Search form

Lebhiticus 23

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, A‑thaobh fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, is iad eadhon sin m’fhèillean-sa.

3Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile.

4Is iad sin fèillean an Tighearna, eadhon co‑ghairmean naomha, a ghairmeas sibh nan àmannan fhèin:

5Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos air feasgar, bidh càisg an Tighearna.

6Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos sin fhèin bidh fèill an arain neo-ghortaichte don Tighearna: seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte.

7Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.

8Ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna seachd làithean: air an t‑seachdamh là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.

9Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

10Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a bheir mise dhuibh, agus a bhuaineas sibh a fhoghar, an sin bheir sibh sguab de chiad-thoradh ur fogharaidh a dh’ionnsaigh an t‑sagairt:

11Agus luaisgidh e an sguab an làthair an Tighearna, a‑chum gun gabhar rithe air ur son: air an là màireach an dèidh na sàbaid luaisgidh an sagart i.

12Agus ìobraidh sibh air an là sin, nuair a luaisgeas sibh an sguab, uan fireann gun ghaoid, den chiad bhliadhna, mar ìobairt-loisgte don Tighearna.

13Agus is e a thabhartas-bìdh dà dheicheamh earrainn de fhlùr mìn measgte le ola, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna, a‑chum fàile chùbhraidh: agus bidh a thabhartas-dibhe de fhìon, an ceathramh cuid de hin.

14Agus chan ith sibh aran, no gràn cruadhaichte, no diasan glasa, gus an là sin fhèin anns an toir sibh tabhartas a‑chum ur Dè: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile:

15Agus àirmhidh sibh dhuibh fhèin on là màireach an dèidh na sàbaid, on là anns an tug sibh leibh sguab an tabhartas-luaisgte: bidh seachd sàbaidean iomlan ann:

16Eadhon gus an là màireach an dèidh na seachdamh sàbaid, àirmhidh sibh lethcheud là, agus bheir sibh seachad nuadh thabhartas-bìdh don Tighearna.

17Bheir sibh leibh as ur n‑àiteachan-còmhnaidh dà bhuilinn luaisgte, de dhà dheicheamh earrainn; bidh iad de fhlùr mìn; fuinear iad le taois ghoirt; bidh iad nan ciad-thoradh don Tighearna.

18Agus bheir sibh seachad maille ris an aran seachd uain gun ghaoid, den chiad bhliadhna, agus aon tarbh òg, agus dà reithe: bidh iad nan ìobairt-loisgte don Tighearna, maille rin tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

19An sin ìobraidh sibh aon mheann de na gobhair mar ìobairt-pheacaidh, agus dà uan den chiad bhliadhna mar ìobairt-thabhartas-sìthe.

20Agus luaisgidh an sagart iad maille ri aran a’ chiad toraidh, mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna, maille ris an dà uan: bidh iad naomh don Tighearna a‑chum an t‑sagairt.

21Agus gairmidh sibh air an là sin fhèin, a‑chum is gum bi e na cho-ghairm naomh dhuibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; bidh e na reachd sìorraidh nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile air feadh ur ginealaichean.

22Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha gheàrr thu gu buileach oisnean d’achaidh nuair a bhuaineas tu, cha mhò a thionaileas tu dìoghlaim d’fhogharaidh: fàgaidh tu iad don bhochd agus don choigreach; Is mise an Tighearna ur Dia.

23Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

24Labhair ri cloinn Israeil ag ràdh, Anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh sàbaid agaibh, cuimhneachan sèideadh thrompaidean, co‑ghairm naomh.

25Obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

26Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

27Mar an ceudna air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo bidh là rèite; bidh e na cho-ghairm naomh dhuibh, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

28Agus obair sam bith cha dèan sibh air an là cheudna; oir is là rèite e, a dhèanamh rèite air ur son an làthair an Tighearna ur Dia.

29Oir ge bè anam nach bi fo chràdh anns an là sin fhèin, gearrar as e o mheasg a shluaigh.

30Agus gach anam a nì obair sam bith air an là cheudna, an t‑anam sin fhèin sgriosaidh mise o mheasg a shluaigh.

31Obair sam bith cha dèan sibh; bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile.

32Bidh e dhuibh na shàbaid foise, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman air an naoidheamh là den mhìos air feasgar: o fheasgar gu feasgar cumaidh sibh ur sàbaid.

33Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

34Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos seo bidh fèill nam pàillean rè seachd làithean don Tighearna.

35Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.

36Seachd làithean bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: air an ochdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; is àrd-choitheanal e; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.

37Is iad sin fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, a thoirt seachad tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna, tabhartas-loisgte, agus tabhartas-bìdh, ìobairt, agus tabhartasan-dibhe, gach nì air a là fhèin;

38A thuilleadh air sàbaidean an Tighearna, agus a thuilleadh air ur tìodhlacan, agus a thuilleadh air ur bòidean uile, agus a thuilleadh air ur saor-thabhartasan uile, a bheir sibh don Tighearna.

39Mar an ceudna air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos, nuair a chruinnicheas sibh a‑steach toradh an fhearainn, cumaidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean: air a’ chiad là bidh sàbaid, agus air an ochdamh là bidh sàbaid.

40Agus gabhaidh sibh dhuibh fhèin air a’ chiad là meas chraobhan àlainn, geugan chrann-pailme, agus geugan chraobhan tiugha, agus seileach an t‑srutha; agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia seachd làithean.

41Agus cumaidh sibh e na fhèill don Tighearna seachd làithean anns a’ bhliadhna: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean; cumaidh sibh e anns an t‑seachdamh mìos.

42Ann am pàilleanan gabhaidh sibh còmhnaidh seachd làithean; gabhaidh gach aon a rugadh na Israeleach còmhnaidh ann am pàilleanan;

43A‑chum gum bi fhios aig ur ginealaichean gun tug mise air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, nuair a thug mi a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

44Agus chuir Maois an cèill do chloinn Israeil fèillean an Tighearna.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index