Search form

Lebhiticus 10

1Agus ghabh Nàdab agus Abihu, mic Aaroin, gach fear dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine ann, agus chuir iad tùis air, agus thug iad suas am fianais an Tighearna teine coimheach, nach d’àithn e dhaibh.

2Agus chaidh teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e suas iad, agus fhuair iad bàs an làthair an Tighearna.

3An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.

4Agus ghairm Maois air Misael agus air Elsaphan, mic Udsieil, bràthair-athar Aaroin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fagas, giùlainibh ur bràithrean o fhianais an ionaid naoimh a‑mach as a’ champ.

5Agus chaidh iad am fagas, agus ghiùlain iad nan còtaichean iad a‑mach as a’ champ, mar a thubhairt Maois.

6Agus thubhairt Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic, Na rùisgibh ur cinn, agus na reubaibh ur n‑aodach, air eagal gum faigh sibh bàs, agus air eagal gun tig fearg air an t‑sluagh uile; ach dèanadh ur bràithrean, taigh Israeil uile, tuireadh airson an losgaidh a las an Tighearna.

7Agus cha tèid sibh a‑mach air doras pàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: oir tha ola-ungaidh an Tighearna oirbh. Agus rinn iad a rèir facal Mhaois.

8Agus labhair an Tighearna ri Aaron, ag ràdh,

9Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;

10Agus a‑chum gun cuir sibh eadar-dhealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus eadar neòghlan agus glan;

11Agus a‑chum gun teagaisg sibh do chloinn Israeil na h‑òrdaighean uile a labhair an Tighearna riu le làimh Mhaois.

12Agus labhair Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic a dh’fhan beò, Gabhaibh an tabhartas-bìdh a dh’fhàgadh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine, agus ithibh e gun ghortachadh làimh ris an altair; oir tha e ro‑naomh.

13Agus ithidh sibh e anns an ionad naomh, a chionn gur e do dhlighe e, agus dlighe do mhac, de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: oir is ann mar sin a dh’àithneadh dhòmhsa.

14Agus an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte ithidh sibh ann an ionad glan; thu fhèin, agus do mhic, agus do nigheanan maille riut: oir is iad do dhlighe iad, agus dlighe do mhac a thugadh dhaibh à ìobairtean tabhartasan-sìthe chloinn Israeil.

15An slinnean togte, agus an t‑uchd luaisgte, maille ris na tabhartasan air an toirt suas le teine den t‑saill, bheir iad leo gus a luasgadh mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna; agus is leatsa e agus led mhic maille riut, le reachd bithbhuan, mar a dh’àithn an Tighearna.

16Agus dh’iarr Maois gu dìcheallach meann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus, feuch, loisgeadh e: agus bha fearg aige ri Eleàsar agus ri Itamar, mic Aaroin, a dh’fhàgadh beò, ag ràdh,

17Carson nach d’ith sibh an ìobairt-pheacaidh anns an ionad naomh, do bhrìgh gu bheil i ro‑naomh, agus thug Dia dhuibh i a ghiùlan aingidheachd a’ choitheanail, a dhèanamh rèite air an son am fianais an Tighearna?

18Feuch, cha tugadh a fuil a‑steach an taobh a‑staigh den ionad naomh: bu chòir dhuibh gu deimhinn a h‑ithe anns an ionad naomh, mar a dh’àithn mise.

19Agus thubhairt Aaron ri Maois, Feuch, an‑diugh thug iad suas an ìobairt-pheacaidh, agus an ìobairt-loisgte, an làthair an Tighearna; agus thachair an leithidean sin de nithean dhòmhsa; agus nam bithinn air ithe na h‑ìobairt-pheacaidh an‑diugh, an gabhte rithe an làthair an Tighearna?

20Agus nuair a chuala Maois sin, bha e toilichte.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index