Search form

Lebhiticus 7

1Agus is e seo lagh na h‑ìobairt-easaontais: tha i ro‑naomh.

2Anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte, marbhaidh iad an ìobairt-easaontais: agus crathaidh e a fuil air an altair mun cuairt.

3Agus bheir e seachad dhith a saill uile; an t‑earball, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich,

4Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i.

5Agus loisgidh an sagart iad air an altair, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is ìobairt-easaontais i.

6Ithidh gach fireannach am measg nan sagart dhith: anns an ionad naomh ithear i: tha i ro‑naomh.

7Mar an ìobairt-pheacaidh, is amhail sin an ìobairt-easaontais: is aon lagh a tha ann dhaibh: leis an t‑sagart a nì rèite leatha, bidh i.

8Agus an sagart a bheir seachad ìobairt-loisgte duine sam bith, is leis an t‑sagart seo craiceann na h‑ìobairt-loisgte a thug e seachad.

9Agus buinidh an tabhartas-bìdh uile a dh’fhuinear ann an àmhainn, agus gach nì a dheasaichear ann an aghann-ròstaidh, agus ann am mèis, don t‑sagart a bheir seachad e.

10Agus bidh gach tabhartas-bìdh, measgte le ola, agus tioram, le mic Aaroin uile, leis gach aon uiread ri chèile.

11Agus is e seo lagh ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bheir e seachad don Tighearna:

12Mas ann mar bhreith-buidheachais a bheir e seachad i, an sin bheir e seachad, maille ris an ìobairt-bhuidheachais, breacagan neo-ghortaichte, measgte le ola, agus deàrnagan neo-ghortaichte, ungte le ola, agus breacagan measgte le ola, de fhlùr mìn, air a ròstadh.

13A thuilleadh air na breacagan, bheir e seachad mar a thabhartas aran gortaichte, maille ri ìobairt-bhuidheachais a thabhartasan-sìthe.

14Agus dhith sin bheir e seachad aon as an tabhartas iomlan, mar thabhartas-togte don Tighearna, agus bidh e leis an t‑sagart a chrathas fuil nan tabhartas-sìthe.

15Agus ithear feòil ìobairt a thabhartasan-sìthe airson breith-buidheachais, anns an là sin fhèin anns an toirear seachad i; chan fhàg e a’ bheag dhith gu madainn.

16Ach mas bòid no tabhartas deònach ìobairt a thabhartais, anns an là sin fhèin anns an toir e seachad a ìobairt, ithear i; agus air an là màireach, mar an ceudna, ithear a fuidheall.

17Ach loisgear le teine fuidheall feòil na h‑ìobairt air an treas là.

18Agus ma dh’ithear idir a’ bheag de fheòil ìobairt a thabhartasan-sìthe air an treas là, cha ghabhar i, cha mhò a mheasar i dhàsan a bheir seachad i: bidh i na gràinealachd, agus an t‑anam a dh’itheas dhith giùlainidh e a aingidheachd.

19Agus an fheòil a bheanas ri nì sam bith neòghlan, chan ithear i; loisgear i le teine: agus a‑thaobh na feòla, gach neach a bhios glan, ithidh e dhith.

20Ach an t‑anam a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bhuineas don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh.

21Agus an t‑anam a bheanas ri nì sam bith neòghlan, ri neòghlaine duine, no ri ainmhidh neòghlan, no ri gràinealachd neòghlain sam bith, agus a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas-sìthe a bhuineas don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh.

22Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

23Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Saill sam bith daimh, no caorach, no goibhre, chan ith sibh.

24Agus faodar saill ainmhidh a gheibh bàs leis fhèin, agus saill an ainmhidh sin a reubar le fiadh-bheathaichean, a ghnàthachadh gu feum sam bith eile; ach chan ith sibh idir dhith;

25Oir ge bè a dh’itheas saill on ainmhidh sin den toir daoine seachad ìobairt a loisgear le teine don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin a dh’itheas dhith as o a shluagh.

26Agus chan ith sibh gnè sam bith fala, mas ann de eòin no de ainmhidh, ann an aon air bith de ur n‑àiteachan-còmhnaidh.

27Gach anam a dh’itheas gnè sam bith fala, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh.

28Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

29Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Esan a bheir seachad ìobairt a thabhartas-sìthe don Tighearna, bheir e leis a thabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, de ìobairt a thabhartasan-sìthe.

30Bheir a làmhan fhèin leo tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine; an t‑saill maille ris an uchd, seo bheir e leis, a‑chum gun luaisgear an t‑uchd mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.

31Agus loisgidh an sagart an t‑saill air an altair: ach bidh an t‑uchd le Aaron agus le a mhic.

32Agus an slinnean deas bheir sibh don t‑sagart mar thabhartas-togte, de ìobairtean ur tabhartasan-sìthe.

33Aigesan de mhic Aaroin a bheir suas fuil nan tabhartas-sìthe, agus an t‑saill, bidh an slinnean deas mar a chuibhreann.

34Oir ghabh mi an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte o chloinn Israeil, de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, agus thug mi iad do Aaron an sagart, agus da mhic, le reachd sìorraidh o mheasg chloinn Israeil.

35Is e seo cuibhreann ungadh Aaroin, agus ungadh a chuid mac, de thabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, anns an là anns an tug e an làthair iad a fhrithealadh don Tighearna ann an dreuchd an t‑sagairt;

36A dh’àithn an Tighearna a thoirt dhaibh o chloinn Israeil, anns an là anns an d’ung e iad, le reachd sìorraidh air feadh an ginealaichean.

37Is e seo lagh na h‑ìobairt-loisgte, an tabhartais-bhìdh, agus na h‑ìobairt-pheacaidh, agus na h‑ìobairt-easaontais, agus nan coisrigeadh, agus ìobairt nan tabhartas-sìthe,

38A dh’àithn an Tighearna do Mhaois ann an sliabh Shinài, anns an là anns an d’àithn e do chloinn Israeil an tabhartasan a thoirt seachad don Tighearna, ann am fàsach Shinài.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index