Search form

Lebhiticus 26

1Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh-cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia.

2Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna.

3Ma ghluaiseas sibh am reachdan, agus ma ghleidheas sibh m’àitheantan, agus ma nì sibh iad;

4An sin bheir mise dhuibh uisge na àm fhèin, agus bheir am fearann a‑mach a thoradh, agus bheir craobhan na machrach am meas uapa.

5Agus ruigidh ur bualadh am fìon-fhoghar, agus ruigidh ur fìon-fhoghar àm an t‑sìol-chur, agus ithidh sibh ur n‑aran gu ur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnaidh gu tèarainte nur tìr.

6Agus bheir mise sìth anns an tìr, agus laighidh sibh sìos, agus cha chuir neach sam bith eagal oirbh: agus sgriosaidh mi droch bheathaichean as an dùthaich, agus cha tèid an claidheamh tro ur fearann.

7Agus ruaigidh sibh ur naimhdean, agus tuitidh iad romhaibh leis a’ chlaidheamh.

8Agus cuiridh còignear dhibh an ruaig air ceud, agus cuiridh ceud dhibh an ruaig air deich mìle: agus tuitidh ur naimhdean romhaibh leis a’ chlaidheamh.

9Oir amhaircidh mise oirbh, agus nì mi sìolmhor sibh, agus bheir mi oirbh fàs lìonmhor, agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh.

10Agus ithidh sibh an seann lòn, agus bheir sibh a‑mach an seann lòn airson an lòin nodha.

11Agus suidhichidh mi mo phàillean nur measg: agus cha bhi gràin aig m’anam dhibh.

12Agus imichidh mi nur measg, agus bidh mi am Dhia dhuibh, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa.

13Is mise an Tighearna ur Dia a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is nach biodh sibh nur tràillean aca; agus bhris mi cuibhreach ur cuinge, agus thug mi oirbh imeachd dìreach.

14Ach mura èisd sibh rium, agus mura dèan sibh na h‑àitheantan sin uile;

15Agus ma nì sibh tàir air mo reachdan, no ma ghabhas ur n‑anam gràin dem bhreitheanais, air chor is nach dèan sibh m’àitheantan uile, ach gum bris sibh mo choicheangal;

16Nì mise mar an ceudna seo ribhse; òrdaichidh mi oirbh uamhas, caitheamh agus fiabhras loisgeach, a chaitheas na sùilean, agus a bheir cràdh don chridhe: agus cuiridh sibh ur sìol ann an dìomhanas, oir ithidh ur naimhdean e.

17Agus cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh, agus marbhar sibh an làthair ur naimhdean: agus rìghichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh nuair nach bi neach an tòir oirbh.

18Agus mura èisd sibh rium fhathast air a shon seo uile, an sin nì mi peanas oirbh seachd uairean nas mò airson ur peacaidhean.

19Agus brisidh mi uabhar ur cumhachd; agus nì mi ur nèamhan mar iarann, agus ur talamh mar umha:

20Agus caithear ur spionnadh ann an dìomhanas; oir cha toir ur fearann a fhàs uaithe, cha mhò a bheir craobhan na tìre am meas uapa.

21Agus ma thèid sibh am aghaidh, agus nach èisd sibh rium; bheir mi seachd uairean tuilleadh phlàighean oirbh, a rèir ur peacaidhean.

22Cuiridh mi mar an ceudna fiadh-bheathaichean na machrach nur measg, a bheir uaibh ur clann, agus a chuireas as dur sprèidh, agus a nì sibh tearc ann an àireamh, agus bidh ur rathaidean mòra fàs.

23Agus mura leasaichear leamsa sibh leis na nithean sin, ach gun tèid sibh am aghaidh;

24An sin thèid mise mar an ceudna nur n‑aghaidh-se, agus nì mi peanas oirbh seachd uairean fhathast airson ur peacaidhean.

25Agus bheir mi claidheamh oirbh a dhìolas cùis-ghearain mo choicheangail; agus nuair a chruinnichear sibh an ceann a chèile an taobh a‑staigh de ur bailtean, cuiridh mi a’ phlàigh nur measg; agus bheirear thairis sibh do làimh naimhdean.

26Nuair a bhriseas mise lorg ur n‑arain, fuinidh deich mnathan ur n‑aran ann an aon àmhainn, agus bheir iad air ais dhuibh ur n‑aran air a thomhas, agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàthach.

27Agus mura èisd sibh airson seo uile rium, ach gun tèid sibh am aghaidh;

28An sin thèid mise nur n‑aghaidh-se mar an ceudna ann am fraoch feirge; agus smachdaichidh mise, eadhon mise, seachd uairean sibh airson ur peacaidhean.

29Agus ithidh sibh feòil ur mac, agus feòil ur nigheanan ithidh sibh.

30Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh.

31Agus cuiridh mi ur bailtean fàs, agus bheir mi lom-sgrìob air ur n‑ionadan naomha, agus cha ghabh mi fàile ur boltraich chùbhraidh.

32Agus bheir mi lom-sgrìob air an fhearann, agus bidh ioghnadh air ur naimhdean a ghabhas còmhnaidh ann, mun nì sin.

33Agus sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach agus tàirngidh mi claidheamh nur dèidh; agus bidh ur fearann creachte, agus ur bailtean fàs.

34An sin mealaidh am fearann a shàbaidean, am fad is a laigheas e fàs, agus a bhios sibhse ann am fearann ur naimhdean; eadhon an sin gabhaidh am fearann fois, agus mealaidh e a shàbaidean.

35Am fad is a laigheas am fearann fàs, bidh fois aige; do bhrìgh nach robh fois aige nur sàbaidean-se, nuair a ghabh sibh còmhnaidh ann.

36Agus orrasan a dh’fhàgar beò dhibh, cuiridh mise laigse nan cridheachan ann an dùthchannan an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gum biodh iad a’ teicheadh on chlaidheamh; agus tuitidh iad nuair nach bi neach an tòir orra.

37Agus tuitidh iad air muin a chèile, mar gum b’ann ron chlaidheamh, nuair nach bi neach an tòir orra; agus cha bhi neart agaibh gu seasamh ro ur naimhdean.

38Agus thèid as dhuibh am measg nan cinneach, agus ithidh talamh ur naimhdean suas sibh.

39Agus iadsan a dh’fhàgar dhibh, seargaidh iad as nan aingidheachd ann an dùthchannan ur naimhdean; agus, mar an ceudna, ann an euceartan an athraichean seargaidh iad as maille riu.

40Ma dh’aidicheas iad an aingidheachd fhèin, agus aingidheachd an athraichean, a rèir an easaontais a rinn iad am aghaidh, agus mar an ceudna gun do ghluais iad am aghaidh;

41Agus gun do ghluais mise mar an ceudna nan aghaidh-san, agus gun tug mi iad do dhùthaich an naimhdean; ma bhios an sin an cridhe neo-thimcheall-gheàrrte air irioslachadh, air chor is gun gabh iad ri peanas an aingidheachd:

42An sin cuimhnichidh mise mo choicheangal ri Iàcob, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Isaac, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Abrahàm cuimhnichidh mi; agus cuimhnichidh mi am fearann.

43Trèigear mar an ceudna am fearann leo, agus mealaidh e a shàbaidean, am feadh is a tha e na laighe fàs as an eugmhais; agus gabhaidh iad ri peanas an aingidheachd; a chionn, eadhon a chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus a chionn gun do ghabh an anam gràin dem reachdan.

44Agus gidheadh air a shon seo uile, nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, cha mhò a ghabhas mi gràin dhiubh, gan sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choicheangail riu: oir is mise an Tighearna an Dia.

45Ach air an sgàth-san cuimhnichidh mi coicheangal an sinnsirean, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ann an sealladh nan cinneach, a‑chum is gum bithinn am Dhia aca: Is mise an Tighearna.

46Is iad sin na h‑òrdaighean, agus na breitheanais, agus na reachdan, a rinn an Tighearna eadar e fhèin agus clann Israeil, ann an sliabh Shinài, le làimh Mhaois.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index