Search form

Genesis 38

1Agus anns an àm sin fhèin chaidh Iùdah sìos o a bhràithrean, agus thionndaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh Adulamaich àraidh, dom b’ainm Hirah.

2Agus chunnaic Iùdah an sin nighean Canàanaich àraidh, dom b’ainm Suah: agus ghabh e i, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh.

3Agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thug e Er mar ainm air.

4Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thug i Onan mar ainm air.

5Agus dh’fhàs i torrach fhathast, agus rug i mac; agus thug i Selah mar ainm air: agus bha esan ann an Chedsib, nuair a rug i e.

6Agus ghabh Iùdah bean do Er a chiad-ghin, dom b’ainm Tàmar.

7Agus bha Er, ciad-ghin Iùdah, aingidh ann an sealladh an Tighearna; agus mharbh an Tighearna e.

8Agus thubhairt Iùdah ri Onan, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh bean do bhràthar, agus pòs i, agus tog suas sliochd dod bhràthair.

9Agus bha fhios aig Onan nach b’ann leis fhèin a bhiodh an sliochd; agus nuair a chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh bean a bhràthar, dhòirt e air a’ bhlàr e, a‑chum nach tugadh e sliochd da bhràthair.

10Agus bha an nì a rinn e olc ann an sealladh an Tighearna: uime sin mharbh e esan mar an ceudna.

11An sin thubhairt Iùdah ri Tàmar, bean a mhic, Fan ad bhantraich ann an taigh d’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, Air eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithrean. Agus dh’fhalbh Tàmar, agus dh’fhan i ann an taigh a h‑athar.

12Agus ùine fhada an dèidh sin fhuair nighean Shuah, bean Iùdah, bàs: agus thog Iùdah a mhisneach, agus chaidh e suas a dh’ionnsaigh luchd-lomairt a chaorach, e fhèin agus a charaid Hirah an t‑Adulamach, gu Timnat.

13Agus dh’innseadh do Thàmar, ag ràdh, Feuch, tha d’athair-cèile a’ dol suas gu Timnat a lomairt a chaorach.

14Agus chuir i a culaidh-bantraich dhith, agus chòmhdaich i i fhèin le gnùis-bhrat, agus phaisg i i fhèin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a tha làimh ris an t‑slighe gu Timnat: oir chunnaic i gun d’fhàs Selah suas, agus nach tugadh i dha mar mhnaoi.

15Nuair a chunnaic Iùdah i, shaoil e gum bu strìopach i, a chionn gun do chòmhdaich i a h‑aodann.

16Agus thionndaidh e da h‑ionnsaigh air an t‑slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a‑steach ad ionnsaigh; oir cha robh fhios aige gum b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh, a‑chum is gun tig thu a‑steach am ionnsaigh?

17Agus thubhairt esan, Cuiridh mi meann ad ionnsaigh on treud: agus thubhairt ise, An toir thu geall dhomh gus an cuir thu am ionnsaigh e?

18Agus thubhairt e, Ciod an geall a bheir mi dhut? Agus thubhairt ise, Do sheula, agus do làmh-fhailean, agus do lorg a tha ann ad làimh: agus thug e dhi iad, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus rinneadh i torrach leis.

19Agus dh’èirich i, agus dh’fhalbh i roimhpe, agus chuir i seachad a gnùis-bhrat uaipe, agus chuir i a culaidh-bantraich oirre.

20Agus chuir Iùdah am meann le làimh a charaid an t‑Adulamach, a‑chum is gum faigheadh e an geall o làimh na mnà: ach cha d’fhuair e i.

21An sin dh’fheòraich e de dhaoine an àite sin, ag ràdh, Càit a bheil an strìopach a bha gu follaiseach ri taobh na slighe? Agus thubhairt iadsan, Cha robh strìopach sam bith an seo.

22Agus thill e a dh’ionnsaigh Iùdah, agus thubhairt e, Cha d’fhuair mi i: agus mar an ceudna thubhairt daoine an àite, Cha robh strìopach sam bith an seo.

23Agus thubhairt Iùdah, Gabhadh i dhi fhèin e, air eagal gum maslaichear sinn: feuch, chuir mi am meann seo da h‑ionnsaigh, agus cha d’fhuair thu i.

24Agus beul ri trì mìosan an dèidh sin, dh’innseadh do Iùdah, ag ràdh, Rinn Tàmar, bean do mhic, strìopachas; agus, feuch, cuideachd, tha i torrach le strìopachas. Agus thubhairt Iùdah, Thugaibh a‑mach i, agus loisgear i.

25Nuair a thugadh a‑mach i, chuir i fios a dh’ionnsaigh a h‑athar-cèile, ag ràdh, Aig an fhear dom buin iad sin tha mise leatromach: agus thubhairt i, Faic, guidheam ort, cò leis an seula, agus na làmh-fhailean, agus an lorg seo.

26Agus ghabh Iùdah riu, agus thubhairt e, Bha i na bu cheirte na mise, a chionn nach tug mi i do Shelah mo mhac. Agus cha robh aithne aige oirre nas mò.

27Agus nuair a bha i ri saothair chloinne, feuch, bha leth-aona na bolg.

28Agus nuair a bha i ri saothair, chuir aon dhiubh a‑mach a làmh: agus rug a’ bhean-ghlùine air a làimh, agus cheangail i snàthainn sgàrlaid oirre, ag ràdh, Thàinig e seo a‑mach an toiseach.

29Agus nuair a tharraing e a làmh air ais, feuch, thàinig a bhràthair a‑mach; agus thubhairt ise, Cionnas a bhris thu a‑mach? Biodh am briseadh seo ortsa. Uime sin thugadh Phareds mar ainm air.

30Agus an dèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, aig an robh an snàthainn sgàrlaid air a làimh; agus thugadh Sàrah mar ainm air.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index