Search form

Lebhiticus 15

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,

2Labhraibh ri cloinn Israeil, agus abraibh riu, Nuair a bhios aig duine sam bith silteach o a fheòil, airson a shiltich bidh e neòghlan.

3Agus is e seo a neòghlaine na shilteach: ma shileas a fheòil a‑mach a sileadh, no ma dhùinear a fheòil suas o a shilteach, is e seo a neòghlaine.

4Gach leabaidh air an laigh esan air a bheil silteach, bidh i neòghlan: agus gach nì air an suidh e, bidh e neòghlan.

5Agus gach neach a bheanas ra leabaidh, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

6Agus esan a shuidheas air nì sam bith air an do shuidh neach air a bheil silteach, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

7Agus esan a bheanas ri feòil neach air a bheil silteach, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

8Agus ma thilgeas esan air a bheil silteach smugaid airsan a tha glan, an sin nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

9Agus gach dìollaid air am marcaich esan air a bheil silteach, bidh i neòghlan.

10Agus gach neach a bheanas ri nì sam bith a bha foidhe, bidh e neòghlan gu feasgar: agus esan a ghiùlaineas aon air bith de na nithean sin, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

11Agus gach neach ris am bean esan air a bheil silteach, agus nach d’ionnlaid a làmhan ann an uisge, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

12Agus an soitheach creadha ris am bean esan air a bheil silteach, brisear e: agus gach soitheach fiodha, nighear ann an uisge e.

13Agus nuair a ghlanar esan air a bheil silteach o a shilteach, an sin àirmhidh e dha fhèin seachd làithean airson a ghlanaidh, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge-ruith, agus bidh e glan.

14Agus air an ochdamh là gabhaidh e dha fhèin dà thurtar, no dà chalaman òg, agus thig e an làthair an Tighearna, gu doras pàillean a’ choitheanail, agus bheir e iad don t‑sagart.

15Agus ìobraidh an sagart iad, aon dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus an t‑aon eile mar ìobairt-loisgte; agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna a‑thaobh a shiltich.

16Agus ma dh’fhalbhas a shìol-gin o dhuine sam bith, an sin nighidh e a fheòil uile ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

17Agus gach aodach, agus gach craiceann air am bi an sìol-gin, nighear e ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

18Mar an ceudna, a’ bhean leis an laigh fear le sìol-gin, nighidh iad araon iad fhèin ann an uisge, agus bidh iad neòghlan gu feasgar.

19Agus nuair a bhios silteach air mnaoi, agus gur fuil a bhios na silteach na feòil, seachd làithean cuirear air leth i; agus gach neach a bheanas rithe, bidh e neòghlan gu feasgar.

20Agus gach nì air an laigh i nuair a chuirear air leth i, bidh e neòghlan: gach nì mar an ceudna air an suidh i, bidh e neòghlan.

21Agus gach neach a bheanas ra leabaidh nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

22Agus gach neach a bheanas ri nì sam bith air an do shuidh i, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

23Agus ma bhios e air a leabaidh, no air nì sam bith air an suidh i, nuair a bheanas e ris, bidh e neòghlan gu feasgar.

24Agus ma laigheas fear sam bith maille rithe, agus gum bi a fuil-mìos air, bidh e neòghlan seachd làithean, agus bidh gach leabaidh air an laigh e neòghlan.

25Agus nuair a bhios a silteach fala air mnaoi mòran de làithean, chan ann an àm a dealachaidh, no ma shileas e an dèidh àm a dealachaidh, bidh uile làithean sileadh a neòghlaine mar làithean a dealachaidh: bidh i neòghlan.

26Gach leabaidh air an laigh i rè uile làithean a siltich, bidh i dhi mar leabaidh a dealachaidh: agus gach nì air an suidh i, bidh e neòghlan, a rèir neòghlaine a dealachaidh.

27Agus gach neach a bheanas ris na nithean sin, bidh e neòghlan; agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

28Ach ma ghlanar i o a silteach, an sin àirmhidh i dhi fhèin seachd làithean, agus an dèidh sin bidh i glan:

29Agus air an ochdamh là gabhaidh i dhi fhèin dà thurtar, no dà chalaman òg, agus bheir i iad a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail;

30Agus ìobraidh an sagart aon dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus an t‑aon eile mar ìobairt-loisgte; agus nì an sagart rèite air a son an làthair an Tighearna, airson silteach a neòghlaine.

31Mar seo dealaichidh sibh clann Israeil on neòghlaine, a‑chum is nach bàsaich iad nan neòghlaine, nuair a thruailleas iad mo phàillean-sa a tha nam measg.

32Is e seo lagh an fhir air a bheil silteach, agus an fhir sin aig an tèid a shìol uaithe, agus a shalaichear leis;

33Agus na mnà a bhios gu tinn ann an àm a dealachaidh, agus an neach sin air am bi silteach, an fhir, agus na mnà, agus an duine sin a laigheas leathase a tha neòghlan.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index