Search form

Lebhiticus 11

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh riu,

2Labhraibh ri cloinn Israeil, ag ràdh, Is iad seo na beathaichean a dh’itheas sibh de na h‑uile ainmhidhean a tha air an talamh.

3Gach aon a roinneas an ionga, agus a sgoilteas an ladhar, agus a chnàmhas a’ chìr, am measg nan ainmhidh, sin ithidh sibh.

4Ach iad seo chan ith sibh, dhiùbhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiùbhsan a roinneas an ionga: mar an càmhal, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh.

5Agus an coinean, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh.

6Agus a’ mhaigheach, a chionn ged chnàmh i a’ chìr, nach roinn i an ionga; neòghlan tha i dhuibh.

7Agus a’ mhuc, a chionn ged roinn i an ionga, agus ged sgoilt i an ladhar, gidheadh nach cnàmh i a’ chìr; neòghlan tha i dhuibh.

8Dem feòil chan ith sibh, agus rin cairbh cha bhean sibh; neòghlan tha iad dhuibh.

9Iad seo ithidh sibh, dhiùbhsan uile a tha anns na h‑uisgeachan: gach nì air a bheil itean agus lannan anns na h‑uisgeachan, anns na cuantan, agus anns na h‑aibhnichean, iad sin ithidh sibh.

10Agus gach nì air nach eil itean no lannan anns na cuantan, agus anns na h‑aibhnichean, de gach nì a ghluaiseas anns na h‑uisgeachan, agus de gach nì beò, a tha anns na h‑uisgeachan; nan gràinealachd bidh iad dhuibh:

11Eadhon nan gràinealachd bidh iad dhuibh: dem feòil chan ith sibh, agus den cairbhean gabhaidh sibh gràin.

12Gach nì air nach eil itean no lannan anns na h‑uisgeachan, na ghràinealachd bidh sin dhuibh.

13Agus dhiubh seo gabhaidh sibh gràin am measg nan eun; chan ithear iad, nan gràinealachd tha iad: an iolair, agus an cnàimh-bhristeach, agus an iolair-uisge,

14Agus am fang, agus an clamhan a rèir a ghnè;

15Gach fitheach a rèir a ghnè;

16Agus a’ chailleach-oidhche, agus an t‑seabhag-oidhche, agus a’ chuach, agus an t‑seabhag a rèir a ghnè,

17Agus a’ chailleach-oidhche bheag, agus an sgarbh, agus a’ chailleach-oidhche mhòr,

18Agus an eala, agus am pelican, agus an iolair-fhionn.

19Agus a’ chorra-bhàn, agus a’ chorra-ghlas a rèir a gnè, agus an t‑adharcan-luachrach, agus an ialtag.

20Bidh gach nì snàigeach a dh’itealaicheas, agus a dh’imicheas air ceithir chasan, na ghràinealachd dhuibh.

21Ach iad seo faodaidh sibh ithe, de gach nì snàigeach a dh’itealaicheas, agus a dh’imicheas air ceithir chasan, aig a bheil luirgnean os cionn a throighean, gu leum leo air an talamh.

22Eadhon iad seo dhiubh faodaidh sibh ithe: an lòcast a rèir a ghnè, agus an lòcast maol a rèir a ghnè, agus an daol a rèir a ghnè, agus an leumnach uaine a rèir a ghnè.

23Ach bidh gach nì eile snàigeach a dh’itealaicheas, aig a bheil ceithir chasan, na ghràinealachd dhuibh.

24Agus air an son sin bidh sibh neòghlan: gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar.

25Agus ge bè air bith a ghiùlaineas a’ bheag den cairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

26Bidh cairbhean gach ainmhidh a roinneas an ionga, agus nach sgoilt an ladhar, agus nach cnàmh a’ chìr, neòghlan dhuibh: gach neach a bheanas riu, bidh e neòghlan.

27Agus ge bè air bith a dh’imicheas air a mhàgan, am measg nan uile bheathaichean a dh’imicheas air ceithir chasan, bidh e neòghlan dhuibh; gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar.

28Agus esan a ghiùlaineas an cairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; neòghlan tha iad dhuibh.

29Agus bidh iad seo neòghlan dhuibh am measg nan nithean snàigeach a shnàigeas air an talamh: an neas, agus an luch, agus an crocodail a rèir a ghnè.

30Agus am firead, agus an cameleon, agus an dearc-luachrach, agus an t‑seilcheag, agus am famh.

31Tha iad sin neòghlan dhuibh nam measg-san uile a shnàigeas: gach neach a bheanas riu, nuair a bhios iad marbh, bidh e neòghlan gu feasgar.

32Agus gach nì air an tuit a h‑aon dhiubh, nuair a bhios e marbh, bidh e neòghlan; co‑dhiù as soitheach fiodha sam bith e, no aodach, no craiceann, no sac: feumaidh gach soitheach anns an dèanar obair sam bith a bhith air a chur ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan.

33Agus a‑thaobh gach soithich creadha, anns an tuit a h‑aon dhiubh, bidh gach nì a tha ann neòghlan; agus brisidh sibh e.

34De gach uile bhiadh a dh’ithear, bidh am biadh air an tig an t‑uisge sin neòghlan; agus bidh gach deoch a dh’òlar, ann an soitheach sam bith dhiubh, neòghlan.

35Agus bidh gach nì air an tuit a’ bheag den cairbh, neòghlan; mas àmhainn e, no coireachan, brisear sìos iad: neòghlan tha iad, agus neòghlan bidh iad dhuibh.

36Gidheadh bidh fuaran no tobar, anns am bi pailteas uisge, glan: ach bidh an nì sin a bheanas rin cairbh, neòghlan.

37Agus ma thuiteas a’ bheag den cairbh air sìol-cuir sam bith, a bhios ri a chur, bidh e glan.

38Ach ma chuirear uisge sam bith air an t‑sìol, agus gun tuit a’ bheag den cairbh air, neòghlan bidh e dhuibh.

39Agus ma bhàsaicheas ainmhidh sam bith dem faod sibh ithe, bidh esan a bheanas ra chairbh neòghlan gu feasgar.

40Agus esan a dh’itheas de a chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; esan mar an ceudna a ghiùlaineas a’ chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

41Agus bidh gach nì snàigeach a shnàigeas air an talamh, na ghràinealachd: chan ithear e.

42Gach nì a dh’imicheas air a’ bhroinn, agus gach nì a dh’imicheas air ceithir chasan, no ge bè air bith aig a bheil tuilleadh chasan am measg nan uile nithean snàigeach a shnàigeas air an talamh; chan ith sibh iad oir is gràinealachd iad.

43Cha dèan sibh sibh fhèin gràineil le nì snàigeach sam bith a shnàigeas, cha mhò a nì sibh sibh fhèin neòghlan leo, air chor is gun truaillear sibh leo.

44Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh.

45Oir is mise an Tighearna a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia agaibh; bidh sibhse uime sin naomh, oir tha mise naomh.

46Is e seo lagh nan ainmhidh, agus na h‑eunlaith, agus gach dùile bheò a ghluaiseas anns na h‑uisgeachan, agus gach dùile a shnàigeas air an talamh:

47A chur dealachaidh eadar an neòghlan agus an glan, agus eadar am beathach a dh’fhaodar ithe, agus am beathach nach faodar ithe.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index