Search form

Lebhiticus 19

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh.

3Biodh eagal ur màthar agus ur n‑athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna ur Dia.

4Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia.

5Agus ma dh’ìobras sibh ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, ìobraidh sibh e de ur toil fhèin.

6Anns an là sin fhèin anns an ìobair sibh i ithear i, agus air an là màireach: agus ma mhaireas a’ bheag dhith gus an treas là, loisgear anns an teine e;

7Agus ma dh’ithear e idir air an treas là, is gràineil e; cha ghabhar e.

8Uime sin gach neach a dh’itheas e, giùlainidh e a aingidheachd, a chionn gun do mhì-naomhaich e nì coisrigte an Tighearna: agus gearrar an t‑anam sin as o a shluagh.

9Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha bhuain thu gu buileach oisnean d’achaidh, cha mhò a chruinnicheas tu dìoghlaim d’fhogharaidh.

10Agus cha tur-lom thu d’fhìonlios, cha mhò a chruinnicheas tu uile fhìon-dhearcan d’fhìonlios; don bhochd agus don choigreach fàgaidh tu iad: Is mise an Tighearna ur Dia.

11Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile.

12Agus cha mhionnaich sibh air m’ainm-sa gu breugach, cha mhò a mhì-naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna.

13Cha dèan thu fòirneart air do choimhearsnach, cha mhò a nì thu reubainn air; chan fhan duais an fhir-thuarasdail maille riut rè na h‑oidhche gu madainn.

14Cha mhallaich thu am bodhar, agus ron dall cha chuir thu ceap-tuislidh, ach bidh eagal do Dhè ort; Is mise an Tighearna.

15Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach.

16Cha tèid thu mun cuairt mar fhear-tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna.

17Cha bhi fuath agad dod bhràthair ann ad cridhe: air gach aon chor cronaichidh tu do choimhearsnach, agus chan fhuiling thu peacadh air.

18Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna.

19Gleidhidh sibh mo reachdan: Cha leig thu led sprèidh sìolachadh le gnè eile; cha chuir thu d’fhearann le sìol measgte: cha mhò a chuirear umad aodach measgte de olainn agus de lìon.

20Agus ge bè neach a laigheas gu collaidh le mnaoi a tha na ban-tràill fo cheangal-pòsaidh aig fear, agus nach d’fhuasgladh idir, cha mhò a thugadh saorsa dhi, sgiùrsar i: cha chuirear gu bàs iad, a chionn nach robh i saor.

21Agus bheir e a ìobairt-easaontais don Tighearna, gu doras pàillean a’ choitheanail, eadhon reithe mar ìobairt-easaontais.

22Agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt-easaontais an làthair an Tighearna, airson a pheacaidh a rinn e: agus maithear dha a pheacadh a rinn e.

23Agus nuair a thig sibh don fhearann, agus a shuidhicheas sibh gach gnè chraobh airson bìdh, an sin measaidh sibh an toradh mar nì neo-thimcheall-gheàrrte: trì bliadhna bidh e dhuibh mar nì neo-thimcheall-gheàrrte: chan ithear dheth.

24Ach air a’ cheathramh bliadhna bidh a thoradh uile naomh, a‑chum cliù don Tighearna.

25Agus air a’ chòigeamh bliadhna ithidh sibh de a thoradh, a‑chum gun toir e a chinneas dhuibh: Is mise an Tighearna ur Dia.

26Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.

27Cha bheàrr sibh mun cuairt oisnean ur ceann, cha mhò a mhilleas tu oisnean d’fheusaig.

28Cha dèan sibh gearradh sam bith nur feòil airson nam marbh, cha mhò a chuireas sibh comharradh sam bith oirbh: Is mise an Tighearna.

29Na truaill do nighean, a thoirt oirre a bhith na strìopaich; a‑chum nach toirear am fearann gu strìopachas, agus nach lìonar an dùthaich le aingidheachd.

30Gleidhidh sibh mo shàbaidean agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna.

31Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.

32An làthair a’ chinn lèith èiridh tu suas, agus bheir thu urram do ghnùis an duine aosda, agus bidh eagal do Dhè ort: Is mise an Tighearna.

33Agus ma bhios coigreach air chuairt maille riut nur tìr, cha bhuin sibh gu cruaidh ris.

34Mar neach a rugadh nur measg bidh dhuibhse an coigreach a tha air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu fhèin; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

35Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas, ann an slait-thomhais, ann an cudthrom, no ann an tomhas.

36Meidhean cearta, clachan-tomhais cearta, ephah cheart, agus hin cheart bidh agaibh: Is mise an Tighearna ur Dia, a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

37Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index