Search form

Lebhiticus 13

1Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, ag ràdh,

2Nuair a bhios aig duine ann an craiceann a fheòla at, no guirean, no ball soilleir, agus gum bi e ann an craiceann a fheòla cosmhail ri plàigh luibhre, an sin bheirear e gu Aaron an sagart, no gu aon de a mhic, na sagartan.

3Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh ann an craiceann a fheòla; agus nuair a bhios am fionnadh anns a’ phlàigh air tionndadh gu bàn, agus a bhios a’ phlàigh ra faicinn nas doimhne na craiceann a fheòla, is plàigh luibhre a tha ann; agus amhaircidh an sagart air, agus gairmidh e neòghlan e.

4Ach ma tha am ball soilleir ann an craiceann a fheòla bàn, agus gun e a bhith ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, agus gun a fhionnadh a bhith air tionndadh gu bàn, an sin druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil a’ phlàigh seachd làithean.

5Agus amhaircidh an sagart air, air an t‑seachdamh là; agus, feuch, ma tha a’ phlàigh na shealladh air stad, agus gun a’ phlàigh a bhith a’ sgaoileadh anns a’ chraiceann; an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean eile.

6Agus amhaircidh an sagart air a‑rìs air an t‑seachdamh là, agus, feuch, ma bhios a’ phlàigh càil-eigin dorcha, agus nach eil a’ phlàigh air sgaoileadh anns a’ chraiceann, gairmidh an sagart glan e: chan eil ann ach guirean; agus nighidh e a aodach, agus bidh e glan.

7Ach ma sgaoil an guirean gu mòr a‑mach anns a’ chraiceann, an dèidh dha a bhith air fhaicinn leis an t‑sagart a‑chum a ghlanaidh, chìthear e a‑rìs leis an t‑sagart.

8Agus amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha an guirean air sgaoileadh anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart e neòghlan: is luibhre a tha ann.

9Nuair a bhios plàigh luibhre air duine, an sin bheirear e a‑chum an t‑sagairt:

10Agus amhaircidh an sagart air: agus, feuch, ma tha at bàn anns a’ chraiceann, agus gun do thionndaidh e am fionnadh gu bàn, agus gu bheil feòil bheò dhearg anns an at,

11Is seann luibhre a tha ann, ann an craiceann a fheòla; agus gairmidh an sagart e neòghlan, agus cha druid e a‑staigh e, oir tha e neòghlan.

12Agus ma bhriseas luibhre gu mòr a‑mach anns a’ chraiceann, agus gun còmhdaich an luibhre craiceann an neach air a bheil a’ phlàigh uile o a cheann gu a throigh, ge bè ball air an amhairc an sagart:

13An sin bheir an sagart fa‑near: agus, feuch, ma chòmhdaich an luibhre a fheòil uile, gairmidh e esan glan air a bheil a’ phlàigh: thionndaidheadh e uile gu bàn; tha e glan.

14Ach nuair a bhios feòil dhearg ra faicinn air, bidh e neòghlan.

15Agus amhaircidh an sagart air an fheòil dheirg, agus gairmidh e neòghlan e; oir tha an fheòil dhearg neòghlan: is luibhre a tha ann.

16Ach ma thig an fheòil dhearg air a h‑ais a‑rìs, agus gun tionndaidhear gu bàn i, thig e a‑chum an t‑sagairt,

17Agus amhaircidh an sagart air: agus, feuch, ma tha a’ phlàigh air tionndadh gu bàn, an sin gairmidh an sagart esan glan air a bheil a’ phlàigh: tha e glan.

18An fheòil mar an ceudna anns an robh, eadhon na craiceann, neasgaid, agus a lèighseadh,

19Agus aig a bheil ann an àite na neasgaid at bàn, no ball soilleir bàn, càil-eigin dearg, nochdar don t‑sagart e;

20Agus mas e nuair a chì an sagart e, feuch, gu bheil e ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, agus a fhionnadh air a thionndadh gu bàn, gairmidh an sagart neòghlan e: is plàigh luibhre a tha ann air briseadh a‑mach anns an neasgaid.

21Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus, feuch, nach eil fionnadh bàn air bith ann, agus gun e nas doimhne na an craiceann, ach càil-eigin dorcha, an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean.

22Agus ma tha e air sgaoileadh a‑mach gu mòr anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart e neòghlan; is plàigh a tha ann.

23Ach ma tha am ball soilleir air stad na àite, gun e air sgaoileadh, is neasgaid loisgeach a tha ann; agus gairmidh an sagart glan e.

24No ma bhios feòil air bith ann, aig a bheil na craiceann losgadh teth, agus gum bi, anns an fheòil bheò a tha a’ losgadh, ball bàn soilleir, càil-eigin dearg, no bàn;

25An sin amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha am fionnadh anns a’ bhall shoilleir air tionndadh gu bàn, agus e ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, is luibhre a tha ann air briseadh a‑mach anns an losgadh: uime sin gairmidh an sagart neòghlan e; is plàigh luibhre a tha ann.

26Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus, feuch, nach eil fionnadh bàn air bith air a’ bhall shoilleir, agus nach eil e nas doimhne na an craiceann eile, ach gu bheil e càil-eigin dorcha, an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean.

27Agus amhaircidh an sagart air, air an t‑seachdamh là, agus ma tha e air sgaoileadh a‑mach gu mòr anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart neòghlan e; is plàigh luibhre a tha ann.

28Agus ma tha am ball soilleir air stad na àite, gun e air sgaoileadh anns a’ chraiceann, ach e càil-eigin dorcha; is at on losgadh a tha ann, agus gairmidh an sagart glan e; oir is leannachadh a tha ann on losgadh.

29Ma tha aig duine no mnaoi plàigh air a’ cheann, no air an fheusaig;

30An sin amhaircidh an sagart air a’ phlàigh: agus, feuch, ma tha i ra faicinn nas doimhne na an craiceann, agus fionnadh tana buidhe innte; an sin gairmidh an sagart neòghlan e: is càrr tioram a tha ann, eadhon luibhre air a’ cheann, no air an fheusaig.

31Agus ma dh’amhairceas an sagart air plàigh a’ charra, agus, feuch, nach eil i ra faicinn nas doimhne na an craiceann, agus nach eil fionnadh dubh sam bith innte, an sin druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil plàigh a’ charra, seachd làithean.

32Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh air an t‑seachdamh là, agus, feuch, mura eil an càrr air sgaoileadh, agus nach eil fionnadh buidhe sam bith ann, agus nach eil an càrr ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann;

33An sin bearrar e, ach an càrr cha bheàrr e; agus druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil an càrr, seachd làithean eile.

34Agus air an t‑seachdamh là, amhaircidh an sagart air a’ chàrr: agus, feuch, mura eil an càrr air sgaoileadh anns a’ chraiceann, no ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann; an sin gairmidh an sagart glan e: agus nighidh e a aodach, agus bidh e glan.

35Ach ma tha an càrr air sgaoileadh gu mòr anns a’ chraiceann an dèidh a ghlanaidh;

36An sin amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha an càrr air sgaoileadh anns a’ chraiceann, chan iarr an sagart fionnadh buidhe: tha e neòghlan.

37Ach ma tha an càrr na shealladh air stad, agus ma tha fionnadh dubh air fàs suas ann, lèighseadh an càrr, tha e glan: agus gairmidh an sagart glan e.

38Ma bhios, mar an ceudna, aig duine no aig mnaoi, ann an craiceann am feòla, buill shoilleir, eadhon buill bhàna shoilleir;

39An sin amhaircidh an sagart: agus, feuch, ma tha na buill shoilleir ann an craiceann am feòla odhar-bhàn, is leus teas e air fàs anns a’ chraiceann: tha e glan.

40Agus an duine aig a bheil a cheann air faileadh, tha e maol: gidheadh tha e glan.

41Agus esan aig a bheil a fhalt air faileadh den chuid sin de a cheann a tha leth ra aodann, tha e maol-bhathaiseach: gidheadh tha e glan.

42Agus ma tha na cheann maol, no na bhathais mhaoil, creuchd bhàn càil-eigin dearg, is luibhre a tha ann air fàs suas na cheann maol, no na bhathais mhaoil.

43An sin amhaircidh an sagart air; agus, feuch, ma tha at na creuchda bàn-dhearg na mhaol-cheann, no na mhaol-bhathais, mar a nochdar an luibhre ann an craiceann na feòla;

44Is duine lobhrach e, tha e neòghlan: gairmidh an sagart e neòghlan gu h‑iomlan; tha a’ phlàigh na cheann.

45Agus an lobhar air a bheil a’ phlàigh, reubar a aodach, agus bidh a cheann lomnochd, agus cuiridh e falach air a bhil uachdaraich, agus glaodhaidh e, Neòghlan, neòghlan.

46Rè nan uile làithean a bhios a’ phlàigh air, bidh e salach; tha e neòghlan: gabhaidh e còmhnaidh na aonar; an taobh a‑muigh den champ bidh a ionad-tàimh.

47An t‑aodach mar an ceudna anns a bheil plàigh na luibhre, mas aodach olla e no mas aodach lìn e;

48Mas ann a tha i anns an dlùth, no anns an inneach, de lìon no de olainn, mas ann an craiceann, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann;

49Agus ma tha a’ phlàigh uaine no dearg anns an aodach, no anns a’ chraiceann, aon chuid anns an dlùth no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann, is plàigh luibhre a tha ann, agus feuchar i don t‑sagart.

50Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh, agus druididh e a‑staigh an nì anns a bheil a’ phlàigh, seachd làithean.

51Agus amhaircidh e air a’ phlàigh air an t‑seachdamh là: ma tha a’ phlàigh air sgaoileadh anns an aodach, aon chuid anns an dlùth no anns an inneach, no ann an craiceann, no ann an obair sam bith dèante de chraiceann, is luibhre chnàmhanach a’ phlàigh: tha e neòghlan.

52Loisgidh e uime sin an t‑aodach, mas dlùth no inneach, ann an olainn no ann an lìon, no nì air bith dèante de chraiceann, anns a bheil a’ phlàigh, oir is luibhre chnàmhanach a tha ann; loisgear e anns an teine.

53Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus, feuch, nach eil a’ phlàigh air sgaoileadh anns an aodach, aon chuid anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann;

54An sin àithnidh an sagart dhaibh an nì anns a bheil a’ phlàigh a nighe, agus druididh e a‑staigh e seachd làithean eile.

55Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh an dèidh a nighe: agus, feuch, mura do mhùth a’ phlàigh a dath, agus mura do sgaoil a’ phlàigh, tha e neòghlan; loisgidh tu anns an teine e: is cnàmhan an leth a‑staigh e, mas lom a‑staigh no a‑muigh e.

56Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus, feuch, gu bheil a’ phlàigh càil-eigin dorcha an dèidh a nighe; an sin reubaidh e as an aodach i, no as a’ chraiceann, no as an dlùth, no as an inneach.

57Agus ma tha i ra faicinn fhathast anns an aodach, aon chuid anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì air bith dèante de chraiceann, is plàigh sgaoilteach a tha ann: loisgidh tu le teine an nì anns a bheil a’ phlàigh.

58Agus an t‑aodach, mas dlùth, no inneach e, no nì air bith dèante de chraiceann, a nigheas tu, ma chaidh a’ phlàigh asda, an sin nighear e an dara uair, agus bidh e glan.

59Is e seo lagh plàigh na luibhre ann an aodach ola no lìn, anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann, a‑chum a ghairm glan, no a ghairm neòghlan.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index