Search form

Lebhiticus 6

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun dèan e breug da choimhearsnach a‑thaobh an nì a thugadh dha ra ghleidheadh, no ann an companas, no a‑thaobh an nì a thugadh air falbh le ainneart, no ma mheall e a choimhearsnach;

3No ma fhuair e an nì sin a chailleadh, agus gun do rinn e breug uime, agus gun tug e mionnan eithich; ann an aon nì dhiubh sin uile a nì duine, a’ peacachadh annta:

4An sin tachraidh, a chionn gun do pheacaich e, agus gu bheil e ciontach, gun toir e air ais an nì sin a thug e air falbh le ainneart, no an nì sin a fhuair e gu mealltach, no an nì sin a thugadh dha ra ghleidheadh, no a chailleadh agus a fhuair e,

5No nì sam bith mun tug e mionnan eithich; bheir e air ais e anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid a thuilleadh ris, agus bheir e dhàsan e dom buin e, ann an là a ìobairt-easaontais.

6Agus bheir e leis a ìobairt-easaontais a‑chum an Tighearna, reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, mar ìobairt-easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt.

7Agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna: agus gheibh e maitheanas a‑thaobh gach nì dhiubh sin uile a rinn e, a’ ciontachadh annta.

8Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

9Thoir àithne do Aaron agus da mhic, ag ràdh, Is e seo lagh na h‑ìobairt-loisgte: (Is i an ìobairt-loisgte i, airson an losgaidh air an altair air feadh na h‑oidhche uile gu madainn, agus bidh teine na h‑altarach a’ losgadh innte;)

10Agus cuiridh an sagart trusgan anairt uime, agus cuiridh e briogais anairt air a fheòil, agus togaidh e suas an luath a loisg an teine leis an ìobairt-loisgte air an altair, agus cuiridh e i làimh ris an altair.

11Agus cuiridh e a thrusgan dheth, agus cuiridh e trusgan eile uime, agus giùlainidh e an luath a‑mach an taobh a‑muigh den champ, gu ionad glan.

12Agus bidh an teine air an altair a’ losgadh innte; cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann an òrdagh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairtean-sìthe.

13Bidh an teine a’ lasadh air an altair an còmhnaidh: cha tèid e idir as.

14Agus is e seo lagh an tabhartais-bhìdh. Bheir mic Aaroin e an làthair an Tighearna, fa chomhair na h‑altarach.

15Agus gabhaidh e làn a dhùirn dheth, de fhlùr an tabhartais-bhìdh, agus de a ola, agus an tùis uile a tha air an tabhartas-bhìdh, agus loisgidh e air an altair e, a‑chum fàile chùbhraidh, eadhon cuimhneachan dheth don Tighearna.

16Agus ithidh Aaron agus a mhic am fuidheall: maille ri aran neo-ghortaichte ithear e anns an ionad naomh; ann an cùirt pàillean a’ choitheanail ithidh iad e.

17Chan fhuinear e le taois ghoirt; thug mi dhaibh e mar an cuibhreann dem thabhartasan air an toirt suas le teine: tha e ro‑naomh, mar an ìobairt-pheacaidh, agus mar an ìobairt-easaontais.

18Ithidh gach fireannach am measg chloinn Aaroin dheth: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean a‑thaobh tabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: bidh gach neach a bheanas riu naomh.

19Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

20Is e seo tabhartas Aaroin, agus a chuid mhac, a bheir iad seachad don Tighearna, anns an là a dh’ungar e; an deicheamh cuid de ephah de fhlùr mìn mar thabhartas-bìdh an còmhnaidh, a leth anns a’ mhadainn, agus a leth anns an fheasgar.

21Ann an aghann nìthear e le ola, agus nuair a bhios e fuinte, bheir thu a‑steach e; agus na mìrean fuinte den tabhartas-bhìdh bheir thu seachad a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.

22Agus bheir an sagart da mhic, a dh’ungadh na àite, seachad e: is reachd sìorraidh e don Tighearna; loisgear gu h‑iomlan e.

23Oir loisgear gach tabhartas-bìdh airson an t‑sagairt gu h‑iomlan: chan ithear e.

24Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

25Labhair ri Aaron agus ra mhic, ag ràdh, Is e seo lagh na h‑ìobairt-pheacaidh: anns an ionad anns am marbhar an ìobairt-loisgte, bidh an ìobairt-pheacaidh air a marbhadh ann am fianais an Tighearna: tha i ro‑naomh.

26Ithidh an sagart i, a bheir seachad i airson peacaidh: anns an ionad naomh ithear i, ann an cùirt pàillean a’ choitheanail.

27Ge bè nì a bheanas ra feòil, bidh e naomh, agus nuair a chrathar a’ bheag de a fuil air aodach sam bith, nighidh tu an nì air an do chrathadh i anns an ionad naomh.

28Agus bidh an soitheach creadha anns an do bhruitheadh i air a bhriseadh; ach ma bhruitheadh i ann an coire umha, glanar agus nighear e ann an uisge.

29Ithidh na fireannaich uile am measg nan sagart dhith: tha i ro‑naomh.

30Ach chan ithear ìobairt-pheacaidh sam bith, den tugadh a’ bheag den fhuil a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a dhèanamh rèite anns an ionad naomh; loisgear anns an teine i.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index