Search form

Lebhiticus 17

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Labhair ri Aaron, agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna ag ràdh,

3Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, a mharbhas tarbh, no uan, no gobhar, anns a’ champ, no a mharbhas e a‑mach as a’ champ,

4Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, gu tabhartas a thoirt seachad don Tighearna air beulaibh pàillean an Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, dhòirt e fuil; agus gearrar as an duine sin o mheasg a shluaigh:

5A‑chum is gun toir clann Israeil an ìobairtean, a dh’ìobras iad a‑muigh anns a’ mhachair, eadhon gun toir iad a‑chum an Tighearna iad, gu doras pàillean a’ choitheanail a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus gun ìobair iad mar ìobairtean-sìth iad don Tighearna.

6Agus crathaidh an sagart an fhuil air altair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail, agus loisgidh e an t‑saill a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.

7Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean.

8Agus their thu riu, Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a bheir seachad tabhartas-loisgte no ìobairt,

9Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, a‑chum a ìobradh don Tighearna; gearrar eadhon an duine sin as o mheasg a shluaigh.

10Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

11Oir tha beatha na feòla anns an fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman: oir is i an fhuil a nì rèite airson an anama.

12Uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith anam sam bith agaibh fuil, cha mhò a dh’itheas an coigreach fuil a bhios air chuairt nur measg.

13Agus ge bè duine air bith de chloinn Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a nì sealg agus a ghlacas beathach no eun a dh’fhaodar ithe, dòirtidh e a‑mach a fhuil, agus còmhdaichidh e le duslach i.

14Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil; tha i airson beatha dhi: uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith sibh fuil feòla sam bith; oir is i beatha gach feòla a fuil: gach neach a dh’itheas i gearrar as e.

15Agus gach anam a dh’itheas an nì a bhàsaicheas dheth fhèin, no a reubadh le fiadh-bheathaichean (mas neach e a rugadh nur tìr fhèin, no coigreach) nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan.

16Ach mura nigh e e, agus mura ionnlaid e a fheòil, an sin giùlainidh e a aingidheachd.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index