Search form

Àireamh 10

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Dèan dhut fhèin dà thrompaid airgid; a dh’aon mhìr nì thu iad; agus gnàthaichidh tu iad a ghairm a’ choitheanail, agus a‑chum turas nan camp.

3Agus nuair a shèideas iad leo, cruinnichidh an coitheanal uile iad fhèin ad ionnsaigh aig doras pàillean a’ choitheanail.

4Agus mura sèid iad ach le aon trompaid, an sin cruinnichidh na ceannardan a tha nan cinn-fheadhna air mhìltean Israeil iad fhèin ad ionnsaigh.

5Nuair a shèideas sibh caismeachd, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird an ear air an aghaidh.

6Nuair a shèideas sibh caismeachd an dara uair, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird a deas air an aghaidh: sèididh iad caismeachd a‑chum an turasan.

7Ach nuair a tha an coitheanal gu bhith air a chruinneachadh an ceann a chèile, sèididh sibh, ach cha sèid sibh caismeachd.

8Agus sèididh mic Aaroin, na sagartan, leis na trompaidean; agus bidh iad dhuibh mar reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean.

9Agus ma thèid sibh gu cogadh nur dùthaich an aghaidh an nàmhaid a tha a’ dèanamh fòirneirt oirbh, an sin sèididh sibh caismeachd leis na trompaidean; agus cuimhnichear sibh an làthair an Tighearna ur Dia, agus saorar sibh o ur naimhdean.

10Mar an ceudna ann an là ur subhachais, agus nur n‑àrd làithean fèille, agus ann an toiseach ur mìosan, sèididh sibh leis na trompaidean os cionn ur n‑ìobairtean-loisgte, agus os cionn ìobairtean ur tabhartas-sìthe; agus bidh iad dhuibh mar chuimhneachan an làthair ur Dè; Is mise an Tighearna ur Dia.

11Agus thàrladh air an fhicheadamh là den dara mìos, anns an dara bliadhna, gun do thogadh suas an neul o uachdar pàillean na Fianais.

12Agus ghabh clann Israeil an turasan à fàsach Shinài; agus stad an neul ann am fàsach Phàrain.

13Agus ghabh iad air tùs an turas a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois.

14Anns a’ chiad àite dh’imich bratach camp chloinn Iùdah, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Nahson mac Aminadaib.

15Agus air ceann sluagh treubh chloinn Isachair bha Nàtaneel mac Shuair.

16Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shebuluin bha Eliab mac Helean.

17Agus thugadh a‑nuas am pàillean; agus chaidh mic Ghersoin agus mic Mherari air an aghaidh, a’ giùlan a’ phàillein.

18Agus ghluais bratach camp Reubein air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Elisur mac Shedeuir.

19Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shimeoin bha Selumiel mac Shurisadai.

20Agus air ceann sluagh treubh chloinn Ghad bha Eliasaph mac Dheueil.

21Agus chaidh na Cohataich air an aghaidh, a’ giùlan an ionaid naoimh, agus chuireadh suas am pàillean air cheann dhaibh teachd.

22Agus ghluais bratach camp chloinn Ephraim air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean: agus air ceann a shlòigh bha Elisama mac Amihuid.

23Agus air ceann sluagh treubh chloinn Mhanaseh bha Gamaliel mac Phedahsuir.

24Agus air ceann sluagh treubh chloinn Bheniàmin bha Abidan mac Ghideoni.

25Agus chaidh bratach treubh chloinn Dhan air a h‑aghaidh, a bha air deireadh nan camp uile air feadh an slògh: agus air ceann a shlòigh bha Ahieser mac Amisadai.

26Agus air ceann sluagh treubh chloinn Aseir bha Pagiel mac Ocrain.

27Agus air ceann sluagh treubh chloinn Naphtali bha Ahira mac Enain.

28B’iad sin turasan chloinn Israeil, a rèir an armailtean, nuair a ghluais iad air an aghaidh.

29Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.

30Agus thubhairt e ris, Cha tèid mi maille ribh: ach imichidh mi a‑chum mo dhùthcha fhèin, agus a‑chum mo dhìlsean fhèin.

31Agus thubhairt e, Na fàg sinn, guidheam ort; oir tha fhios agad cionnas a champaicheas sinn anns an fhàsach, agus bidh tu dhuinn an àite shùl.

32Agus tàrlaidh, ma thèid thu maille rinn, seadh, tàrlaidh ge bè math a nì Dia dhuinne, gun dèan sinne am math ceudna dhutsa.

33Agus dh’imich iad o shliabh an Tighearna astar trì làithean: agus chaidh àirc coicheangal an Tighearna romhpa astar trì làithean, a rannsachadh a‑mach àite-tàimh dhaibh.

34Agus bha neul an Tighearna orra anns an là, nuair a chaidh iad a‑mach as a’ champ.

35Agus thàrladh, nuair a bha an àirc gu dol air a h‑aghaidh, gun dubhairt Maois, Eirich suas, a Thighearna, agus biodh do naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh a’ mhuinntir leis am fuathach thu romhad.

36Agus nuair a stad i, thubhairt e, Till, a Thighearna, a‑chum nam mìltean de mhìltean Israeil.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index