Search form

Genesis 43

1Agus bha a’ ghorta ro‑mhòr anns an tìr.

2Agus nuair a dh’ith iad suas an sìol a thug iad as an Eiphit, thubhairt an athair riu, Rachaibh a‑rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh.

3Agus labhair Iùdah ris, ag ràdh, Thug an duine dearbh-chinnt dhuinn ag ràdh, Chan fhaic sibh mo ghnùis-sa mura bi ur bràthair maille ribh.

4Ma chuireas tu ar bràthair maille rinn, thèid sinn sìos, agus ceannaichidh sinn biadh dhut;

5Ach mura cuir thu leinn e, cha tèid sinn sìos: oir thubhairt an duine rinn, Chan fhaic sibh mo ghnùis, mura bi ur bràthair maille ribh.

6Agus thubhairt Israel, Carson a bhuin sibh cho olc rium, agus gun d’innis sibh don duine gu robh bràthair tuilleadh agaibh?

7Agus thubhairt iad, Dh’fhiosraich an duine dhinn gu teann mar timcheall fhèin, agus mu thimcheall ar càirdean, ag ràdh, A bheil ur n‑athair fhathast beò? A bheil bràthair eile agaibh? Agus dh’innis sinne dha a rèir brìgh nam briathar sin: am b’urrainn sinne fhios a bhith againn gu cinnteach gun abradh e, Thugaibh ur bràthair a‑nuas?

8Agus thubhairt Iùdah ri Israel a athair, Cuir an t‑òganach maille riumsa, agus èiridh sinn, agus imichidh sinn, a‑chum is gum bi sinn beò agus nach faigh sinn bàs, araon sinne, agus thu fhèin, agus mar an ceudna ar clann bheag.

9Bidh mise am urras air a shon; om làimh-sa iarraidh tu e: mura toir mise ad ionnsaigh, agus mura cuir mi ad làthair e, an sin biodh a’ choire gu bràth orm:

10Oir mura bitheamaid air dèanamh moille, gu cinnteach bha sinn a‑nis air tilleadh air ar n‑ais an dara uair seo.

11Agus thubhairt Israel an athair riu, Ma dh’fheumas a’ chùis a bhith mar sin a‑nis, dèanaibh seo; gabhaibh den toradh as fheàrr anns an tìr nur soithichean, agus thugaibh sìos tìodhlac don duine; beagan ìocshlaint, agus beagan meala, spìosraidh, agus mirr, cnothan, agus almoinean:

12Agus thugaibh leibh airgead dùbailte nur làimh, agus an t‑airgead a thugadh air ais am beul ur sac, thugaibh air ais e nur làimh; theagamh gur mearachd a bha ann:

13Gabhaibh mar an ceudna ur bràthair; agus èiribh, rachaibh a‑rìs a dh’ionnsaigh an duine:

14Agus gun tugadh Dia Uile-chumhachdach tròcair dhuibh an làthair an duine, a‑chum is gun leig e air falbh leibh ur bràthair eile, agus Beniàmin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad.

15Agus ghabh na daoine an tìodhlac sin, agus thug iad leo airgead dùbailte nan làimh, agus Beniàmin; agus dh’èirich iad, agus chaidh iad sìos don Eiphit, agus sheas iad an làthair Iòseiph.

16Agus nuair a chunnaic Iòseph Beniàmin maille riu, thubhairt e ri fear-riaghlaidh a thaighe, Thoir na daoine sin dhachaigh, agus marbh, agus deasaich; oir maille riumsa ithidh na daoine sin air mheadhon-là.

17Agus rinn an duine mar a dh’iarr Iòseph; agus thug e na daoine do thaigh Iòseiph.

18Agus bha eagal air na daoine, a chionn gun tugadh iad do thaigh Iòseiph, agus thubhairt iad, Is ann airson an airgid, a chuireadh air ais nar saic a’ chiad uair, a thugadh a‑steach sinn; a‑chum gum faigh e cion-fàth nar n‑aghaidh, agus gun tuit e oirnn, agus gun gabh e sinn mar thràillean, agus ar n‑asail.

19Agus thàinig iad am fagas do fhear-riaghlaidh taigh Iòseiph, agus labhair iad ris aig doras an taighe,

20Agus thubhairt iad, O mo thighearna, thàinig sinn da‑rìribh a‑nuas an toiseach a cheannach bìdh:

21Agus nuair a thàinig sinn don taigh-òsda, agus a dh’fhosgail sinn ar saic, feuch, bha airgead gach fir am beul a shaic, ar n‑airgead na làn chothrom: agus thug sinn air ais leinn e nar làimh.

22Agus airgead eile thug sinn a‑nuas leinn nar làimh a cheannach bìdh: chan eil fhios againn cò a chuir ar n‑airgead nar saic.

23Agus thubhairt e, Sìth gu robh dhuibh, na biodh eagal oirbh: thug ur Dia fhèin agus Dia ur n‑athar ionmhas dhuibh nur saic: fhuair mise ur n‑airgead. Agus thug e Simeon a‑mach dan ionnsaigh.

24Agus thug an duine na daoine a‑steach do thaigh Iòseiph, agus thug e uisge dhaibh, agus nigh iad an casan, agus thug e biadh dan asail.

25Agus dh’ullaich iad an tìodhlac an coinneamh do Iòseph teachd aig meadhon-là; oir chuala iad gu robh iad gu aran ithe an sin.

26Agus nuair a thàinig Iòseph dhachaigh thug iad da ionnsaigh an tìodhlac, a bha nan làimh, don taigh: agus chrom iad iad fhèin dha gu làr.

27Agus dh’fheòraich e an robh iad gu math, agus thubhairt e, A bheil ur n‑athair, an seann duine mun do labhair sibh, gu math? A bheil e fhathast beò?

28Agus thubhairt iadsan, Tha do sheirbhiseach ar n‑athair gu math; tha e fhathast beò. Agus chrom iad iad fhèin sìos, agus rinn iad ùmhlachd.

29Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e Beniàmin a bhràthair, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e seo ur bràthair as òige, mun do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu robh Dia gràsmhor dhut, a mhic.

30Agus rinn Iòseph cabhag, oir bha a chridhe a’ tiomachadh ra bhràthair; agus dh’iarr e àit anns an guileadh e; agus chaidh e a‑steach da sheòmar, agus ghuil e an sin.

31Agus nigh e a aodann, agus chaidh e a‑mach, agus chùm e air fhèin, agus thubhairt e, Cuiribh sìos aran.

32Agus chuir iad sìos dhàsan leis fhèin, agus dhaibhsan leo fhèin, agus do na h‑Eiphitich, a dh’ith maille ris, leo fhèin; a chionn nach faodadh na h‑Eiphitich aran ithe maille ris na h‑Eabhraidhich; oir is gràinealachd sin do na h‑Eiphitich.

33Agus shuidh iad sìos na làthair, an ciad-ghin a rèir a chòir-bhreithe, agus am fear a b’òige a rèir a òige: agus ghabh na daoine iongantas, gach fear ri chèile.

34Agus ghabh esan, agus chuir e cuibhreannan o a làthair fhèin dan ionnsaigh: ach rinn e cuibhreann Bheniàmin còig uairean na bu mhò na cuid aoin acasan. Agus dh’òl iad, agus bha iad subhach maille ris.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index