dh’eug Hadad, agus rìghich Samlah o Mhasrecah na àite.

37Agus dh’eug Samlah, agus rìghich Saul o Rehobot, làimh ris an abhainn, na àite.

38Agus dh’eug Saul, agus rìghich Bàal-hanan mac Achboir na àite.

39Agus dh’eug Bàal-hanan mac Achboir, agus rìghich Hadar na àite: agus b’e ainm a bhaile Pau; agus ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid nighinn Mhedsahaib.

40Agus is iad sin ainmean nan ceann-feadhna a thàinig o Esau, a rèir an teaghlaichean, a rèir an àiteachan, nan ainmean: ceann-feadhna Timnah, ceann-feadhna Albhah, ceann-feadhna Ietet,

41Ceann-feadhna Aholibamah, ceann-feadhna Elah, ceann-feadhna Pinon,

42Ceann-feadhna Cenads, ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Mibsar,

43Ceann-feadhna Magdiel, ceann-feadhna Iram: is iad sin cinn-fheadhna Edoim, a rèir an àiteachan-còmhnaidh, ann an tìr an seilbh; is esan Esau, athair nan Edomach.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index