Search form

Lebhiticus 18

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Is mise an Tighearna ur Dia.

3A rèir gnìomharan tìr na h‑Eiphit anns an robh sibh a chòmhnaidh, cha dèan sibh; agus a rèir gnìomharan tìr Chanàain gus a bheil mise gur tabhairt, cha dèan sibh; cha mhò a ghluaiseas sibh nan òrdaighean.

4Nì sibh mo bhreitheanais, agus gleidhidh sibh m’òrdaighean, gu gluasad annta: Is mise an Tighearna ur Dia.

5Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais; nithean ma nì duine, bidh e beò annta: Is mise an Tighearna.

6Cha tig a h‑aon agaibh am fagas do aon neach a tha dlùth dha ann an dàimh, a‑chum a nàire a leigeadh ris: Is mise an Tighearna.

7Nochd d’athar, no nochd do mhàthar cha leig thu ris: is i do mhàthair i, cha leig thu ris a nochd.

8Nochd bean d’athar cha leig thu ris: is e nochd d’athar e.

9Nochd do pheathar, nighean d’athar, no nighean do mhàthar, co‑dhiù a rugadh i aig an taigh, no rugadh a‑muigh i, eadhon an nochd-san cha leig thu ris.

10Nochd nighean do mhic, no nighean do nighinn, eadhon an nochd-san cha leig thu ris: oir is e an nochd-san do nochd fhèin.

11Nochd nighean bean d’athar, a ghineadh led athair (is i do phiuthar i) cha leig thu ris a nochd-se.

12Cha leig thu ris nochd piuthar d’athar: is i bana-charaid ro‑dhìleas d’athar i.

13Cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar: oir is i bana-charaid ro‑dhìleas do mhàthar i.

14Cha leig thu ris nochd bràthair d’athar, cha tig thu am fagas da mhnaoi: is i bean bràthair d’athar i.

15Cha leig thu ris nochd do bhan-chleamhna; is i bean do mhic i, cha leig thu ris a nochd.

16Cha leig thu ris nochd bean do bhràthar: is e nochd do bhràthar e.

17Cha leig thu ris nochd mnà agus a nighinn, cha mhò a ghabhas tu nighean a mic, no nighean a nighinn, a‑chum a nochd a leigeadh ris; oir is iad a bana-chàirdean dìleas iad: is aingidheachd e.

18Cha mhò a ghabhas tu bean maille ra piuthair, a‑chum a buaireadh, a leigeadh ris a nochd, a thuilleadh air an tè eile, am feadh as beò i.

19Mar an ceudna cha tig thu am fagas do mhnaoi a leigeadh ris a nochd, nuair a chuirear air leth i airson a neòghlaine.

20Agus cha laigh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a‑chum thu fhèin a thruailleadh leatha.

21Agus cha leig thu le neach air bith ded shliochd dol tron teine do Mholech, cha mhò a mhì-naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna.

22Cha laigh thu le fireannach mar le boireannach: is gràinealachd e.

23Cha mhò a laigheas tu le ainmhidh sam bith gud thruailleadh fhèin leis; cha mhò a sheasas bean sam bith ro ainmhidh gu laighe sìos dha: is amhluadh e.

24Na truaillibh sibh fhèin ann an aon sam bith de na nithean sin: oir anns na nithean sin uile thruaill na cinnich sin iad fhèin, a thilgeas mise a‑mach romhaibh.

25Agus shalaicheadh am fearann: uime sin leanaidh mi a aingidheachd air, agus sgeithidh am fearann fhèin a‑mach a luchd-àiteachaidh.

26Uime sin, gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais, agus cha dèan sibh aon air bith de na gràinealachdan sin; aon chuid neach air bith de ur cinneach fhèin, no coigreach a bhios air chuairt nur measg:

27(Oir na gràinealachdan sin uile rinn daoine na dùthcha, a bha romhaibh, agus tha am fearann air a thruailleadh)

28A‑chum nach sgeith am fearann sibhse a‑mach mar an ceudna, nuair a thruailleas sibh e, mar a sgeith e a‑mach na cinnich a bha romhaibh.

29Oir ge bè neach a nì aon air bith de na gràinealachdan ud, eadhon na h‑anaman a nì iad, gearrar as iad o mheasg an sluaigh.

30Uime sin gleidhidh sibh m’òrdaighean, a‑chum nach dèan sibh aon air bith de na gnàthannan gràineil ud, a rinneadh romhaibh, agus nach truaill sibh sibh fhèin annta: Is mise an Tighearna ur Dia.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index