Search form

Lebhiticus 25

1Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an sliabh Shinài, ag ràdh,

2Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a‑chum na tìre a bheir mise dhuibh, an sin gleidhidh an tìr sàbaid don Tighearna.

3Sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus sia bliadhna bearraidh tu d’fhìonlios, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh.

4Ach anns an t‑seachdamh bliadhna bidh sàbaid foise don tìr, sàbaid don Tighearna; d’fhearann cha chuir thu, agus d’fhìonlios cha bheàrr thu.

5An nì sin a dh’fhàsas dheth fhèin ded fhoghar, cha bhuain thu, agus fìondhearcan d’fhìonain neo-dheasaichte cha chruinnich thu: na bliadhna foise bidh i don tìr.

6Agus bidh sàbaid na tìre na biadh dhuibh: dhut fhèin, agus dod òglach, agus dod bhanoglaich, agus dod fhear-tuarasdail, agus dod choigreach a tha air chuairt maille riut;

7Agus dod sprèidh agus don fhiadh-bheathach a tha ann ad fhearann; bidh a cinneas uile a‑chum bìdh.

8Agus àirmhidh tu dhut fhèin seachd sàbaidean de bhliadhnachan, seachd uairean seachd bliadhna; agus bidh ùine nan seachd sàbaidean de bhliadhnachan dhut na naoi bliadhna is dà‑fhichead.

9An sin bheir thu fa‑near trompaid na h‑Iubile a shèideadh anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos: ann an là na rèite bheir sibh fa‑near an trompaid a shèideadh air feadh ur tìre uile.

10Agus naomhaichidh sibh an deicheamh bliadhna is dà‑fhichead, agus gairmidh sibh saorsa air feadh na dùthcha, da luchd-àiteachaidh uile: bidh i na h‑Iubile dhuibh, agus tillidh sibh gach duine a‑chum a sheilbhe fhèin, agus tillidh gach duine agaibh gu a theaghlach fhèin.

11Bidh an deicheamh bliadhna sin agus dà‑fhichead na h‑Iubile dhuibh; cha chuir sibh sìol, cha mhò a bhuaineas sibh an nì a dh’fhàsas dheth fhèin innte, cha mhò a thionaileas sibh dearcan fìona innte ded fhìonain neo-dheasaichte:

12Oir is Iubile i, bidh i naomh dhuibh; ithidh sibh a cinneas as an fhearann.

13Ann am bliadhna na h‑Iubile seo tillidh gach duine agaibh a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin.

14Agus ma reiceas tu a’ bheag rid choimhearsnach, no ma cheannaicheas tu a’ bheag o làimh do choimhearsnaich, cha dèan sibh eucoir air a chèile.

15A rèir àireamh nam bliadhnachan an dèidh na h‑Iubile ceannaichidh tu od choimhearsnach, agus a rèir àireamh bhliadhnachan nan toraidhean reicidh e riut.

16A rèir lìonmhorachd nam bliadhnachan meudaichidh tu a luach, agus a rèir teircead nam bliadhnachan lùghdaichidh tu a luach: oir a rèir àireamh bliadhnachan nan toraidhean tha e a’ reic riut.

17Agus cha dèan sibh eucoir air a chèile: ach bidh eagal do Dhè ort; oir is mise an Tighearna ur Dia.

18Uime sin nì sibh mo reachdan, agus gleidhidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad; agus gabhaidh sibh còmhnaidh anns an tìr ann an tèarainteachd.

19Agus bheir am fearann a‑mach a thoradh, agus ithidh sibh ur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnaidh ann gu tèarainte.

20Agus ma their sibh, Ciod a dh’itheas sinn air an t‑seachdamh bliadhna? Feuch, cha chuir sinn sìol, cha mhò a chruinnicheas sinn ar toradh;

21An sin àithnidh mise mo bheannachadh oirbh anns an t‑siathamh bliadhna, agus bheir i a‑mach toradh airson trì bliadhna.

22Agus cuiridh sibh air an ochdamh bliadhna, agus ithidh sibh fhathast den t‑seann toradh gus an naoidheamh bliadhna; gus an tig a toradh a‑steach, ithidh sibh den t‑seann toradh.

23Cha reicear am fearann gu bràth; oir is leamsa am fearann: oir is coigrich agus luchd-cuairt sibhse maille rium.

24Agus ann am fearann ur seilbhe uile, bheir sibh saorsa don fhearann.

25Ma dh’fhàs do bhràthair bochd, agus gun do reic e cuid de a sheilbh, agus ma thig aon air bith de a dhìlsean ga fhuasgladh, an sin fuasglaidh e an nì a reic a bhràthair.

26Agus mura eil aig an duine neach ga fhuasgladh, agus gur urrainn e fhèin a fhuasgladh;

27An sin àirmheadh e bliadhnachan a reicidh, agus thugadh e air ais an nì a tha thairis don duine ris an do reic e e, a‑chum is gun till e a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin.

28Agus mura urrainn e sin a thoirt air ais dha, an sin fanaidh an nì sin a reiceadh ann an làimh an neach a cheannaich e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus anns an Iubile thèid e a‑mach, agus tillidh e a‑chum a sheilbhe.

29Agus ma reiceas duine taigh-còmhnaidh ann am baile cuartaichte le balla, an sin faodaidh e a fhuasgladh an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain an dèidh a reiceadh: an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain faodaidh e a fhuasgladh.

30Agus mura fuasglar e gus an coileanar bliadhna iomlan, an sin daingnichear an taigh, a tha an taobh a‑staigh den bhaile cuartaichte le balla, gu bràth dhàsan a cheannaich e, air feadh a ghinealaichean: cha tèid e a‑mach anns an Iubile.

31Ach measar taighean nam bailtean nach eil cuartaichte le balla mar fhearann na tìre: faodar am fuasgladh, agus thèid iad a‑mach anns an Iubile.

32Gidheadh, bailtean nan Lèbhitheach, agus taighean bailtean an seilbhe, faodaidh na Lèbhithich am fuasgladh uair sam bith.

33Agus ma cheannaicheas duine o na Lèbhithich, an sin thèid an taigh a reiceadh, agus baile a sheilbhe, a‑mach anns an Iubile; oir is iad taighean bailtean nan Lèbhitheach an sealbh am measg chloinn Israeil.

34Ach chan fhaodar am fearann a tha an taobh a‑muigh dem bailtean a reic, oir is e sin an sealbh mhaireannach.

35Agus ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gun tèid e a dhèidh-làimh agad, an sin fuasglaidh tu air: seadh, ged as coigreach no fear-cuairt e: agus bidh e beò maille riut.

36Na gabh riadh uaithe, no tuilleadh is a thug thu dha: ach biodh eagal do Dhè ort, a‑chum is gum faod do bhràthair a bhith beò maille riut.

37D’airgead cha toir thu dha air riadh, agus airson buannachd cha toir thu dha do bhiadh.

38Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, a thoirt dhuibh tìr Chanàain, agus a bhith am Dhia agaibh.

39Agus ma dh’fhàs do bhràthair a tha làimh riut bochd, agus gun do reiceadh riut e, cha toir thu air seirbhis a dhèanamh mar thràill:

40Mar sheirbhiseach tuarasdail, agus mar fhear-cuairte, bidh e maille riut; gu bliadhna na h‑Iubile nì e seirbhis dhut.

41Agus an sin imichidh e uat, e fhèin agus a chlann maille ris, agus tillidh e a‑chum a theaghlaich fhèin, agus a-chum sealbh a athraichean tillidh e:

42Oir is iad mo sheirbhisich-sa, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: cha reicear iad mar thràillean.

43Cha ghnàthaich thu uachdaranachd os a chionn le an‑iochd, ach bidh eagal do Dhè ort.

44Agus bidh do thràillean, agus do bhan-tràillean, a bhios agad, de na cinnich a tha mur timcheall; uapasan ceannaichidh sibh tràillean agus ban-tràillean.

45Agus a thuilleadh air seo, o chloinn nan coigreach a tha air chuairt nur measg, uapasan ceannaichidh sibh, agus on teaghlaichean a tha maille ribh, a ghin iad nur fearann: agus bidh iad nan seilbh dhuibh.

46Agus gabhaidh sibh iad mar oighreachd dur cloinn nur dèidh, a‑chum an sealbhachadh mar oighreachd; bidh iad dhuibh nan tràillean a‑chaoidh: ach os cionn ur bràithrean, clann Israeil, eadhon os cionn a chèile, cha ghnàthaich sibh uachdaranachd le an‑iochd.

47Agus ma dh’fhàsas fear-cuairte no coigreach saoibhir làimh riut, agus ma dh’fhàsas do bhràthair làimh ris bochd, agus gun reic e e fhèin ris a’ choigreach, ris an fhear-chuairte a tha maille riut, no ri gineal teaghlach a’ choigrich:

48An dèidh a reic, faodar a fhuasgladh a‑rìs: faodaidh aon de a bhràithrean a fhuasgladh;

49Faodaidh aon chuid bràthair a athar, no mac bhràthair a athar a fhuasgladh, no faodaidh aon neach a tha dlùth an dàimh dha de a theaghlach fhèin a fhuasgladh; no mas urrainn e, faodaidh e e fhèin fhuasgladh.

50Agus nì e cunntas ris-san a cheannaich e on bhliadhna anns an do reiceadh ris e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus bidh luach a reicidh a rèir àireamh nam bliadhnachan; a rèir aimsir seirbhisich-tuarasdail bidh e dha.

51Ma bhios fhathast mòran bhliadhnachan ri teachd, dan rèir sin bheir e a‑rìs luach a fhuasglaidh, as an airgead airson an do cheannaicheadh e.

52Agus mura eil ri teachd ach beagan bhliadhnachan gu bliadhna na h‑Iubile, an sin nì e cunntas ris, agus a rèir a bhliadhnachan bheir e dha a‑rìs luach a fhuasglaidh.

53Mar sheirbhiseach a tha air thuarasdal o bhliadhna gu bliadhna bidh e maille ris: cha ghnàthaichear uachdaranachd os a chionn le an‑iochd ann ad shealladh-sa.

54Agus mura fuasglar e anns na bliadhnachan sin, an sin thèid e a‑mach ann am bliadhna na h‑Iubile, e fhèin agus a chlann maille ris.

55Oir dhòmhsa tha clann Israeil nan seirbhisich; is iadsan mo sheirbhisich-sa a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index