Search form

Lebhiticus 20

1Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh,

2A‑rìs, their thu ri cloinn Israeil, Ge bè air bith e de cloinn Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israeil, a bheir a’ bheag de a shliochd do Mholech, cuirear gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na dùthcha e le clachan.

3Agus cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh; a chionn gun tug e de a shliochd do Mholech, a shalachadh m’ionaid naoimh-sa, agus a thruailleadh m’ainm naoimh.

4Agus ma dh’fhalaicheas sluagh na dùthcha air chor sam bith an sùilean on duine sin, nuair a bheir e de a shliochd do Mholech, agus nach marbh iad e;

5An sin cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus an aghaidh a theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus iadsan uile a thèid le strìopachas na dhèidh, a dhèanamh strìopachais le Molech, o mheasg an sluaigh.

6Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

7Naomhaichibh sibh fhèin uime sin, agus bithibh naomh: oir is mise an Tighearna ur Dia.

8Agus gleidhidh sibh mo reachdan, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna, a naomhaicheas sibh.

9Oir gach neach a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e: mhallaich e athair no a mhàthair; bidh a fhuil air fhèin.

10Agus an duine a nì adhaltranas ri mnaoi fir eile, eadhon esan a nì adhaltranas ri mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an t‑adhaltranach agus a’ bhan-adhaltranach gu cinnteach gu bàs.

11Agus an duine a laigheas le mnaoi a athar, leig e ris nochd a athar: cuirear gu cinnteach le chèile gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.

12Agus ma laigheas duine le mnaoi a mhic, cuirear gu deimhinn le chèile gu bàs iad: dh’obraich iad amhluadh: bidh am fuil orra fhèin.

13Mar an ceudna ma laigheas duine le fear, mar a laigheas e le mnaoi, rinn iad le chèile gràinealachd: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.

14Agus ma ghabhas duine da ionnsaigh bean agus a màthair, is aingidheachd e: loisgear le teine iad, eadhon esan agus iadsan, a‑chum is nach bi aingidheachd nur measg.

15Agus ma laigheas duine le ainmhidh, cuirear gu cinnteach gu bàs e: agus marbhaidh sibh an t‑ainmhidh.

16Agus ma thig bean am fagas do ainmhidh sam bith, agus gun laigh i sìos dha, marbhaidh tu a’ bhean agus an t‑ainmhidh: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.

17Agus ma ghabhas duine a phiuthar, nighean a athar, no nighean a mhàthar, agus gum faic e a nochd, agus gum faic ise a nochd-san, is nì maslach e; agus gearrar as iad ann an sealladh an sluaigh: leig e ris nochd a pheathar, giùlainidh e a aingidheachd.

18Agus ma laigheas duine le mnaoi agus a tinneas oirre, agus gun leig e ris a nochd, leig e ris a tobar, agus leig ise ris tobar a fala; agus gearrar as le chèile iad o mheasg an sluaigh.

19Agus cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar, no piuthar d’athar; oir tha e a’ rùsgadh a fheòla fhèin: giùlainidh iad an aingidheachd.

20Agus ma laigheas duine le mnaoi bhràthair a athar, leig e ris nochd bhràthair a athar: giùlainidh iad am peacadh: gheibh iad bàs gun chloinn.

21Agus ma ghabhas duine bean a bhràthar, is nì neòghlan e: leig e ris nochd a bhràthar; bidh iad gun chloinn.

22Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad; a‑chum is nach dèan am fearann, ga bheil mi gur tabhairt gu còmhnaidh a ghabhail ann, ur sgeith a‑mach.

23Agus cha ghluais sibh ann an gnàthannan nan cinneach a tha mise a’ tilgeadh a‑mach romhaibh: oir rinn iadsan na nithean sin uile, agus uime sin ghabh mi gràin dhiubh.

24Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e a‑chum a shealbhachadh, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna ur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile.

25Cuiridh sibh uime sin eadar-dhealachadh eadar beathaichean glan agus neòghlan, agus eadar eunlaith neòghlan agus ghlan; agus cha dèan sibh ur n‑anaman gràineil le beathach no le eun, no le gnè air bith de nì beò a shnàigeas air an talamh, a sgar mise uaibh mar neòghlan.

26Agus bidh sibh naomh dhòmhsa: oir tha mise an Tighearna naomh, agus dhealaich mi sibhse o gach sluagh eile, a‑chum is gum bu leam fhèin sibh.

27Bean no duine, mar an ceudna, aig a bheil leannan-sìdh, no a bhios ri fiosachd, cuirear gu deimhinn gu bàs iad: clachaidh iad le clachan iad; bidh am fuil orra fhèin.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index